Eòin 13
13
Ìosa a' Nighe Casan a Dheisciobal
1A‑nis ro Fhèill na Càisge, nuair a b' aithne do dh'Ìosa gun robh an uair aige air tighinn airson a dhol às an t‑saoghal seo chun an Athar, às dèidh dha a mhuinntir fhèin a bh' anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e chun an deiridh iad.
2Agus fhad 's a bha iad aig suipear, bha an diabhal mu thràth air a chur ann an cridhe Iùdais Iscariot, mac Shìmoin, esan a bhrath. 3Bha fios aig Ìosa gun tug an t‑Athair a h‑uile rud dha na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann gu Dia a bha e a' dol. 4Dh'èirich Ìosa on t‑suipeir, agus chuir e dheth an t‑aodach‑uachdair aige, agus a' gabhail grèim air searbhadair, shuain e mun cuairt air fhèin e. 5An uair sin, dhòirt e uisge ann an soitheach‑nighe, agus thòisich e air casan nan deisciobal a nighe agus an tiormachadh leis an t‑searbhadair a bha suainte mun cuairt air fhèin.
6Thàinig e gu Sìmon Peadar, a thuirt ris, “A Thighearna, a bheil thusa a' dol a nighe mo chasan‑sa?”
7Fhreagair Ìosa, “An rud seo a tha mi a' dèanamh cha tuig thusa an‑dràsta, ach tuigidh tu às dèidh seo.”
8Thuirt Peadar ris, “Cha nigh thu mo chasan‑sa gu bràth.”
Fhreagair Ìosa e, “Mura nigh mi thu, chan eil pàirt agad còmhla rium.”
9Thuirt Sìmon Peadar ris, “A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach cuideachd mo làmhan agus mo cheann!”
10Fhreagair Ìosa, “An neach a th' air a nighe, chan eil feum aige ach air a chasan a ghlanadh agus tha e gu h‑iomlan glan. Agus tha sibhse glan, ach chan eil a h‑uile h‑aon agaibh glan.” 11Oir bha fios aige cò a bha a' dol ga bhrathadh; b' ann air an adhbhar sin a thuirt e, “Chan eil a h‑uile h‑aon agaibh glan.”
12Mar sin, às dèidh dha an casan a nighe, agus a chuid aodaich uachdair a chur air, shuidh e air ais na àite fhèin, agus thuirt e riutha, “A bheil sibh a' tuigsinn dè a rinn mi dhuibh? 13Tha sibh a' gabhail Fear‑Teagaisg agus Tighearna ormsa, agus tha sibh ceart, oir is e sin a th' annam. 14Mar sin, ma nigh mise – ur Tighearna agus ur Fear‑Teagaisg – ur casan‑se, bu chòir dhuibhse cuideachd casan a chèile a nighe. 15Oir thug mi eisimpleir dhuibh, airson 's gun dèanadh sibhse cuideachd mar a rinn mise dhuibhse. 16Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir, agus chan eil teachdaire nas motha na an neach a chuir a‑mach e. 17Mas aithne dhuibh na rudan seo, is beannaichte a tha sibh ma nì sibh iad.”
Ìosa a' Fàidheadaireachd mu a Bhrathadh
18“Chan eil mi a' bruidhinn mur deidhinn uile; is aithne dhomh cò iad a thagh mi. Ach feumaidh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh: ‘An neach a tha ag ithe m' aran‑sa, thog e a shàil nam aghaidh.’#Salm 41:9
19“Tha mi ag innse seo dhuibh a‑nis mus tachair e, airson 's nuair a thachras e, gun creid sibh gur mise esan. 20Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise a‑mach, tha e a' gabhail riumsa, agus ge b' e cò a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an aon a chuir a‑mach mi.”
21Às dèidh do dh'Ìosa na rudan seo a ràdh, bha e fo dhragh mòr na spiorad, agus thug e fianais, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.”
22Sheall na deisciobail ri chèile agus iad mì‑chinnteach a thaobh cò ma dheidhinn a bha e a' bruidhinn. 23Bha aon dhe na deisciobail aige, am fear a bu ghràdhach le Ìosa, na shìneadh air com Ìosa. 24Mar sin smèid Sìmon Peadar ris‑san, airson 's gum faighnicheadh e do dh'Ìosa cò mu dheidhinn a bhruidhinn e.
25A' sìneadh air ais mar sin air com Ìosa, thuirt e ris, “A Thighearna, cò e?”
26Fhreagair Ìosa, “Is esan an neach sin dhan toir mise an grèim arain seo, às dèidh dhomh a bhogadh.” Agus nuair a bhog e an grèim, thug e do dh'Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, e. 27An uair sin, às dèidh dha an grèim a ghabhail, chaidh an Sàtan a‑steach ann.
Mar sin thuirt Ìosa ris, “An rud a tha thu a' dol a dhèanamh, dèan gu luath e.” 28Ach cha do thuig aon dhiubhsan a bha aig a' bhòrd carson a thuirt e seo ris. 29Shaoil cuid dhiubh, a chionn 's gun robh an sporan aig Iùdas, gun robh Ìosa ag ràdh ris, “Ceannaich na rudan a tha a dhìth oirnn airson na Fèille,” no gum bu chòir dha rudeigin a thoirt dha na bochdan. 30Mar sin, às dèidh dhàsan an grèim a ghabhail, chaidh e a‑mach anns a' bhad; agus bha an oidhche ann.
Ìosa a' Fàidheadaireachd mu Àicheadh Pheadair
31Nuair a bha esan air a dhol a‑mach, thuirt Ìosa, “A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh, agus tha Dia air a ghlòrachadh annsan. 32Ma tha Dia air a ghlòrachadh annsan, glòraichidh Dia esan cuideachd ann fhèin, agus glòraichidh e anns a' bhad e.
33“A chlann bheag, bidh mise còmhla ribh dìreach ùine bheag fhathast. Siridh sibh mi, agus dìreach mar a thuirt mi ri na h‑Iùdhaich, tha mi a‑nis ag ràdh ribhse, ‘Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’.
34“Àithne ùr tha mi a' toirt dhuibh, gun gràdhaich sibh a chèile. Dìreach mar a ghràdhaich mise sibhse, feumaidh sibh fhèin a chèile a ghràdhachadh cuideachd. 35Le seo aithnichidh na h‑uile gur sibh mo dheisciobail‑sa, ma bhios gràdh agaibh dha chèile.”
36Thuirt Sìmon Peadar ris, “A Thighearna, càit a bheil thu a' dol?”
Fhreagair Ìosa e, “Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhutsa mo leantainn an‑dràsta, ach leanaidh tu mi às dèidh seo.”
37Thuirt Peadar ris, “A Thighearna, carson nach urrainn dhomh do leantainn an‑dràsta? Leigidh mise sìos mo bheatha air do shon.”
38Fhreagair Ìosa, “An leig thusa do bheatha sìos air mo shon‑sa? Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh riut nach gairm an coileach gus an àich thu mi trì tursan.”
Избрани в момента:
Eòin 13: ATN
Маркирай стих
Споделяне
Копиране
Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: