Gnìomharan 9
9
1Agus air do Shaul a bhith fhathast a’ sèideadh a‑mach bagraidh agus àir an aghaidh deisciobail an Tighearna, chaidh e a‑chum an àrd-shagairt,
2Agus dh’iarr e litrichean uaithe gu Damascas a‑chum nan sionagog, a‑chum nam faigheadh e aon neach den t‑slighe seo, cò aca b’fhir no mnathan iad, gun tugadh e leis ceangailte gu Ierusalem iad.
3Agus ag imeachd dha, thàrladh gun do dhruid e ri Damascas: agus dhealraich gu h‑obann mun cuairt air solas o nèamh.
4Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?
5Agus thubhairt esan, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn: is cruaidh dhutsa breabadh an aghaidh nan dealg.
6Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.
7Agus sheas na daoine a bha ag imeachd maille ris nan tosd, a’ cluinntinn a’ ghutha, ach gun neach air bith fhaicinn.
8Agus dh’èirich Saul on talamh, agus air fosgladh a shùl dha, chan fhaca e neach air bith: ach air dhaibh breith air a làimh, threòraich iad e gu Damascas.
9Agus bha e trì làithean gun fhradharc, agus cha d’ith agus cha d’òl e nì air bith.
10Agus bha deisciobal àraidh ann an Damascas, dom b’ainm Ananias; agus thubhairt an Tighearna ris ann am foillseachadh, Ananiais. Agus thubhairt esan, Feuch tha mi an seo, a Thighearna.
11Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus imich don t‑sràid, ris an abrar Dìreach, agus iarr ann an taigh Iùdais, duine o Tharsas den goirear Saul: oir feuch, tha e ri ùrnaigh,
12Agus chunnaic e ann am foillseachadh duine don ainm Ananias, a’ teachd a‑steach, agus a’ cur a làimhe air, a‑chum gum faigheadh e a fhradharc.
13An sin fhreagair Ananias, A Thighearna, chuala mi o mhòran mun duine seo, cia lìon olc a rinn e dod naoimh ann an Ierusalem:
14Agus tha an seo ùghdarras aige o uachdarain nan sagart, iadsan uile a cheangal a tha a’ gairm air d’ainm-sa.
15Ach thubhairt an Tighearna ris, Imich; oir is soitheach taghte dhòmhsa e, a‑chum m’ainm a ghiùlan am fianais nan Cinneach, agus rìghrean, agus chloinn Israeil.
16Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme-sa.
17Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.
18Agus air ball thuit o a shùilean mar gum biodh lannan; agus dh’aisigeadh a fhradharc dha gun dàil, agus air dha èirigh, bhaisteadh e.
19Agus nuair a ghabh e biadh, neartaicheadh e. An sin bha Saul làithean àraidh maille ris na deisciobail a bha ann an Damascas.
20Agus air ball shearmonaich e Iosa anns na sionagogan, gur esan Mac Dhè.
21Ach bha na h‑uile a chuala e fo uamhas, agus thubhairt iad, Nach e seo esan a bha a’ sgrios ann an Ierusalem na muinntir a bha a’ gairm air an ainm seo, agus a thàinig an seo a‑chum na crìche seo, gun tugadh e ceangailte iad a dh’ionnsaigh uachdarain nan sagart?
22Ach bu mhò a neartaicheadh Saul, agus chuir e gu amhluadh na h‑Iùdhaich a bha a chòmhnaidh ann an Damascas, a’ dearbhadh gur e seo an Crìosd.
23Agus air dol do mhòran làithean seachad, rinn na h‑Iùdhaich comhairle ri chèile esan a mharbhadh:
24Ach thugadh fios do Shaul air am foill: agus bha faire aca air na geatachan a là agus a dh’oidhche a‑chum a mharbhadh.
25An sin ghabh na deisciobail e anns an oidhche, agus chuir iad a‑mach thar a’ bhalla e, agus leig iad sìos ann an cliabh e.
26Agus nuair a thàinig Saul gu Ierusalem dh’fheuch e ri e fhèin a cheangal ris na deisciobail: ach bha eagal orra uile roimhe, agus cha do chreid iad gum bu deisciobal e.
27Ach ghabh Barnabas da ionnsaigh e, agus thug e a‑chum nan abstol e, agus chuir e an cèill dhaibh cionnas a chunnaic e an Tighearna anns an t‑slighe, agus gun do labhair e ris, agus cionnas a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas an ainm Iosa.
28Agus bha e maille riu a’ teachd a‑steach, agus a’ dol a‑mach ann an Ierusalem.
29Agus labhair e gu dàn ann an ainm an Tighearna Iosa, agus rinn e deasbaireachd an aghaidh nan Greugach: ach chuir iadsan romhpa esan a mharbhadh.
30Ach nuair a thuig na bràithrean seo, thug iad sìos e gu Cesarèa, agus chuir iad air falbh gu Tarsas e.
31An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.
32Agus thàrladh, air do Pheadar imeachd tro gach àite, gun deachaidh e sìos mar an ceudna a‑chum nan naomh a bha a’ gabhail còmhnaidh ann an Lida.
33Agus fhuair e an sin duine àraidh dom b’ainm Eneas, a bha rè ochd bliadhna air a leabaidh agus e gu tinn leis a’ phairilis.
34Agus thubhairt Peadar ris, Eneais, tha Iosa Crìosd gad leigheas: èirich agus dèan do leabaidh. Agus air ball dh’èirich e.
35Agus chunnaic iadsan uile e, a bha a chòmhnaidh ann an Lida, agus ann an Sàron, agus thill iad a‑chum an Tighearna.
36A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.
37Agus thàrladh anns na làithean sin, air dhi a bhith gu tinn gun d’fhuair i bàs: agus air dhaibh a h‑ionnlad, chuir iad ann an seòmar uachdarach i.
38Agus air do Lida a bhith fagas do Iopa, agus air cluinntinn do na deisciobail gu robh Peadar an sin, chuir iad dithis dhaoine da ionnsaigh, a’ guidhe air a theachd dan ionnsaigh gun dàil.
39An sin dh’èirich Peadar, agus chaidh e maille riu. Agus nuair a bha e air teachd, threòraich iad suas e don t‑seòmar uachdarach: agus sheas na bantraichean uile làimh ris a’ caoineadh, agus a’ nochdadh nan còta agus nan trusgan a rinn Dorcas am feadh a bha i maille riu.
40Ach air do Pheadar an cur a‑mach uile, leig e e fhèin air a ghlùinean agus rinn e ùrnaigh; agus air dha tionndadh ris a’ chorp, thubhairt e, A Thabita, èirich. Agus dh’fhosgail ise a sùilean: agus air dhi Peadar fhaicinn, dh’èirich i na suidhe.
41Agus thug e a làmh dhi, agus thog e na seasamh i; agus nuair a ghairm e na naoimh agus na bantraichean, chuir e nan làthair beò i.
42Agus fhuaireadh fios air seo tre Iopa uile; agus chreid mòran anns an Tighearna.
43Agus thàrladh gun d’fhan e mòran làithean ann an Iopa maille ri Sìmon àraidh, fear-deasachaidh leathair.
Currently Selected:
Gnìomharan 9: ABG1992
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

: