YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 15

15
1An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.
2Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?
3Agus thubhairt Abram, Feuch, dhòmhsa cha tug thu sliochd air bith: agus, feuch, is e neach a rugadh am thaigh as oighre orm.
4Agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh, Cha bhi e seo na oighre ort; ach esan a thig a‑mach as d’innibh fhèin, bidh e na oighre ort.
5Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.
6Agus chreid e anns an Tighearna; agus mheas e sin dha mar ionracas.
7Agus thubhairt e ris, Is mise an Tighearna a thug a‑mach thusa à Ur nan Caldèach, a thoirt dhut an fhearainn seo a‑chum a shealbhachadh mar oighre.
8Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e?
9Agus thubhairt e ris, Gabh dhòmhsa agh trì bliadhna a dh’aois, agus gobhar trì bliadhna a dh’aois, agus reithe trì bliadhna a dh’aois, agus turtar, agus calaman òg.
10Agus ghabh e dha fhèin iad sin uile, agus roinn e iad anns a’ mheadhon, agus chuir e gach aon de na mìrean fa chomhair a lethbhreac: ach cha do roinn e na h‑eòin.
11Agus nuair a thàinig an eunlaith a‑nuas air na cairbhean, dh’fhuadaich Abram air falbh iad.
12Agus nuair a bha a’ ghrian a’ dol fodha, thuit cadal trom air Abram; agus, feuch, thuit uamhann dorchadais mhòir air.
13Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;
14Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.
15Agus thèid thusa a dh’ionnsaigh d’athraichean ann an sìth; adhlaicear thu ann an deagh sheann aois.
16Ach anns a’ cheathramh linn thig iad an seo air an ais: oir chan eil aingidheachd nan Amorach fhathast làn.
17Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine a chaidh eadar na mìrean sin.
18Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:
19Na Cenich, agus na Cenidsich, agus na Cadmonaich,
20Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich,
21Agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Girgasaich, agus na h‑Iebusaich.

Currently Selected:

Genesis 15: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in