1
Ròmanaich 13:14
Am Bìoball Gàidhlig 1992
ABG1992
Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana-miannan a riarachadh.
Compare
Explore Ròmanaich 13:14
2
Ròmanaich 13:8
Na biodh fiachan sam bith aig aon neach oirbh, ach a‑mhàin a chèile a ghràdhachadh: oir an tì aig a bheil gràdh do neach eile, choilean e an lagh.
Explore Ròmanaich 13:8
3
Ròmanaich 13:1
Biodh gach anam umhail do na h‑àrd-chumhachdan. Oir chan eil cumhachd ann ach o Dhia: agus na cumhachdan a tha ann, is ann le Dia a dh’òrdaicheadh iad.
Explore Ròmanaich 13:1
4
Ròmanaich 13:12
Tha cuid mhòr den oidhche air dol seachad, tha an là am fagas: uime sin cuireamaid dhinn obraichean an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t‑solais.
Explore Ròmanaich 13:12
5
Ròmanaich 13:10
Cha dèan gràdh lochd do choimhearsnach: air an adhbhar sin is e an gràdh coileanadh an lagha.
Explore Ròmanaich 13:10
6
Ròmanaich 13:7
Air an adhbhar sin thugaibh do na h‑uile an dlighe fhèin: càin dhàsan don dlighear càin, cìs dhàsan don dlighear cìs, eagal dhàsan don dlighear eagal, agus urram dhàsan don dlighear urram.
Explore Ròmanaich 13:7