1
Marcus 10:45
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran.
Compare
Explore Marcus 10:45
2
Marcus 10:27
Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.
Explore Marcus 10:27
3
Marcus 10:52
Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.
Explore Marcus 10:52
4
Marcus 10:9
Air an adhbhar sin, an nì a chuir Dia cuideachd, na cuireadh duine o chèile.
Explore Marcus 10:9
5
Marcus 10:21
Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh; agus thig, tog an crann‐ceusaidh, agus lean mise.
Explore Marcus 10:21
6
Marcus 10:51
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.
Explore Marcus 10:51
7
Marcus 10:43
Ach cha bhi e mar sin nur measg‐se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg, bidh e na òglach agaibh
Explore Marcus 10:43
8
Marcus 10:15
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte.
Explore Marcus 10:15
9
Marcus 10:31
Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh; agus air dheireadh a bhios air thoiseach.
Explore Marcus 10:31
10
Marcus 10:6-8
Gidheadh o thoiseach na cruitheachd, rinn Dia iad fear agus bean. Air an adhbhar seo, fàgaidh duine a athair agus a mhàthair, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi‐phòsda; Agus bidh iad araon nan aon fheòil: ionnas nach dithis iad o sin suas, ach aon fheòil.
Explore Marcus 10:6-8
Home
Bible
Plans
Videos