1
N. Luc 6:38
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Thugaibh seachad, us bheirear dhuibh: deagh thomhas, air a dhinneadh, ʼs air a chrathadh ri cheile, ʼsa cur thairis, cuiridh iad ʼnur n-uchd. Oir leis a cheart tomhas leis an tomhais sibhse, tomhaisear dhuibh air ais.
Compare
Explore N. Luc 6:38
2
N. Luc 6:45
Bho iuntas math a chridhe, bheir an duine math nichean matha; agus bho dhroch iuntas, bheir an droch dhuine nichean olca. Oir ʼsann á lanachd a chridhe a labhras am bial.
Explore N. Luc 6:45
3
N. Luc 6:35
Ach thugaibhse gaol dha ʼr naimhdean; dianaibh math, agus thugaibh coingheall seachad, gun duil ri ni air ais: us bithidh ur duais pailt, agus bithidh sibh ʼnur cloinn do ʼn Tì is airde: oir tha esan caoimhneil ris na daoine mi-thaingeil agus olc.
Explore N. Luc 6:35
4
N. Luc 6:36
Bithibhse ma ta trocaireach, mar a tha ur n-Athair trocaireach.
Explore N. Luc 6:36
5
N. Luc 6:37
Na tugaibh breth, ʼs cha toirear breth oirbh: na ditibh, ʼs cha ditear sibh. Mathaibh, agus mathar dhuibh.
Explore N. Luc 6:37
6
N. Luc 6:27-28
Ach tha mise g-radh ribhse, a tha gam eisdeachd: Thugaibh gaol dha ʼr naimhdean, dianaibh math dhaibhse, a tha toirt fuatha dhuibh. Beannaichibh an fheadhainn a tha gu ʼr mollachadh, us bithibh a g-urnaigh air son na feadhnach a tha gu ʼr caineadh.
Explore N. Luc 6:27-28
7
N. Luc 6:31
Agus mar is math leibh daoine a dhianamh dhuibh, dianaibh dhaibh air an alt chiadna.
Explore N. Luc 6:31
8
N. Luc 6:29-30
Agus do ʼn fhear, a bhuaileas thu air an darna gruaidh, tairg an té eile. Agus dhasan a bheir bhuat do chleoc, na bac do chota cuideachd. Thoir do ʼn h-uile h-aon a dhʼiarras ort: agus air-san, a bheir air falbh do chuid, na iarr air a h-ais i.
Explore N. Luc 6:29-30
9
N. Luc 6:43
Oir cha chraobh mhath, a bheir mach droch mheas; agus cha dhroch chraobh, a bheir mach deagh mheas.
Explore N. Luc 6:43
10
N. Luc 6:44
Oir aithnichear gach craobh air a meas. Oir cha tionail daoine figisean dhe ʼn dreigheann, ʼs cha mhua bhuaineas iad dearcan-fiona dhe ʼn dris.
Explore N. Luc 6:44
Home
Bible
Plans
Videos