1
Marcus 2:17
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn: cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais.
Compare
Explore Marcus 2:17
2
Marcus 2:5
Nuair a chunnaic Iosa an creideamh‐san, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
Explore Marcus 2:5
3
Marcus 2:27
Agus thubhairt e riu, Dh’òrdaicheadh an t‑sàbaid airson an duine, chan e an duine airson na sàbaid
Explore Marcus 2:27
4
Marcus 2:4
Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe.
Explore Marcus 2:4
5
Marcus 2:10-11
Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis), Tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
Explore Marcus 2:10-11
6
Marcus 2:9
Cia aca as fhasa a ràdh ris an neach air a bheil a’ phairilis, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich?
Explore Marcus 2:9
7
Marcus 2:12
Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr‐iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.
Explore Marcus 2:12
Home
Bible
Plans
Videos