Sailm 14
14
1Na chridhe deir an t-amadan,
chan eil ann Dia air bith:
Tàid truaillidh, ’s oillteil, fòs an gnìomh;
chan eil ann neach nì math.
2An Tighearn dh’amhairc e o nèamh,
air cloinn nan daoine nuas;
A dh’fheuchainn an robh tuigs’ aig neach
na dh’iarradh Dia nan gràs.
3Ach chlaon an t-iomlan dhiubh a thaobh,
ro-shalach tàid gu lèir;
Chan eil aon neach a’ dèanamh maith,
chan eil fiù aon fon speur.
4A bheil aig droch dhaoin’ tuigs’ air bith
tha ’g ithe suas gu dian
Mo phobaill-sa, mar aran blasd’,
’s nach eil a’ gairm air Dia?
5An sin do ghabh iad eagal mòr,
airson gu bheil gu fìor
Dia ann an ginealach is linn
nam fìreanach do shìor.
6Comhairl’ an truaghain nàraich sibh,
chionn Dia na thèarmann dha:
7A Sion, O gun tigeadh mach
slàint’ Israeil gach là!
An uair bheir Dia air ais o bhruid
a phoball fhèin le chèil’,
Air Iàcob bithidh aoibhneas mòr,
’s aiteas air Israèl.
Currently Selected:
Sailm 14: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000

:
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000