Lùcas 22
22
Iùdas ag Aontachadh Ìosa a Bhrathadh
1A‑nis bha Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte, ris an canar a' Chàisg, a' tighinn faisg. 2Agus bha na h‑àrd‑shagartan agus na sgrìobhaichean a' sireadh ciamar a chuireadh iad às do dh'Ìosa, oir bha eagal an t‑sluaigh orra. 3An uair sin chaidh Sàtan a‑steach ann an Iùdas, ris an canar Iscariot, a bha air àireamh am measg an dà fhear dheug. 4Agus dh'fhalbh e is bhruidhinn e ris na h‑àrd‑shagartan agus ri maoir an teampaill a thaobh ciamar a bhrathadh e esan dhaibh. 5Bha iadsan aoibhneach agus dh'aontaich iad airgead a thoirt dha. 6Agus gheall esan, is shir e àm iomchaidh airson a bhrath dhaibh gun an sluagh a bhith an làthair.
An t‑Suipear Dheireannach
7An uair sin thàinig latha Fèill an Arain Neo‑Ghortaichte, air am feumadh uan na Càisge a bhith air ìobradh. 8Chuir Ìosa a‑mach Peadar agus Eòin, ag ràdh, “Thallaibh agus ullaichibh a' Chàisg dhuinn, airson 's gun ith sinn i.”
9Dh'fhaighnich iad dha, “Càit am bu toigh leat gun ullaicheamaid i?”
10Thuirt e riutha, “Seallaibh, nuair a tha sibh air a dhol a‑steach dhan bhaile, coinnichidh duine ribh a' giùlain soitheach uisge. Leanaibh e a‑steach dhan taigh dhan tèid e, 11agus canaibh ri fear an taighe, ‘Tha am Fear‑Teagaisg ag ràdh ribh: “Càit a bheil an seòmar aoigheachd, far an ith mi a' Chàisg còmhla rim dheisciobail?”’ 12Agus seallaidh esan dhuibh seòmar mòr uidheamaichte, shuas an staidhre: ullaichibh i an sin.”
13Nuair a chaidh iad a‑mach fhuair iad e dìreach mar a thuirt e riutha; is dh'ullaich iad a' Chàisg.
14Nuair a thàinig an uair shuidh e aig a' bhòrd agus na h‑abstoil còmhla ris. 15Agus thuirt e riutha, “Tha mi air miannachadh gu dùrachdach a' Chàisg seo ithe còmhla ribh mus fulaing mi. 16Oir tha mi ag ràdh ribh nach ith mi i#22:16 Tha “nach ith mi i a‑rithist” ann am mòran dhe na làmh‑sgrìobhainnean. gus an tèid a coileanadh ann an rìoghachd Dhè.”
17Nuair a ghabh e thuige cupa agus a thug e taing, thuirt e, “Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh e. 18Oir tha mi ag ràdh ribh nach òl mi de thoradh an fhìonain on àm seo gus an tig rìoghachd Dhè.”
19Nuair a ghabh e thuige aran agus a thug e taing, bhris e e agus thug e dhaibhsan e, ag ràdh, “Is e seo mo chorp‑sa, a tha air a thoirt air ur son‑se; dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.”
20Agus anns an aon dòigh an cupa, às dèidh dhaibh ithe, ag ràdh, “Is e seo cupa a' chùmhnaint nuaidh nam fhuil‑sa, a tha air a dòrtadh air ur son‑se. 21Ach, seallaibh, tha làmh an fhir a bhrathas mi còmhla rium air a' bhòrd. 22Oir tha Mac an Duine dha‑rìribh a' falbh, a rèir mar a chaidh òrdachadh, ach is mairg dhan duine sin leis an tèid a bhrath!” 23Agus thòisich iad air ceasnachadh nam measg fhèin cò dhiubh a bha a' dol a dhèanamh an rud seo.
24Agus bha còmhstri cuideachd eatarra a thaobh cò aca bu mhotha a bhiodh air a mheas nam measg. 25Thuirt e riutha, “Tha tighearnas aig rìghrean nan Cinneach thairis orra, agus bidh tabhartaich air a thoirt orrasan aig a bheil ùghdarras thairis orra. 26Ach na bithibh‑se mar sin. An àite sin biodh an neach as motha nur measg mar an neach as òige, agus an ceannard mar esan a tha a' frithealadh. 27Oir cò aca as motha, an neach a shuidheas aig bòrd no esan a fhritheileas? Nach e am fear a shuidheas aig bòrd? Ach tha mise nur measg mar neach a nì frithealadh. 28Is sibhse iadsan a dh'fhan còmhla riumsa nam dheuchainnean. 29Dìreach mar a bhuilich m' Athair rìoghachd ormsa, tha mise ga buileachadh oirbhse, 30airson gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd‑sa nam rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil.
31“A Shìmoin, a Shìmoin, seall, dh'iarr Sàtan sibhse airson gun criathradh e sibh mar chruithneachd. 32Ach tha mise air ùrnaigh a dhèanamh air do shon‑sa nach fàg do chreideamh thu. Agus nuair a tha thu air tionndadh air ais, neartaich do bhràithrean.”
33Ach thuirt e ris, “A Thighearna, tha mise deiseil a dhol còmhla riutsa fiù 's dhan phrìosan agus gu bàs.”
34Thuirt Ìosa, “Tha mi ag ràdh riut, a Pheadair, nach goir an coileach an‑diugh gus an àich thu trì tursan gur aithne dhut mi.”
35Agus thuirt e riutha, “Nuair a chuir mi a‑mach sibh gun sporan, gun bhaga agus gun chuarain, an robh dìth rud sam bith oirbh?”
Agus thuirt iad, “Cha robh dad.”
36Thuirt esan riutha, “Ach a‑nis, ge b' e neach aig a bheil sporan, thoireadh e leis e, agus san aon dòigh baga. Agus an neach aig nach eil claidheamh, reiceadh e an t‑aodach‑uachdair aige agus ceannaicheadh e fear. 37Oir tha mi ag ràdh ribh gum feum na chaidh a sgrìobhadh a bhith air a choileanadh annamsa: ‘Bha e air àireamh am measg nan ciontach.#Isa. 53:12’ Oir tha na tha seo mum dheidhinn‑sa ga choileanadh.”
38Agus thuirt iadsan, “Seall, a Thighearna, tha dà chlaidheamh an seo.”
Agus thuirt esan riutha, “Tha sin gu leòr!”
Ìosa ag Ùrnaigh air Beinn nan Crann‑Ola
39Nuair a bha e air a dhol a‑mach, chaidh e a rèir a chleachdaidh gu Beinn nan Crann‑Ola, agus lean a dheisciobail e. 40Agus nuair a thàinig e chun an àite, thuirt e riutha, “Dèanaibh ùrnaigh airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh.” 41Agus chaidh e air falbh uapa mu fhad tilgeil cloiche agus chaidh e air a ghlùinean is rinn e ùrnaigh, 42ag ràdh, “Athair, ma tha thu deònach, thoir uam an cupa seo. A dh'aindeoin sin, chan e mo thoil‑sa, ach do thoil‑sa, gun robh dèante.” [ 43Agus nochd aingeal o nèamh ris, ga neartachadh. 44Agus ann an àmhghar, rinn e ùrnaigh na bu dhùrachdaiche, agus bha am fallas aige mar bhoinnean mòra fala a' tuiteam sìos air an talamh.#22:43‑44 Chan eil na faclan seo ann an cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe.]
45Nuair a dh'èirich e o ùrnaigh, thàinig e gu a dheisciobail, agus fhuair e iad nan cadal air sgàth tùirse. 46Agus thuirt e riutha, “Carson a tha sibh nur cadal? Èiribh, agus dèanaibh ùrnaigh, airson 's nach tuit sibh ann am buaireadh.”
Ìosa air a Chur an Grèim
47Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, thàinig sluagh, agus bha am fear air an robh an t‑ainm Iùdas, aon dhen dà fhear dheug, air an ceann. Thàinig e suas gu Ìosa airson a phògadh, 48ach thuirt Ìosa ris, “A Iùdais, a bheil thu, le pòg, a' brath Mhic an Duine?”
49Agus nuair a chunnaic iadsan a bha timcheall air an rud a bha a' dol a thachairt, thuirt iad ris, “A Thighearna, am buail sinn leis a' chlaidheamh?” 50Agus bhuail aon dhiubh seirbheiseach an àrd‑shagairt agus gheàrr e dheth a chluas dheas.
51Ach thuirt Ìosa, “Tha sin gu leòr!” Agus bhean e ri a chluais agus leighis e i.
52An uair sin thuirt Ìosa ris na h‑àrd‑shagartan, ri oifigearan an teampaill agus ris na h‑èildearan, a bha air tighinn air a shon, “An tàinig sibh a‑mach le claidheamhan agus le cuaillean mar gum b' e gadaiche a bh' annam? 53Nuair a bha mi còmhla ribh gach latha anns an teampall, cha do chuir sibh ur làmhan orm. Ach is i seo ur n‑uair‑se, agus cumhachd an dorchadais.”
Peadar ag Àicheadh Ìosa
54An uair sin rug iad air agus thug iad leotha e a‑steach do thaigh an àrd‑shagairt. Agus bha Peadar a' leantainn pìos air falbh. 55Agus nuair a bha iad air teine a lasadh ann am meadhan na cùirt‑lios agus air suidhe sìos còmhla, shuidh Peadar nam measg. 56Ach nuair a chunnaic bana‑sheirbheiseach e na shuidhe ann an solas an teine, sheall i gu geur air agus thuirt i, “Bha am fear seo cuideachd còmhla ris.”
57Ach dh'àich esan e, ag ràdh, “A bhoireannaich, chan aithne dhomh e.”
58Agus beagan às dèidh sin chunnaic neach eile e, agus thuirt e, “Tha thusa cuideachd air aon dhiubh.”
Agus thuirt Peadar, “A dhuine, chan eil mi!”
59Mu uair a thìde às dèidh sin, thuirt cuideigin eile gu làidir, “Gu fìrinneach bha am fear seo cuideachd còmhla ris; oir is e Galilèach a tha annsan cuideachd.”
60Ach thuirt Peadar, “A dhuine, chan eil fhios a'm dè a tha thu ag ràdh.” Agus anns a' bhad, fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, ghairm coileach. 61Agus thionndaidh an Tighearna is choimhead e air Peadar; agus chuimhnich Peadar air facal an Tighearna, mar a thuirt e ris: “Mun gairm coileach an‑diugh, àicheidh tu mi trì tursan.” 62Agus chaidh e a‑mach agus chaoin e gu goirt.
An Fheadhainn a Ghlac Ìosa a' Magadh Air
63Bha na daoine a bha a' cumail grèim air Ìosa a' magadh air, agus ga bhualadh. 64Chòmhdaich iad cuideachd a shùilean agus chùm iad orra ga cheasnachadh, “Dèan fàidheadaireachd: cò a bhuail thu?” 65Agus thuirt iad tòrr rudan eile gu toibheumach na aghaidh.
Ìosa mu choinneamh na Comhairle
66Nuair a thàinig an latha, chruinnich comhairle èildearan an t‑sluaigh, an dà chuid àrd‑shagartan agus sgrìobhaichean, còmhla. Agus thug iad esan chun na comhairle acasan. 67Thuirt iad, “Mas tusa an Crìosd, innis dhuinn.”
Ach thuirt esan riutha, “Ma dh'innseas mi dhuibh, cha chreid sibh, 68agus ma dh'fhaighnicheas mi, cha fhreagair sibh. 69Ach on àm seo air adhart, bidh Mac an Duine na shuidhe air deas‑làimh cumhachd Dhè.”
70Agus dh'fhaighnich iad uile, “An tusa mar sin Mac Dhè?”
Agus thuirt e riutha, “Tha sibhse ag ràdh gur mi.”
71Ach thuirt iadsan, “Dè an còrr feum a tha againn air fianais? Oir chuala sinn fhèin e, às a bheul fhèin.”
Currently Selected:
Lùcas 22: ATN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024

: