Lùcas 7
7
1A‑nis nuair a chrìochnaich e a bhriathran uile ann an èisdeachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum.
2Agus bha seirbhiseach ceannaird-ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.
3Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.
4Agus nuair a thàinig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu dùrachdach, ag ràdh gum b’airidh e gun dèanadh esan seo dha:
5Oir is toigh leis ar cinneach-ne, agus thog esan dhuinn sionagog.
6Agus chaidh Iosa maille riu. Ach air dha a bhith a‑nis am fagas don taigh, chuir an ceannard-ceud càirdean da ionnsaigh, ag ràdh ris, A Thighearna, na cuir dragh ort fhèin; oir chan airidh mise gun rachadh tu a‑steach fom chlèith:
7Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.
8Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.
9Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.
10Agus air tilleadh air an ais don taigh do na teachdairean a chuireadh da ionnsaigh, fhuair iad an seirbhiseach a bha tinn, slàn.
11Agus thàrladh, an là na dhèidh sin, gun deachaidh e a‑chum baile den gairmear Nain; agus chaidh a dheisciobail maille ris, agus sluagh mòr.
12A‑nis nuair a thàinig e am fagas do gheata a’ bhaile, feuch, ghiùlaineadh a‑mach duine marbh, aon mhac a mhàthar, agus bu bhantrach i: agus bha sluagh mòr de mhuinntir a’ bhaile maille rithe.
13Agus nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas dhith, agus thubhairt e rithe, Na guil.
14Agus thàinig e agus bhean e ris a’ ghiùlan; agus sheas iadsan a bha ga iomchar; agus thubhairt e, Oganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich.
15Agus dh’èirich an duine a bha marbh na shuidhe, agus thòisich e air labhairt: agus thug e da mhàthair e.
16Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.
17Agus chaidh an t‑iomradh seo a‑mach airsan air feadh Iudèa uile, agus na dùthcha mun cuairt uile.
18Agus dh’innis a dheisciobail do Eòin mu thimcheall nan nithean sin uile.
19Agus ghairm Eòin da ionnsaigh dithis àraidh de a dheisciobail, agus chuir e iad gu Iosa, ag ràdh, An tusa esan a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
20Agus air teachd o na daoine da ionnsaigh, thubhairt iad, Chuir Eòin Baistidh sinne ad ionnsaigh, ag ràdh, An tusa an tì a bha ri teachd, no am bi sùil againn ri neach eile?
21Agus anns an uair sin fhèin leighis e mòran on easlaintean agus om plàighean, agus o dhroch spioradan; agus thug e am fradharc do mhòran a bha dall.
22Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh-se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.
23Agus is beannaichte esan nach faigh oilbheum annamsa.
24Agus nuair a dh’fhalbh teachdairean Eòin, thòisich e air labhairt ris an t‑sluagh mu thimcheall Eòin, Ciod an nì a chaidh sibh a‑mach don fhàsach a dh’fhaicinn? An i cuilc air a crathadh le gaoith?
25Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad.
26Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus nas mò na fàidh.
27Is e seo an tì mum bheil e sgrìobhte, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.
28Oir tha mi ag ràdh ribh, Nam measg-san a rugadh le mnathan, chan eil fàidh as mò na Eòin Baistidh: gidheadh an tì as lugha ann an rìoghachd Dhè, is mò e na esan.
29Agus dh’fhìreanaich am poball uile a chuala e, agus na cìs-mhaoir, Dia, air dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin.
30Ach chuir na Pharasaich agus an luchd-lagha cùl ri comhairle Dhè dan taobh fhèin, am feadh nach do bhaisteadh iad leis.
31Agus thubhairt an Tighearna, Cò ris uime sin a shamhlaicheas mi daoine a’ ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad cosmhail?
32Tha iad cosmhail ri cloinn a tha nan suidhe anns a’ mhargadh, agus a dh’èigheas ri chèile, ag ràdh, Rinn sinne pìobaireachd dhuibhse, agus cha do rinn sibhse dannsa: rinn sinne tuireadh dhuibhse, agus cha do rinn sibhse gul.
33Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona; agus their sibh, Tha deamhan aige.
34Thàinig Mac an Duine ag ithe agus ag òl; agus their sibh, Feuch duine geòcach agus pòitear fìona, caraid chìs-mhaor agus pheacach.
35Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn uile.
36Agus dh’iarr duine àraidh de na Pharasaich air gun itheadh e biadh maille ris. Agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich, agus shuidh e sìos a‑chum bìdh.
37Agus, feuch, nuair a fhuair bean anns a’ bhaile, a bha na peacach, fios gu robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha bocsa alabastair làn de ola chùbhraidh.
38Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.
39Agus nuair a chunnaic am Pharasach, a thug cuireadh dha, seo, labhair e ann fhèin, ag ràdh, Nam b’fhàidh an duine seo, bhiodh fhios aige cò i a’ bhean seo a tha a’ beantainn ris, agus ciod as gnè dhi; oir is peacach i.
40Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, A Shìmoin, tha nì agam ri ràdh riut. Agus thubhairt esan, A Mhaighistir, abair e.
41Bha aig fear-fiachan àraidh dithis a dh’fhèichneinean: bha aige air aon fhear còig ceud pèighinn, agus air an fhear eile lethcheud.
42Agus do bhrìgh nach robh aca nì leis an dìoladh iad, mhaith e gu saor dhaibh araon. Innis dhòmhsa uime sin, cò dhiubh as mò a ghràdhaicheas e?
43Agus fhreagair Sìmon agus thubhairt e, Is i mo bharail gur e an neach as mò don do mhaith e. Agus thubhairt e ris, Is ceart a thug thu breith.
44Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.
45Cha tug thusa dhomh pòg: ach o thàinig ise a‑steach, cha do sguir i a phògadh mo chas.
46Cha d’ung thusa mo cheann le ola: ach dh’ung ise mo chasan le ola chùbhraidh.
47Uime sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am maitheadh; air an adhbhar sin ghràdhaich i gu mòr: ach ge bè neach dom maithear beagan, bidh a ghràdh beag.
48Agus thubhairt e rithe, Tha do pheacaidhean air am maitheadh.
49Agus thòisich iadsan a bha nan suidhe aig biadh maille ris air a ràdh annta fhèin, Cò e seo a tha eadhon a’ maitheadh pheacaidhean?
50Agus thubhairt e ris a’ mhnaoi, Shlànaich do chreideamh thu; imich ann an sìth.
Currently Selected:
Lùcas 7: ABG1992
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017

: