Lùcas 24
24
1A‑nis air a’ chiad là den t‑seachdain, gu ro‑mhoch air mhadainn, thàinig iad a‑chum na h‑uaighe, a’ toirt leo nan spìosraidh a dh’ullaich iad, agus mnathan àraidh eile maille riu.
2Agus fhuair iad a’ chlach air a carachadh on uaigh.
3Agus air dhaibh dol a‑steach, cha d’fhuair iad corp an Tighearna Iosa.
4Agus am feadh a bha iad ann an imcheist mun nì seo, feuch, sheas dithis dhaoine làimh riu ann an aodaichean dealrach.
5Agus air dhaibh a bhith fo eagal, agus a’ cromadh an aghaidh a‑chum na talmhainn, thubhairt iad riu, Carson a tha sibh ag iarraidh an tì a tha beò am measg nam marbh?
6Chan eil e an seo, ach dh’èirich e: cuimhnichibh mar a labhair e ribh air dha a bhith fhathast ann an Galile;
7Ag ràdh, Is èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine peacach, agus a bhith air a cheusadh, agus èirigh a‑rìs air an treas là.
8Agus chuimhnich iad a bhriathran,
9Agus air dhaibh tilleadh on uaigh, dh’innis iad na nithean seo uile don aon-fhear-deug, agus do chàch uile.
10Agus b’i Muire Magdalen, agus Ioanna, agus Muire màthair Sheumais, agus mnathan eile maille riu, a dh’innis na nithean seo do na h‑Abstoil.
11Agus mheasadh am briathran leòsan mar sgeulan faoine, agus cha do chreid iad iad.
12An sin air èirigh do Pheadar ruith e a‑chum na h‑uaighe; agus air dha cromadh sìos, chunnaic e an lìon-aodach na laighe leis fhèin, agus dh’fhalbh e, a’ gabhail iongantais leis fhèin mun nì seo a rinneadh.
13Agus, feuch, bha dithis dhiubh a’ dol air an là sin fhèin gu baile dom b’ainm Emàus, a bha trì-fichead stàid o Ierusalem.
14Agus bha iad a’ labhairt eatorra fhèin mu thimcheall nan nithean ud uile a thachair.
15Agus nuair a bha iad a’ còmhradh, agus a’ co‑reusonachadh, thàinig Iosa e fhèin am fagas, agus dh’imich e maille riu.
16Ach bha an sùilean air an cumail, air chor is nach d’aithnich iad e.
17Agus thubhairt e riu, Ciod e an còmhradh seo air a bheil sibh a’ teachd eadaraibh fhèin, ag imeachd dhuibh, agus sibh dubhach?
18Agus fhreagair fear dhiubh dom b’ainm Cleopas, agus thubhairt e ris, A bheil thusa a‑mhàin ad choigreach ann an Ierusalem, agus gun fhios agad air na nithean a rinneadh innte anns na làithean seo?
19Agus thubhairt e riu, Ciod na nithean? Agus thubhairt iadsan ris, Na nithean a‑thaobh Iosa o Nàsaret, a bha na fhàidh cumhachdach ann an gnìomh agus ann am facal am fianais Dhè, agus an t‑sluaigh uile:
20Agus cionnas a thug na h‑àrd-shagartan agus ar n‑uachdarain thairis a‑chum dìteadh bàis e, agus a cheus iad e.
21Ach bha dùil againne gum b’esan an tì a bha gu Israel a shaoradh; agus a thuilleadh air seo uile, is e an‑diugh an treas là o rinneadh na nithean seo.
22Agus mar an ceudna, chuir mnathan àraidh dhinn fhèin, a chaidh gu moch a dh’ionnsaigh na h‑uaighe, mòr-ioghnadh oirnn:
23Agus nuair nach d’fhuair iad a chorp, thàinig iad, ag ràdh gum faca iad sealladh de ainglean, a thubhairt gu bheil e beò.
24Agus chaidh dream àraidh dhiubhsan, a bha maille rinn fhèin, a‑chum na h‑uaighe, agus fhuair iad eadhon mar a thubhairt na mnathan; ach chan fhaca iad esan.
25An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall-chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean!
26Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?
27Agus air dha tòiseachadh o Mhaois, agus o na fàidhean uile, dh’eadar-mhìnich e dhaibh anns na sgriobtairean uile na nithean ma thimcheall fhèin.
28Agus dhruid iad ris a’ bhaile, don robh iad a’ dol: agus leig esan air gun rachadh e na b’fhaide.
29Ach cho-èignich iadsan e, ag ràdh, Fan maille rinne, oir tha e dlùth don fheasgar, agus tha deireadh an là ann. Agus chaidh e a‑steach a dh’fhuireach maille riu.
30Agus nuair a shuidh e gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, bheannaich e e, agus bhris e e, agus thug e dhaibh e.
31Agus dh’fhosgladh an sùilean, agus dh’aithnich iad e; agus chaidh e as an t‑sealladh.
32Agus thubhairt iad ri chèile, Nach robh ar cridhe a’ lasadh annainn, am feadh a bha e a’ labhairt rinn air an t‑slighe, agus nuair a dh’fhosgail e dhuinn na sgriobtairean?
33Agus dh’èirich iad air an uair sin fhèin, agus thill iad gu Ierusalem, agus fhuair iad an t‑aon-fhear-deug cruinn an ceann a chèile, agus an dream a bha maille riu,
34Ag ràdh, Dh’èirich an Tighearna da‑rìribh, agus chunnacas le Sìmon e.
35Agus dh’innis iad na nithean a rinneadh air an t‑slighe, agus mar a dh’aithnicheadh leo e ann am briseadh an arain.
36Agus a’ labhairt nan nithean seo dhaibh, sheas Iosa fhèin nam meadhon, agus thubhairt e riu, Sìth maille ribh.
37Ach bha iadsan fo gheilt-chrith agus fo eagal, agus shaoil iad gur spiorad a chunnaic iad.
38Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo bhuaireas, agus carson a tha smuaintean ag èirigh suas nur cridheachan?
39Feuchaibh mo làmhan agus mo chasan, gur mi fhèin a tha ann: laimhsichibh mi, agus faicibh; oir chan eil aig spiorad feòil agus cnàmhan, mar a chì sibh agamsa.
40Agus nuair a thubhairt e seo, nochd e dhaibh a làmhan agus a chasan.
41Agus air dhaibh a bhith fhathast mì‑chreidmheach tro aoibhneas, agus iad fo iongantas, thubhairt e riu, A bheil biadh sam bith agaibh an seo?
42Agus thug iad dha mìr de iasg ròiste, agus de chìr-mheala.
43Agus ghlac e e, agus dh’ith e nam fianais.
44Agus thubhairt e riu, Is iad seo na briathran a labhair mi ribh, nuair a bha mi fhathast maille ribh, gur èiginn do na h‑uile nithean a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, agus anns na fàidhean, agus anns na sailm mum thimcheall-sa, a bhith air an coileanadh.
45An sin dh’fhosgail e an tuigse, a‑chum gun tuigeadh iad na sgriobtairean,
46Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:
47Agus aithreachas agus maitheanas peacaidh a bhith air an searmonachadh na ainm-san, do na h‑uile chinnich, a’ tòiseachadh aig Ierusalem.
48Agus is fianaisean sibhse air na nithean seo.
49Agus, feuch, cuiridh mise gealladh m’Athar oirbh: ach fanaibh-se ann am baile Ierusaleim, gus an sgeadaichear le cumhachd o na h‑àrdan sibh.
50Agus thug e a‑mach iad cho fad is Betani; agus thog e suas a làmhan, agus bheannaich e iad.
51Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e.
52Agus rinn iad adhradh dha, agus thill iad gu Ierusalem le gàirdeachas mòr:
53Agus bha iad a‑ghnàth anns an teampall, a’ moladh agus a’ beannachadh Dhè. Amen.
Currently Selected:
Lùcas 24: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

: