Sailm 22
22
1Mo Dhia, mo Dhia cuim’ thrèig thu mi
led fhurtachd uam an cèin;
O bhriathraibh goirt mo bhùiridh àird,
gun fhuasgladh orm am fheum?
2Mo Dhia, cha tug thu freagradh dhomh,
san là ’n do ghairm mi ort:
An uair bu chòir dhomh tàmh san oidhch’,
chan eil mi fhèin am thosd.
3Gidheadh tha thusa fìorghlan naomh’,
a Dhè, os cionn gach sgèil,
Ad chòmhnaidh anns an àros sin,
sa bheil cliù Israèil.
4Do rinn ar sinnsir dhìotsa bun;
Is shaor thu iad mar dh’earb.
5Do ghlaodh iad riut, is shaoradh iad:
dh’earb riut, gun aghaidh dhearg.
6Ach mise fòs cha duin’, ach cnuimh:
gràin dhaoin’, is tàir nan slògh.
7Cùis crathadh cinn, is casadh bhèil,
spòrs do na chì mo dhòigh.
8Ag ràdh, Do rinn e bun à Dia,
chum fuasgladh air na fheum:
Nis dèanadh e a theasairginn,
o thug e dha làn-spèis.
9Ach ’s tus’ an tì a bhuin a-mach
à broinn mo mhàthar mi;
Is tu bu bharrant dòchais dhomh,
nuair bha mi air a’ chìch.
10On bhroinn do thilgeadh ortsa mi,
air bhith dhomh òg is maoth;
O thàinig mi on bhroinn a-mach,
is tu mo Dhia ro-chaomh.
11A Dhè na bi-sa fada uam,
Oir ’s dlùth dhomh trioblaid theann;
’S gun agam neach gum chuideachadh,
no aon a chuireas leam.
12Do chuartaich umam mòran tharbh,
mum thimcheall air gach làimh;
Dh’iadh umam tairbh ro-làidir bhorb’
am Basan bha nan tàmh.
13Gu farsaing dh’fhosgail iad am beul,
mar leòmhann allta garg;
A’ tabhairt sitheadh reubaidh orm
le bùireadh fiadhaich borb.
14Mar uisge dhòirteadh mise mach,
mo chnàmhan sgàint’ o chèil’:
Mo chridh’ am chom an taobh a-staigh,
air leaghadh tha mar chèir.
15Air tiormachadh mar phota crè
a ta mo neart, a Dhè;
Mo theanga leantainn tha rim ghiall,
gu ùir-bhàis thug thu mi.
16Oir dh’iadh mun cuairt orm madraidh gharg’,
bhuail umam thall ’s a-bhos
Mòr-bhuidheann luchd na h-aingidheachd;
lot iad mo làmh ’s mo chos.
17Mo chnàmhan uile faodaidh mi
an àireamh aon is aon:
Gu geur tha iad ag amharc orm,
a’ dearcadh orm gach taobh.
18Mo thrusgan eatorra do roinn,
croinn thilg iad air mo bhrat.
19Ach fad om chobhair, Dhia mo neirt,
na fan, ach deifrich ort.
20Dom anam tabhair fuasgladh deas
on chlaidheamh sgaiteach gheur;
Is m’aon-ghràdh caomh gun saorar leat,
o neart nam madradh treun’.
21O bheul nan leòmhann làidir borb’
Dhè, fuasgail orm gun stad:
O adharcaibh nam buabhall treun’;
oir chual’ thu mi gu grad.
22Dom bhràithribh cuiream d’ainm-s’ an cèill;
san eireachd molam thu.
23Shìl Iàcoib, ’s a luchd eagail Dè,
glòir thugaibh dha is cliù:
Oirbhs’, Iarmad Israeil air fad,
biodh ’eagal-san gu mòr:
24Oir tarcais riamh cha d’rinn air bochd,
’s nìor ghabh e gràin da leòn:
Cha d’fhalaich, ’s cha do cheil a ghnùis,
ga thrèigsinn ann a theinn;
Nuair rinn e glaodh is gearan ris,
thug èisdeachd dha gu binn.
25’S ann ortsa bhios mo mholadh àrd
san eireachdas, a Dhè:
Mo bhòidean ìocam fòs an làth’r
na dream don eagal e.
26Na daoine sin tha macanta
ithidh, is gheibh an sàth:
Na dh’iarras Dia àrd-mholaidh e;
bhur cridh’ bidh beò gu bràth.
27Tillidh ri Dia gach iomall tìr’,
is cuimhnichidh iad air:
Seadh, sluagh nam fineachan gu lèir
dhut gèill is urram bheir.
28Airson gur le Iehòbhah mòr
an rìoghachd le còir cheart:
’S am measg nam fineachan air fad
’s leis uachdranachd is neart.
29Na daoine reamhar anns gach tìr,
ithidh, is gèillidh dha:
Dha cromaidh sìos na thèid san uaigh,
cha chùm neach anam beò.
30Thig sliochd is seirbhis nì do Dhia,
dha measar iad mar linn.
31Innsidh a cheart don àl ri teachd,
gum b’esan siud a rinn.
Currently Selected:
Sailm 22: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000
Sailm 22
22
1Mo Dhia, mo Dhia cuim’ thrèig thu mi
led fhurtachd uam an cèin;
O bhriathraibh goirt mo bhùiridh àird,
gun fhuasgladh orm am fheum?
2Mo Dhia, cha tug thu freagradh dhomh,
san là ’n do ghairm mi ort:
An uair bu chòir dhomh tàmh san oidhch’,
chan eil mi fhèin am thosd.
3Gidheadh tha thusa fìorghlan naomh’,
a Dhè, os cionn gach sgèil,
Ad chòmhnaidh anns an àros sin,
sa bheil cliù Israèil.
4Do rinn ar sinnsir dhìotsa bun;
Is shaor thu iad mar dh’earb.
5Do ghlaodh iad riut, is shaoradh iad:
dh’earb riut, gun aghaidh dhearg.
6Ach mise fòs cha duin’, ach cnuimh:
gràin dhaoin’, is tàir nan slògh.
7Cùis crathadh cinn, is casadh bhèil,
spòrs do na chì mo dhòigh.
8Ag ràdh, Do rinn e bun à Dia,
chum fuasgladh air na fheum:
Nis dèanadh e a theasairginn,
o thug e dha làn-spèis.
9Ach ’s tus’ an tì a bhuin a-mach
à broinn mo mhàthar mi;
Is tu bu bharrant dòchais dhomh,
nuair bha mi air a’ chìch.
10On bhroinn do thilgeadh ortsa mi,
air bhith dhomh òg is maoth;
O thàinig mi on bhroinn a-mach,
is tu mo Dhia ro-chaomh.
11A Dhè na bi-sa fada uam,
Oir ’s dlùth dhomh trioblaid theann;
’S gun agam neach gum chuideachadh,
no aon a chuireas leam.
12Do chuartaich umam mòran tharbh,
mum thimcheall air gach làimh;
Dh’iadh umam tairbh ro-làidir bhorb’
am Basan bha nan tàmh.
13Gu farsaing dh’fhosgail iad am beul,
mar leòmhann allta garg;
A’ tabhairt sitheadh reubaidh orm
le bùireadh fiadhaich borb.
14Mar uisge dhòirteadh mise mach,
mo chnàmhan sgàint’ o chèil’:
Mo chridh’ am chom an taobh a-staigh,
air leaghadh tha mar chèir.
15Air tiormachadh mar phota crè
a ta mo neart, a Dhè;
Mo theanga leantainn tha rim ghiall,
gu ùir-bhàis thug thu mi.
16Oir dh’iadh mun cuairt orm madraidh gharg’,
bhuail umam thall ’s a-bhos
Mòr-bhuidheann luchd na h-aingidheachd;
lot iad mo làmh ’s mo chos.
17Mo chnàmhan uile faodaidh mi
an àireamh aon is aon:
Gu geur tha iad ag amharc orm,
a’ dearcadh orm gach taobh.
18Mo thrusgan eatorra do roinn,
croinn thilg iad air mo bhrat.
19Ach fad om chobhair, Dhia mo neirt,
na fan, ach deifrich ort.
20Dom anam tabhair fuasgladh deas
on chlaidheamh sgaiteach gheur;
Is m’aon-ghràdh caomh gun saorar leat,
o neart nam madradh treun’.
21O bheul nan leòmhann làidir borb’
Dhè, fuasgail orm gun stad:
O adharcaibh nam buabhall treun’;
oir chual’ thu mi gu grad.
22Dom bhràithribh cuiream d’ainm-s’ an cèill;
san eireachd molam thu.
23Shìl Iàcoib, ’s a luchd eagail Dè,
glòir thugaibh dha is cliù:
Oirbhs’, Iarmad Israeil air fad,
biodh ’eagal-san gu mòr:
24Oir tarcais riamh cha d’rinn air bochd,
’s nìor ghabh e gràin da leòn:
Cha d’fhalaich, ’s cha do cheil a ghnùis,
ga thrèigsinn ann a theinn;
Nuair rinn e glaodh is gearan ris,
thug èisdeachd dha gu binn.
25’S ann ortsa bhios mo mholadh àrd
san eireachdas, a Dhè:
Mo bhòidean ìocam fòs an làth’r
na dream don eagal e.
26Na daoine sin tha macanta
ithidh, is gheibh an sàth:
Na dh’iarras Dia àrd-mholaidh e;
bhur cridh’ bidh beò gu bràth.
27Tillidh ri Dia gach iomall tìr’,
is cuimhnichidh iad air:
Seadh, sluagh nam fineachan gu lèir
dhut gèill is urram bheir.
28Airson gur le Iehòbhah mòr
an rìoghachd le còir cheart:
’S am measg nam fineachan air fad
’s leis uachdranachd is neart.
29Na daoine reamhar anns gach tìr,
ithidh, is gèillidh dha:
Dha cromaidh sìos na thèid san uaigh,
cha chùm neach anam beò.
30Thig sliochd is seirbhis nì do Dhia,
dha measar iad mar linn.
31Innsidh a cheart don àl ri teachd,
gum b’esan siud a rinn.
Currently Selected:
:
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000