Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam;
Agus gun tig mi a‑rìs ann an sìth a dh’ionnsaigh taigh m’athar; an sin bidh an Tighearna agam na Dhia.
Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.