Eòin 6
6
Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle
1Às dèidh seo dh'fhalbh Ìosa gu taobh thall Muir Ghalile (is e sin Muir Thiberiais), 2agus lean sluagh mòr e a chionn 's gum faca iad na comharraidhean mìorbhaileach a rinn e orrasan a bha tinn. 3An uair sin chaidh Ìosa suas air beinn agus shuidh e sìos an sin còmhla ri a dheisciobail. 4Bha a' Chàisg, Fèill nan Iùdhach, faisg.
5Mar sin nuair a sheall Ìosa suas agus a chunnaic e gun tàinig sluagh mòr thuige, thuirt e ri Philip, “Càit an ceannaich sinn aran airson 's gun ith iad seo?” 6(Ach thuirt e seo airson esan a dhearbhadh, oir bha fios aige fhèin dè a bha e a' dol a' dhèanamh.)
7Fhreagair Philip e, “Cha b' urrainn do thuarastal ochd mìosan gu leòr arain a cheannach airson 's gum biodh beagan aig gach aon dhiubh!”
8Thuirt aon eile dhe a dheisciobail, Anndra, bràthair Shìmoin Pheadair, ris, 9“Tha balach an seo aig a bheil còig lofaichean eòrna agus dà iasg bheag, ach dè a th' anntasan am measg na h‑uiread?”
10Thuirt Ìosa, “Thoiribh air na daoine suidhe sìos.” A‑nis bha tòrr feòir anns an àite, agus mar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh mu chòig mìle. 11Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a' mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h‑èisg – na h‑uimhir is a bu mhiann leotha.
12Nuair a bha iad air an riarachadh, thuirt e ri a dheisciobail, “Cruinnichibh na criomagan a th' air am fàgail gus nach tèid rud sam bith a dholaidh.” 13Mar sin chruinnich iad còmhla iad agus lìon iad dà chliabh dheug de chriomagan nan còig lofaichean eòrna, a dh'fhàg iadsan a bha air ithe.
14Às dèidh dha na daoine an comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa fhaicinn, thuirt iad, “Is e seo gu fìrinneach am Fàidh a tha ri thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.” 15Mar sin nuair a thuig Ìosa gun robh iad am beachd tighinn agus breith air le làimh làidir airson 's gun dèanadh iad rìgh dheth, tharraing e air ais a‑rithist dhan bheinn na aonar.
Ìosa a' Coiseachd air a' Mhuir
16A‑nis nuair a thàinig am feasgar, chaidh a dheisciobail sìos chun na mara, 17agus a' dol air bòrd eathair thòisich iad air a dhol thairis air a' mhuir gu Capernàum. Mun àm seo bha e a‑nis dorcha, agus cha robh Ìosa fhathast air tighinn thuca. 18An uair sin dh'èirich a' mhuir a chionn 's gun robh gaoth mhòr a' sèideadh. 19Mar sin nuair a bha iad air iomradh mu chòig no sia cilemeatair#6:19 Trì mìle no trì mìle gu leth. Gu lit.: “25 no 30 stadia”, chunnaic iad Ìosa a' coiseachd air a' mhuir 's a' tighinn faisg air an eathar, agus bha an t‑eagal orra. 20Ach thuirt esan riutha, “Is mise a th' ann; na biodh eagal oirbh.” 21An uair sin bha iad toilichte a thoirt a‑steach dhan eathar, agus anns a' bhad ràinig an t‑eathar an tìr far an robh iad a' dol.
22Air an ath latha chunnaic an sluagh a dh'fhuirich air taobh thall na mara nach robh ach aon eathar air a bhith an sin, agus nach robh Ìosa air a dhol a‑steach innte còmhla ri a dheisciobail, ach gun do dh'fhalbh a dheisciobail nan aonar. 23Thàinig eathraichean beaga eile o Thiberias faisg air an àite sin anns an do dh'ith iad an t‑aran, às dèidh dhan Tighearna altachadh a dhèanamh. 24Mar sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Ìosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin cuideachd dha na h‑eathraichean beaga agus chaidh iad a Chapernàum, a lorg Ìosa.
Ìosa Aran na Beatha
25Nuair a lorg iad e air taobh thall na mara, thuirt iad ris, “A Rabaidh, cuin a thàinig thu an seo?”
26Fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, tha sibh gam shireadh, chan ann a chionn 's gum faca sibh na comharraidhean mìorbhaileach, ach a chionn 's gun do dh'ith sibh dhe na lofaichean agus gun robh sibh air ur sàsachadh. 27Na dèanaibh saothair airson a' bhìdh a thèid a dholaidh ach airson a' bhìdh a mhaireas chun na beatha sìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh. Oir airsan chuir Dia an t‑Athair a sheula.”
28An uair sin thuirt iad ris, “Dè a dh'fheumas sinn a dhèanamh airson 's gun dèan sinn obraichean Dhè?”
29Fhreagair Ìosa, “Is i seo obair Dhè, gun creid sibh anns an aon a chuir e a‑mach.”
30Mar sin thuirt iad ris, “Dè an comharra mìorbhaileach a nì thusa, ma‑thà, airson 's gum faic sinn agus gun creid sinn thu? Dè an obair a nì thu? 31Dh'ith ar n‑athraichean mana anns an fhàsach; a rèir mar a tha e sgrìobhte: ‘Thug e dhaibh aran o nèamh ri ithe.’”
32An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha b' e Maois a thug dhuibh an t‑aran o nèamh, ach 's e m' Athair‑sa a tha a' toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh. 33Oir is e aran Dhè a th' annsan a tha a' tighinn a‑nuas o nèamh agus a tha a' toirt beatha dhan t‑saoghal.”
34An uair sin thuirt iad ris, “A Thighearna, thoir dhuinne an t‑aran seo an‑còmhnaidh.”
35Thuirt Ìosa riutha, “Is mise aran na beatha. An neach a thig thugamsa, cha bhi acras air, agus an neach a chreideas annamsa, cha bhi pathadh air gu bràth. 36Ach thuirt mi ribh gu bheil sibh air m' fhaicinn, agus fhathast chan eil sibh a' creidsinn. 37Gach neach a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e thugam, agus an neach a thig thugam, cha tilg mi air adhbhar sam bith a‑mach. 38Oir tha mi air tighinn a‑nuas o nèamh, chan ann airson mo thoil fhèin a dhèanamh ach airson toil an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh. 39Agus is i seo toil an Athar a chuir a‑mach mi, nach caillinn neach sam bith dhe na h‑uile a thug e dhomh, ach gun togainn suas iad air an latha dheireannach. 40Oir is i seo toil m' Athar, gum biodh a' bheatha shìorraidh aig gach neach a choimheadas ris a' Mhac agus a chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.”
41Mar sin thòisich na h‑Iùdhaich a' gearain ma dheidhinn a chionn 's gun tuirt e, “Is mise an t‑aran a thàinig a‑nuas o nèamh.” 42Thuirt iad, “Nach e seo Ìosa, mac Iòsaiph, aig a bheil athair is màthair as aithne dhuinn? Ciamar a‑nis as urrainn dha a ràdh, ‘Thàinig mi a‑nuas o nèamh’?”
43Fhreagair Ìosa iad, “Na dèanaibh gearan nur measg fhèin. 44Chan urrainn do neach sam bith tighinn thugamsa mura tarraing an t‑Athair a chuir a‑mach mise e, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. 45Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, ‘Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia.’#Isa. 54:13 Tha a h‑uile neach a dh'èisteas ris an Athair agus a dh'ionnsaicheas uaithe a' tighinn thugamsa. 46Chan e gum faca neach sam bith an t‑Athair ach an t‑aon a tha o Dhia; is esan a‑mhàin a chunnaic an t‑Athair. 47Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach a tha a' creidsinn, tha a' bheatha shìorraidh aige. 48Is mise aran na beatha. 49Dh'ith ur n‑athraichean am mana anns an fhàsach agus bhàsaich iad. 50Is e seo an t‑aran a tha a' tighinn a‑nuas o nèamh, airson 's gun ith neach dheth agus nach bàsaich e. 51Is mise an t‑aran beò a thàinig a‑nuas o nèamh. Ma dh'itheas neach sam bith dhen aran seo, bidh e beò gu sìorraidh; agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m' fheòil a th' ann, airson beatha an t‑saoghail.”
52Mar sin bha na h‑Iùdhaich ag argamaid nam measg fhèin, “Ciamar as urrainn dhan duine seo an fheòil aige fhèin a thoirt dhuinne ri h‑ithe?”
53Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura h‑ith sibh feòil Mhic an Duine, agus mura h‑òl sibh fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh. 54Ge b' e cò a dh'itheas m' fheòil‑sa agus a dh'òlas m' fhuil‑sa, tha a' bheatha shìorraidh aige, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach. 55Oir is e fìor bhiadh a tha nam fheòil agus is e fìor dheoch a tha nam fhuil. 56Ge b' e cò a dh'itheas m' fheòil‑sa agus a dh'òlas m' fhuil‑sa, tha e a' fantainn annamsa, agus mise annsan. 57Mar a chuir an t‑Athair beò mise a‑mach agus a tha mise beò air sgàth an Athar, mar sin tha esan a dh'itheas mise: bidh e cuideachd beò air mo sgàth‑sa. 58Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh'ith na h‑athraichean agus a bhàsaich iad. Ge b' e cò a dh'itheas an t‑aran seo, bidh e beò gu bràth.” 59Thuirt e na rudan seo fhad 's a bha e a' teagasg anns an t‑sionagog ann an Capernàum.
Mòran Dheisciobal a' Trèigsinn Ìosa
60Mar sin, nuair a chuala iad seo, thuirt mòran dhe a dheisciobail, “Is e teachdaireachd chruaidh a tha an seo. Cò a tha an comas èisteachd rithe?”
61Ach, ag aithneachadh ann fhèin gun robh a dheisciobail a' gearain mun seo, thuirt Ìosa riutha, “A bheil seo a' toirt oilbheim dhuibh? 62Dè nam faiceadh sibh Mac an Duine a' dol suas dhan àite anns an robh e roimhe? 63Is e an Spiorad a bheothaicheas; chan eil buannachd sam bith anns an fheòil. Na faclan a tha mise air a ràdh ribh, is e spiorad agus is e beatha a th' annta. 64Ach tha cuid dhibhse nach eil a' creidsinn.” (Oir b' aithne do dh'Ìosa on toiseach cò iad nach robh a' creidsinn agus cò a dhèanadh brathadh air.) 65Agus thuirt e, “Is e seo an t‑adhbhar gun tuirt mi ribh nach urrainn do neach sam bith tighinn thugamsa mura h‑eil an t‑Athair air an comas a thoirt dha.”
66On àm sin thionndaidh mòran dhe a dheisciobail air ais agus cha do choisich iad tuilleadh còmhla ris.
67Mar sin thuirt Ìosa ris an dà fhear dheug, “Am bu toigh leibhse falbh cuideachd?”
68Fhreagair Sìmon Peadar e, “A Thighearna, cò thuige a thèid sinn? Is ann agadsa a tha faclan na beatha shìorraidh. 69Agus tha sinne air creidsinn, agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, gur tusa Aon Naomh Dhè.”
70Fhreagair Ìosa iad, “Nach do thagh mise sibhse, an dà fhear dheug? Agus fhathast tha aon agaibh na dhiabhal?” 71Bhruidhinn e mu Iùdas, mac Shìmoin Iscariot, oir b' esan – aon dhen dà fhear dheug – an neach a bha a' dol ga bhrathadh.
Избрани в момента:
Eòin 6: ATN
Маркирай стих
Споделяне
Копиране
Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: