Sailm 20
20
1Gum freagradh Dia thu ann an là
do thrioblaid, is do phèin!
Gun dèanadh ainm Dhè Iàcoib fòs
sìor-choimhead ort ad fheum:
2Gun cuireadh thugad cuideachadh,
tràth, as a theampall naomh:
Is dèanadh e do neartachadh
à Sion fhèin gu caomh.
3Cuimhnicheadh e gu gràsmhor dhut
d’uil’ ofrailean gu grad,
Is gabhadh e gu taitneach uat
d’ìobairtean loisgt’ air fad.
4A rèir deagh rùin do chridhe fhèin,
tiùbhradh e dhut gu math;
Coileanadh e gach comhairle
tha ann ad chridhe staigh.
5Nì sinne aoibhneas ann ad shlàint’,
is ann an ainm ar Dia,
Suas togaidh sinn ar brataichean:
Dia dheònaich’ d’uile mhiann!
6Nis ’s fiosrach mi gun teasairg e
an tì a dh’ungadh leis:
Is le neart-saoraidh deaslàimh’ Dhè
o nèamh gun èisdear ris.
7Tha cuid ag earbs’ à carbadaibh,
is cuid à eachaibh àrd’;
Ach ainm an Tighearna ar Dia
cuimhnichidh sinn ’s gach àit.
8Dh’ìslicheadh iadsan, ’s thuit iad sìos:
ach dh’èirich sinn is sheas.
9Dhia, fòir, is èisdeadh rinn an Rìgh,
tràth nì sinn gearan ris.
Currently Selected:
Sailm 20: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000
Sailm 20
20
1Gum freagradh Dia thu ann an là
do thrioblaid, is do phèin!
Gun dèanadh ainm Dhè Iàcoib fòs
sìor-choimhead ort ad fheum:
2Gun cuireadh thugad cuideachadh,
tràth, as a theampall naomh:
Is dèanadh e do neartachadh
à Sion fhèin gu caomh.
3Cuimhnicheadh e gu gràsmhor dhut
d’uil’ ofrailean gu grad,
Is gabhadh e gu taitneach uat
d’ìobairtean loisgt’ air fad.
4A rèir deagh rùin do chridhe fhèin,
tiùbhradh e dhut gu math;
Coileanadh e gach comhairle
tha ann ad chridhe staigh.
5Nì sinne aoibhneas ann ad shlàint’,
is ann an ainm ar Dia,
Suas togaidh sinn ar brataichean:
Dia dheònaich’ d’uile mhiann!
6Nis ’s fiosrach mi gun teasairg e
an tì a dh’ungadh leis:
Is le neart-saoraidh deaslàimh’ Dhè
o nèamh gun èisdear ris.
7Tha cuid ag earbs’ à carbadaibh,
is cuid à eachaibh àrd’;
Ach ainm an Tighearna ar Dia
cuimhnichidh sinn ’s gach àit.
8Dh’ìslicheadh iadsan, ’s thuit iad sìos:
ach dh’èirich sinn is sheas.
9Dhia, fòir, is èisdeadh rinn an Rìgh,
tràth nì sinn gearan ris.
Currently Selected:
:
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000