1
Eòin 10:10
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Cha tig am mèirleach ach a ghoid agus a mharbhadh agus a mhilleadh; thàinig mise airson 's gum biodh beatha aca, agus gum biodh i aca ann am pailteas.
Compare
Explore Eòin 10:10
2
Eòin 10:11
“Is mise am buachaille math. Leigidh am buachaille math a bheatha sìos airson nan caorach.
Explore Eòin 10:11
3
Eòin 10:27
Tha mo chaoraich‑sa ag èisteachd rim ghuth agus is aithne dhòmhsa iad, agus tha iad gam leantainn.
Explore Eòin 10:27
4
Eòin 10:28
Tha mi a' toirt na beatha sìorraidh dhaibh agus cha tèid an sgrios gu bràth; cha mhotha a spìonas neach sam bith às mo làimh iad.
Explore Eòin 10:28
5
Eòin 10:9
Is mise an doras; ma thig neach sam bith a‑steach tromhamsa, thèid a theàrnadh, agus thèid e a‑steach agus a‑mach, agus gheibh e ionaltradh.
Explore Eòin 10:9
6
Eòin 10:14
“Is mise am buachaille math; is aithne dhomh mo chaoraich fhèin agus is aithne dha mo chaoraich fhèin mise
Explore Eòin 10:14
7
Eòin 10:29-30
M' Athair, a th' air an toirt dhòmhsa, is motha esan na na h‑uile; chan urrainn do neach sam bith an spìonadh à làimh m' Athar. Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.”
Explore Eòin 10:29-30
8
Eòin 10:15
dìreach mar as aithne dhan Athair mise agus mar as aithne dhòmhsa an t‑Athair – agus tha mi a' leigeil mo bheatha sìos airson nan caorach.
Explore Eòin 10:15
9
Eòin 10:18
Chan eil neach sam bith ga toirt uam, ach tha mi ga leigeil sìos a rèir mo thoil fhèin. Tha ùghdarras agam a leigeil sìos agus ùghdarras a togail suas a‑rithist. An àithne seo fhuair mi om Athair.”
Explore Eòin 10:18
10
Eòin 10:7
Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur mise doras nan caorach.
Explore Eòin 10:7
11
Eòin 10:12
Ach esan a tha na fhear‑tuarastail, agus nach eil na bhuachaille, agus nach ann leis fhèin a tha na caoraich, chì e am madadh‑allaidh a' tighinn agus fàgaidh e na caoraich is teichidh e, agus glacaidh am madadh‑allaidh iad agus sgapaidh e iad.
Explore Eòin 10:12
12
Eòin 10:1
“Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an neach nach tèid a‑steach do chrò nan caorach tron doras, ach a shreapas suas air dhòigh eile, 's e mèirleach agus creachadair a th' ann.
Explore Eòin 10:1
Home
Bible
Plans
Videos