Agus ghlac Iosa na builionnan; ʼs an deigh dha taing a thoirt, riaraich e orrasan a bha ʼnan suidhe; mar an ciadna de ʼn iasg, a mhiad ʼsa bʼ aill leo.
Us nuair bha iad riaraichte, thuirt e ri dheisciopuil: Tionailibh na fuighlichean, a dhʼfhagadh, los nach teid iad a dholaidh.