Agus nuair a bha iad air cruinneachadh còmhla ris na h‑èildearan, agus air comhairle a ghabhail, thug iad tòrr airgid dha na saighdearan, agus thuirt iad, “Canaibhse, ‘Thàinig a dheisciobail san oidhche agus ghoid iad air falbh e, nuair a bha sinne nar cadal.’ Agus ma thig seo gu cluasan an riaghladair, cuiridh sinne air dòigh e, agus chan eagal dhuibhse.” Mar sin ghabh iad an t‑airgead agus rinn iad mar a chaidh an stiùireadh. Agus tha an sgeul seo air a bhith air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an latha an‑diugh.