YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 17

17
1Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.
2Agus nì mi mo choicheangal eadar mise agus thusa, agus meudaichidh mi thu gu h‑anabarrach.
3Agus thuit Abram air a aodann: agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh,
4Dom thaobh-sa, feuch tha mo choicheangal riutsa, agus bidh tu ad athair mòran chinneach.
5Agus cha toirear o seo a‑mach Abram mar ainm ort, ach bidh Abrahàm agad mar ainm; oir rinn mi thu ad athair mòran chinneach.
6Agus nì mi thu ro‑shìolmhor, agus nì mi dhìot cinnich, agus thig rìghrean a‑mach asad.
7Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.
8Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.
9Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Coimheadaidh tu uime sin mo choicheangal, thu fhèin, agus do shliochd ad dhèidh, nan ginealaichean.
10Seo mo choicheangal, a choimheadas sibh, eadar mise agus sibhse agus do shliochd ad dhèidh: Gun timcheall-ghearrar gach leanabh mic nur measg.
11Agus timcheall-ghearraidh sibh feòil ur ro‑chraicinn; agus bidh e na chomharradh a’ choicheangail eadar mise agus sibhse.
12Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall-ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd-sa.
13Timcheall-ghearrar gu cinnteach esan a bheirear ad thaigh, agus esan a cheannaichear led airgead: agus bidh mo choicheangal nur feòil-se mar choicheangal sìorraidh.
14Agus an leanabh mic neo-thimcheall-gheàrrte, aig nach timcheall-ghearrar feòil a ro‑chraicinn, gearrar an t‑anam sin a‑mach o a shluagh; bhris e mo choicheangal.
15Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, A‑thaobh Shàrai do bhean, cha toir thu Sàrai mar ainm oirre, oir is e Sàrah a h‑ainm.
16Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.
17An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?
18Agus thubhairt Abrahàm ri Dia, O gum maireadh Ismael beò ad fhianais!
19Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.
20Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.
21Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna.
22Agus sguir e de bhith a’ labhairt ris, agus chaidh Dia suas o Abrahàm.
23Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead-san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall-gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris.
24Agus bha Abrahàm ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, nuair a thimcheall-ghearradh dha feòil a ro‑chraicinn.
25Agus bha Ismael a mhac trì-bliadhna-deug a dh’aois, nuair a thimcheall-ghearradh dha feòil a ro‑chraicinn.
26Anns a’ cheart là sin fhèin thimcheall-ghearradh Abrahàm, agus Ismael a mhac.
27Agus thimcheall-ghearradh maille ris uile dhaoine a thaighe, a rugadh na thaigh, agus iadsan a cheannaicheadh le airgead o mhac coigrich.

Currently Selected:

Genesis 17: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in