1
Ròmanaich 5:8
Am Bìoball Gàidhlig 1992
ABG1992
Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.
Compare
Explore Ròmanaich 5:8
2
Ròmanaich 5:5
Agus cha nàraich an dòchas, do bhrìgh gu bheil gràdh Dhè air a dhòrtadh a‑mach nar cridheachan, tre an Spiorad Naomh a thugadh dhuinn.
Explore Ròmanaich 5:5
3
Ròmanaich 5:3-4
Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn mar an ceudna a’ dèanamh uaill ann an trioblaidean, do bhrìgh gu bheil fhios againn gun obraich trioblaid foighidinn; Agus foighidinn, dearbhadh; agus dearbhadh, dòchas
Explore Ròmanaich 5:3-4
4
Ròmanaich 5:1-2
Uime sin air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre chreideamh, tha sìth againn ri Dia, tre an Tighearna Iosa Crìosd: Tre a bheil againn mar an ceudna slighe gu dol a‑steach tre chreideamh a‑chum a’ ghràis seo anns a bheil sinn nar seasamh, agus tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas glòir Dhè.
Explore Ròmanaich 5:1-2
5
Ròmanaich 5:6
Oir air dhuinn a bhith fhathast gun neart, ann an àm iomchaidh bhàsaich Crìosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh.
Explore Ròmanaich 5:6
6
Ròmanaich 5:9
Is mò gu mòr uime sin, air dhuinn a‑nis a bhith air ar fìreanachadh tre a fhuil, a shaorar trìdsan o fheirg sinn.
Explore Ròmanaich 5:9
7
Ròmanaich 5:19
Oir mar tre eas-ùmhlachd aon duine a rinneadh mòran nam peacaich, is amhail sin tre ùmhlachd aon duine a nìthear mòran nam fìreanan.
Explore Ròmanaich 5:19
8
Ròmanaich 5:11
Agus chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia, tre ar Tighearna Iosa Crìosd, tre an d’fhuair sinn a‑nis an rèite.
Explore Ròmanaich 5:11