YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 13

13
1A‑nis bha anns an eaglais a bha aig Antioch, fàidhean, agus luchd-teagaisg àraidh; mar a tha Barnabas, agus Simeon ris an abrar Niger, agus Lucius o Chirène, agus Manaen, co‑alta Heroid an tetrarc, agus Saul.
2Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.
3An sin air dhaibh trasgadh, agus ùrnaigh a dhèanamh, agus an làmhan a chur orra, leig iad uapa iad.
4Mar sin air dhaibhsan a bhith air an cur a‑mach leis an Spiorad Naomh, chaidh iad sìos gu Seleucia; agus o sin sheòl iad gu Cìprus.
5Agus air dhaibh a bhith ann an Salamis, shearmonaich iad facal Dhè ann an sionagogan nan Iùdhach: agus bha mar an ceudna Eòin aca mar fhear-frithealaidh.
6Agus nuair a chaidh iad tron eilean gu Paphos, fhuair iad draoidh àraidh, fàidh-brèige, Iùdhach, dom b’ainm Bar-iesus:
7Neach a bha maille ri Sergius Paulus an t‑uachdaran, duine tuigseach; air dhàsan Barnabas agus Saul a ghairm da ionnsaigh, dh’iarr e facal Dhè a chluinntinn.
8Ach chuir Elimas an draoidh (oir is ann mar seo a dh’eadar-theangaichear a ainm) nan aghaidh, ag iarraidh an t‑uachdaran a thionndadh on chreideamh.
9An sin air a bhith do Shaul (den goirear Pòl) làn den Spiorad Naomh, agus ag amharc gu geur air,
10Thubhairt e, O thusa a tha làn den uile cheilg, agus den uile dhroch-bheairt, a mhic an diabhail, a nàmhaid na h‑uile fhìreantachd, nach sguir thu a dh’fhiaradh slighean dìreach an Tighearna?
11Agus feuch a‑nis, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh tu dall, gun a’ ghrian fhaicinn rè tamaill. Agus air ball thuit ceò agus dorchadas air; agus a’ tionndadh mun cuairt, dh’iarr e dream a threòraicheadh air làimh e.
12An sin nuair a chunnaic an t‑uachdaran an nì a rinneadh, chreid e, air dha a bhith làn iongantais mu theagasg an Tighearna.
13Agus air gabhail luinge do Phòl agus da chuideachd o Phaphos, thàinig iad gu Perga na Pamphilia: agus air do Eòin am fàgail, thill e gu Ierusalem.
14Ach air dhaibhsan imeachd o Pherga, thàinig iad gu Antioch na Pisidia, agus chaidh iad a‑steach don t‑sionagog air là na sàbaid, agus shuidh iad.
15Agus an dèidh leughadh an lagha agus nam Fàidhean, chuir uachdarain an t‑sionagoig dan ionnsaigh, ag ràdh, Fheara agus a bhràithrean, ma tha facal earail agaibh don t‑sluagh, abraibh e.
16An sin nuair a sheas Pòl suas agus a smèid e orra le a làimh, thubhairt e, Fheara Israeil, agus sibhse air a bheil eagal Dhè, èisdibh.
17Thagh Dia a’ phobaill seo, Israel, ar n‑athraichean, agus dh’àrdaich e am poball nuair a bha iad air choigrich ann an tìr na h‑Eiphit, agus le làimh àird thug e iad a‑mach aisde.
18Agus mu thimcheall ùine dà‑fhichead bliadhna ghiùlain e lem beusan anns an fhàsach.
19Agus nuair a sgrios e seachd cinnich ann an tìr Chanàain, roinn e am fearann orrasan le crannchur.
20Agus na dhèidh sin mu thimcheall ceithir cheud agus lethcheud bliadhna, thug e dhaibh britheamhan, gu Samuel am fàidh.
21Agus na dhèidh sin dh’iarr iad rìgh: agus thug Dia dhaibh Saul mac Chis, duine de threubh Bheniàmin, rè dà‑fhichead bliadhna.
22Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil.
23De shliochd an duine seo thog Dia suas do Israel a rèir a gheallaidh Slànaighear, eadhon Iosa:
24Air do Eòin, ro a theachd-san, baisteadh an aithreachais air tùs a shearmonachadh do phoball Israeil uile.
25Agus mar a choilean Eòin a thriall, thubhairt e, An tì a tha sibh a’ saoilsinn as mise, cha mhi e. Ach feuch, tha neach a’ teachd am dhèidh, nach airidh mi air brògan a chas fhuasgladh.
26Fheara agus a bhràithrean, a chlann fine Abrahàim, agus a mheud agaibh is air a bheil eagal Dhè, is ann dur n‑ionnsaigh-se a chuireadh facal na slàinte seo.
27Oir iadsan a tha a chòmhnaidh ann an Ierusalem, agus an uachdarain, air dhaibh a bhith aineolach airsan, agus air briathran nam Fàidhean a tha air an leughadh gach sàbaid, le esan a dhìteadh choilean iad iad.
28Agus ged nach d’fhuair iad coire bàis air bith ann, dh’iarr iad air Pilat gun cuirte esan gu bàs.
29Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a bha sgrìobhte ma thimcheall, thug iad a‑nuas on chrann e, agus chuir iad ann an uaigh e.
30Ach thog Dia suas o na mairbh e:
31Agus chunnacas e rè mòran làithean leòsan a chaidh suas maille ris o Ghalile gu Ierusalem, dream a tha nam fianaisean dhàsan don t‑sluagh.
32Agus tha sinne a’ soisgeulachadh dhuibhse a’ gheallaidh, a rinneadh do na h‑athraichean.
33Gun do choilean Dia seo dhuinne an clann, air dha Iosa a thogail suas; mar a tha e sgrìobhte mar an ceudna anns an dara Salm, Is tu mo Mhac-sa, an‑diugh ghin mi thu.
34Agus mar dhearbhadh gun do thog e suas e o na mairbh, gun e a thilleadh air ais tuilleadh a‑chum truaillidheachd, thubhairt e mar seo, Bheir mise dhuibh tròcairean cinnteach Dhaibhidh.
35Uime sin thubhairt e mar an ceudna ann an Salm eile, Chan fhuiling thu dod Aon naomh gum faic e truaillidheachd:
36Oir an dèidh do Dhaibhidh a ghinealach fhèin a riarachadh a rèir toil Dhè, chaidil e, agus chuireadh e a‑chum a athraichean, agus chunnaic e truaillidheachd:
37Ach an tì a thog Dia suas, chan fhaca e truaillidheachd.
38Uime sin biodh fhios agaibhse, fheara agus a bhràithrean, gur ann tre an duine seo a tha maitheanas pheacaidhean air a shearmonachadh dhuibh:
39Agus trìdsan tha gach neach a chreideas air a shaoradh o na h‑uile nithean, o nach robh e an comas dhuibh a bhith air ur saoradh le lagh Mhaois.
40Thugaibh aire uime sin nach tig oirbh an nì a tha air a ràdh anns na Fàidhean;
41Feuchaibh, a luchd-tarcais, agus gabhaibh iongantas, agus rachadh as dhuibh: oir obraichidh mise obair nur làithean-se, obair nach creid sibh idir, ged a chuireadh duine an cèill dhuibh e.
42Agus nuair a chaidh na h‑Iùdhaich a‑mach as an t‑sionagog, ghuidh na Cinnich gun rachadh na briathran seo a labhairt riu fhèin air an t‑sàbaid na dhèidh sin.
43A‑nis nuair a sgaoil an coitheanal, lean mòran de na h‑Iùdhaich agus de na proselitich chràbhach Pòl agus Barnabas: agus labhair iadsan riu, agus chuir iad impidh orra buanachadh ann an gràs Dhè.
44Agus air an là sàbaid a b’fhaisge, is beag nach do chruinnich am baile gu h‑iomlan a dh’èisdeachd ri facal Dhè.
45Ach nuair a chunnaic na h‑Iùdhaich na slòigh, lìonadh iad le eud, agus labhair iad an aghaidh nan nithean sin a labhradh le Pòl, a’ labhairt nan aghaidh agus a’ tabhairt toibheim.
46An sin dh’fhàs Pòl agus Barnabas dàn, agus thubhairt iad, B’èiginn facal Dhè a bhith air a labhairt ribhse air tùs: ach do bhrìgh gun do chuir sibh cùl ris, agus gur i ur breith oirbh fhèin nach airidh sibh air a’ bheatha mhaireannaich, feuch, tha sinne a’ tionndadh a‑chum nan Cinneach.
47Oir is ann mar sin a dh’àithn an Tighearna dhuinn, ag ràdh, Chuir mi thu mar sholas do na Cinnich, a‑chum gum biodh tu mar shlàinte gu iomall na talmhainn.
48Agus nuair a chuala na Cinnich seo, rinn iad gàirdeachas, agus ghlòraich iad facal an Tighearna: agus chreid a mheud is a bha òrdaichte a‑chum na beatha maireannaich.
49Agus sgaoileadh facal an Tighearna feadh na tìre uile.
50Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur-leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad.
51Ach chrath iadsan duslach an cas dhiubh nan aghaidh, agus thàinig iad gu Iconium.
52Agus bha na deisciobail air an lìonadh le aoibhneas, agus leis an Spiorad Naomh.

Currently Selected:

Gnìomharan 13: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in