Agus bidh comharraidhean anns a’ ghrèin, agus anns a’ ghealaich, agus anns na reultan; agus air an talamh teanntachd nan cinneach ann an ioma-chomhairle; an cuan agus na tonnan a’ beucaich;
Cridheachan dhaoine gan trèigsinn tro eagal, agus feitheamh nan nithean sin a tha teachd air an domhan: oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.
Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd ann an neul, le cumhachd agus mòr-ghlòir.