Лого на YouVersion
Иконка за търсене

Eòin 8

8
Boireannach air a Glacadh ann an Adhaltranas
1Ach chaidh Ìosa gu Beinn nan Crann‑Ola. 2Tràth anns a' mhadainn thàinig e a‑rithist a‑steach dhan teampall, agus chruinnich an sluagh uile timcheall air, agus shuidh e sìos agus theagaisg e iad. 3Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich boireannach thuige a chaidh a ghlacadh ann an adhaltranas. Thug iad oirre seasamh anns a' mheadhan 4agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, chaidh am boireannach seo a ghlacadh anns an dearbh ghnìomh, a' dèanamh adhaltranais. 5Ach dh'àithn lagh Mhaois dhuinn a leithid‑se a chlachadh. Dè a‑nis a tha thusa ag ràdh?” 6Thuirt iad seo airson a dhearbhadh, airson 's gum biodh cùis‑chasaid aca na aghaidh.
Ach chrom Ìosa sìos agus sgrìobh e le a chorraig air an talamh. 7Nuair a chùm iad orra ga cheasnachadh sheas e suas agus thuirt e riutha, “An neach a tha gun pheacadh nur measg‑se, tilgeadh esan clach oirre an toiseach.” 8Agus chrom e sìos a‑rithist agus sgrìobh e air an talamh.
9Ach nuair a chuala iadsan seo, chaidh iad a‑mach aon às dèidh aoin, a' tòiseachadh leis an fheadhainn a bu shine, agus chaidh Ìosa fhàgail na aonar, agus am boireannach na seasamh anns a' mheadhan. 10Sheas Ìosa suas agus dh'fhaighnich e dhi, “A bhoireannaich, càit a bheil iad? Nach do dhìt neach sam bith thu?”
11Thuirt i, “Cha do dhìt neach sam bith, a Thighearna.”
Agus thuirt Ìosa rithe, “Cha mhotha a tha mise gad dhìteadh; thalla, agus on àm seo na peacaich tuilleadh.”
Fianais Ìosa air a Dearbhadh
12Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, ag ràdh, “Is mise solas an t‑saoghail. An neach a leanas mise, cha choisich e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.”
13Thuirt na Pharasaich ris, “Tha thu a' toirt fianais mud dheidhinn fhèin; chan eil d' fhianais fìor.”
14Fhreagair Ìosa, “Fiù 's ged a tha mi a' toirt fianais mum dheidhinn fhèin, a dh'aindeoin sin tha m' fhianais fìor, oir tha fios agam cò às a thàinig mi, agus càit a bheil mi a' dol. Ach chan eil fios agaibhse cò às a thàinig mi, no càit a bheil mi a' dol. 15Tha sibhse a' toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a' toirt breith air neach sam bith. 16Ach a dh'aindeoin sin, ma bheir mise breith, tha mo bhreith fìrinneach, oir cha mhise nam aonar a tha a' toirt breith, ach mise agus an t‑Athair a chuir a‑mach mi. 17Anns an lagh agaibh fhèin tha e sgrìobhte gu bheil fianais dithis dhaoine fìor. 18Is mise an t‑aon a tha a' dèanamh fianais mum thimcheall fhèin, agus tha an t‑Athair a chuir a‑mach mi a' dèanamh fianais mum thimcheall.”
19Thuirt iad ris, “Càit a bheil d' athair?”
Fhreagair Ìosa, “Chan aithne dhuibhse aon chuid mise no m' Athair; nam biodh eòlas agaibh ormsa, bhiodh eòlas agaibh air m' Athair cuideachd.” 20Dh'aithris Ìosa na briathran seo ann an ionad an ionmhais, fhad 's a bha e a' teagasg anns an teampall. Ach cha do ghlac neach sam bith e, oir cha robh an uair aige fhathast air tighinn.
Beachdan air cò a Bh' ann an Ìosa
21Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, “Tha mise a' falbh, agus bidh sibh gam shireadh, agus bàsaichidh sibh nur peacadh. Chan urrainn dhuibhse tighinn dhan àite far a bheil mise a' dol.”
22Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich, “Am marbh e e fhèin a chionn 's gun tuirt e, ‘Far a bheil mise a' dol, chan urrainn dhuibhse tighinn’?”
23Agus lean e air, “Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas. Is ann dhen t‑saoghal seo a tha sibhse; chan eil mise dhen t‑saoghal seo. 24Dh'innis mi dhuibh gum bàsaicheadh sibh nur peacaidhean; oir mura creid sibh gur ‘mise E’#8:24 Ecs. 3:14 “Is mi an t‑aon as mi.”, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.”
25Thuirt iadsan, “Cò thusa?”
Thuirt Ìosa riutha, “An neach sin fhèin a thuirt mi ribh on toiseach. 26Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur deidhinn‑se. Ach tha an t‑aon a chuir a‑mach mi fìrinneach, agus tha mise ag innse dhan t‑saoghal na rudan a chuala mi uaithesan.”
27Cha do thuig iad gum b' ann mun Athair a bhruidhinn e riutha. 28Mar sin thuirt Ìosa riutha, “Nuair a tha sibh air Mac an Duine a thogail suas, an uair sin bidh fios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a' dèanamh rud sam bith uam fhèin, ach gu bheil mi a' bruidhinn dìreach mar a theagaisg an t‑Athair dhomh. 29Agus tha an t‑aon a chuir a‑mach mi còmhla rium; cha do dh'fhàg esan nam aonar mi, a chionn 's gu bheil mi an‑còmhnaidh a' dèanamh nan rudan sin a tha ga thoileachadh.” 30Fhad 's a bha e ag ràdh nan rudan seo, chreid mòran ann.
Nì an Fhìrinn Saor Sibh
31Mar sin thuirt Ìosa ris na h‑Iùdhaich a chreid ann, “Ma dh'fhanas sibh dìleas dham theagasg‑sa, is sibh dha‑rìribh mo dheisciobail 32agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn, agus nì an fhìrinn saor sibh.”
33Fhreagair iad e, “Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh nar tràillean aig duine sam bith. Carson a tha thusa ag ràdh, ‘Bidh sibh air ur dèanamh saor’?”
34Fhreagair Ìosa, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e cò a nì peacadh, is e tràill dhan pheacadh a th' ann. 35Chan eil an tràill a' fantainn anns an taigh gu bràth, ach tha am mac a' fantainn gu bràth. 36Mar sin, ma nì am Mac saor sibh, bidh sibh saor dha‑rìribh. 37Tha fios agam gur e sliochd Abrahàim a th' annaibh. Ach tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh a chionn 's nach eil àite aig m' fhacal annaibh. 38Tha mise ag ràdh an rud sin a chunnaic mi aig an Athair, agus tha sibhse a' dèanamh an rud a chunnaic sibh aig ur n‑athair fhèin.”
39Fhreagair iadsan, “Is e Abrahàm ar n‑athair‑ne.”
Thuirt Ìosa riutha, “Nam biodh sibh nur cloinn do dh'Abrahàm, dhèanadh sibh na h‑obraichean aig Abrahàm. 40Ach a‑nis tha sibh a' feuchainn ri mise a mharbhadh, duine a dh'innis an fhìrinn dhuibh a chuala mi o Dhia. Cha do rinn Abrahàm seo. 41Tha sibhse a' dèanamh obraichean ur n‑athar fhèin.”
Thuirt iad ris, “Cha do rugadh sinne o strìopachas, tha aon Athair againn – eadhon Dia.”
Clann an Diabhail
42Thuirt Ìosa riutha, “Nam b' e Dia ur n‑athair, ghràdhaicheadh sibh mise, oir chaidh mise a‑mach agus thàinig mi o Dhia. Cha tàinig mi uam fhèin, ach chuir esan a‑mach mi. 43Carson nach eil sibh a' tuigsinn na tha mi ag ràdh? Is ann a chionn 's nach urrainn dhuibh èisteachd rim theagasg a tha e. 44Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige. 45Ach a chionn 's gu bheil mise ag innse na fìrinn, chan eil sibh gam chreidsinn! 46Cò agaibhse a dhearbhas gu bheil mise ciontach dhen pheacadh? Ma tha mi ag innse na fìrinn, carson nach eil sibh gam chreidsinn? 47An neach a tha o Dhia, èistidh e ri briathran Dhè. Is e an t‑adhbhar nach eil sibh gan cluinntinn nach ann o Dhia a tha sibh.”
Tagraidhean Ìosa ma dheidhinn Fhèin
48Fhreagair na h‑Iùdhaich Ìosa, “Nach math a tha sinn ag ràdh gur e Samaritanach a th' annad agus gu bheil deamhan annad.”
49Fhreagair e, “Chan eil deamhan annam: tha urram agamsa dham Athair, ach tha eas‑urram agaibhse dhòmhsa. 50Ach chan eil mi ag iarraidh mo ghlòir fhèin: tha aon ann a tha ga sireadh, agus is esan am britheamh. 51Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma chumas neach m' fhacal‑sa, chan fhaic e bàs gu bràth.”
52An uair sin thuirt na h‑Iùdhaich ris, “A‑nis tha fios againn gu bheil deamhan annad. Fhuair Abrahàm bàs, fhuair agus na fàidhean, ach tha thusa ag ràdh, ‘Ma chumas neach m' fhacal‑sa, cha bhlais e bàs gu bràth.’ 53Chan eil thusa nas motha na ar n‑athair Abrahàm, a fhuair bàs, a bheil? Fhuair na fàidhean bàs cuideachd! Cò a tha thu a' dèanamh dhìot fhèin?”
54Fhreagair Ìosa, “Ma tha mi a' toirt glòir dhomh fhèin, chan eil nam ghlòir ach neoni. Is e m' Athair, a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia, a tha a' toirt glòir dhomh. 55Ach chan eil sibh air eòlas a chur air. Tha eòlas agamsa air, agus nan canainn nach aithne dhomh e, bhithinn nam bhreugaire coltach ribhse, ach is aithne dhomh e agus tha mi a' cumail an fhacail aigesan. 56Rinn Abrahàm ur n‑athair‑se aoibhneas gum faiceadh e mo latha‑sa; chunnaic e e, agus bha e aoibhneach.”
57Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich ris, “Chan eil thu fhathast caogad bliadhna a dh'aois, agus a bheil thu air Abrahàm fhaicinn?”
58Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mun robh Abrahàm ann, ‘Is mi.’” #8:58 Ecs. 3:14 “Is mi an t‑aon as mi.” 59Mar sin thog iadsan clachan airson an tilgeil air Ìosa, ach dh'fhalaich e e fhèin agus chaidh e a‑mach às an teampall.

Избрани в момента:

Eòin 8: ATN

Маркирай стих

Споделяне

Копиране

None

Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте