Marcus 7
7
Iosa 's an Seann Teagasg
1Chruinnich na Pharasaich thuige agus cuid dhe na sgrìobhaichean a thàinig á Ierusalem, 2agus chunnaic iad feadhainn dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan nach robh glan, 'se sin làmhan nach robh air an nighe.
3(Oir cha bhi na Pharasaich no na h‑Iùdhaich gu lèir ag ithe gun an làmhan a ghlanadh an toiseach, a‑rèir cleachdadh an athraichean. 4'S nuair a thig iad bhon mhargadh, chan ith iad dad gun iad fhèin a nighe, 's tha iad a' cumail iomadh seann chleachdadh eile, a' nighe chupaichean is shiugaichean is choireachan prais.)
5Dh'fhaighnich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, “Carson nach eil do dheisciobail-sa a' dèanamh a‑rèir cleachdadh nan athraichean ach ag ithe 's gun an làmhan glan?”
6 #
Is 29.13
Thuirt Iosa riu, “'S math an fhàisneachd a rinn Isaiah mur timcheall-sa, a chealgairean, oir tha e sgrìobhte:
‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhomhsa
lem bilean, ach tha an cridhe fada bhuam;
7is dìomhain an cuid adhraidh, oir tha iad
a' teagasg riaghailtean dhaoine mar àithntean Dhè.’
8“Tha sibh a' trèigsinn lagh Dhè, 's a' cumail ri cleachdadh dhaoine.”
9Thuirt e riu, “Nach glan mar a tha sibh a' cur cùl ri lagh Dhè, feuch an daighnich sibh ur cleachdadh fhèin. 10#Ecs 20.12, 21.17; Lebh 20.9; Deut 5.16Oir thuirt Maois, ‘Dèan gu math ri t'athair 's ri do mhàthair’, agus, ‘Ma bhruidhneas duine gu h‑olc ma athair no mhàthair, feumar a chur gu bàs.’ 11Ach tha sibhse ag ràdh, ‘Ma their fear ri athair no ri mhàthair, “Cuideachadh sam bith a gheibheadh sibh bhuamsa, 'se Corban, no tiodhlag do Dhia, a th'ann”,’ 12chan eil sibh a' ceadachadh dha nì a dhèanamh dha athair no dha mhàthair. 13Mar sin tha sibh a' cur ás do dh'fhacal Dhè leis a' chleachdadh a tha sibh air a chumail a' dol. Agus is iomadh nì dha leithid a tha sibh a' dèanamh.”
14Ghairm e an sluagh thuige a‑rithist, 's thuirt e riu, “Thoiribh èisdeachd dhòmhsa, agus biodh tuigse agaibh. 15Chan eil duine sam bith air a shalach leis na nithean a thèid a‑steach ann bhon taobh a‑muigh; 'se na nithean a thig a‑mach ás an duine a tha ga shalach.” [16]
17Nuair a chaidh e a‑steach 's a dh'fhàg e an sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth mu dheidhinn an t‑samhlaidh. 18Thuirt esan riu, “An e gu bheil sibhse cuideachd gun tuigse? Nach eil sibh a' faicinn nach eil duine sam bith air a shalach leis na nithean a thèid a‑steach ann bhon taobh a‑muigh? 19Oir chan ann a‑steach dhan chridhe a tha iad a' dol ach dhan stamaig, 's an‑uairsin a' gabhail a‑mach.” Bha e mar sin a' dèanamh a h‑uile biadh glan.
20Thuirt e riu, “'Se na rudan a thig a‑mach à duine a tha ga shalach. 21Oir 'sann bhon taobh a‑staigh, à cridhe an duine, a thig droch smuaintean, strìopachas, goid, mort, 22adhaltranas, sannt, droch ghnìomh, cealgaireachd, mì‑stiùrrachd, mìorun, droch bheul, mòrchuis, gòraiche. 23Tha na droch rudan sin uile a' tighinn bhon taobh a‑staigh, 's a' salach an duine.”
Boireannach aig an robh Creideamh
24Thog e air ás a sin 's dh'fhalbh e gu dùthaich Thìorais. Chaidh e a dh'fhuireach a thaigh, 's cha robh e airson gum biodh fhios aig duine gun robh e ann, ach cha ghabhadh e cleith. 25Bha bean ann aig an robh nighean bheag anns an robh droch spiorad. Chuala ise ma dheidhinn, 's thàinig i 's thuit i aig a chasan. 26B'ann dhan dùthaich sin fhèin, do Shìrophoenisia a bhuineadh i, 's b'e Greugais a cànan. Dh'iarr i air Iosa an droch spiorad a chur a‑mach ás an nighinn aice. 27Thuirt esan rithe, “Leig leis a' chloinn a bhith air an sàsachadh an toiseach, oir chan eil e ceart biadh na cloinne a ghabhail 's a thilgeil gu na cuileanan.”
Fhreagair ise, 28“A Thighearna, faodaidh na cuileanan fon bhòrd an sprùilleach a dh'fhàgas a' chlann ithe.”
29Thuirt esan rithe, “A chionns gun tuirt thu sin, bi falbh, oir tha an deamhan air gabhail a‑mach à do nighinn.”
30Dh'fhalbh i dhachaigh, 's fhuair i am pàisde na laighe air an leabaidh, 's an deamhan air teicheadh.
Balbhan air a Leigheas
31Thill e à dùthaich Thìorais, a' dol troimh Shìdon gu Loch Ghalile, 's troimh mheadhon nan Deich Bailtean. 32Thug iad thuige fear a bha bodhar 's aig an robh stad na chainnt, 's dh'iarr iad air a làmh a chur air. 33Thug Iosa an duine a thaobh bhon t‑sluagh leis fhèin, chuir e a chorragan na chluasan, rinn e smugaid agus bhean e ri theanga. 34Choimhead e suas gu nèamh, rinn e osna, 's thuirt e, “Ephphatha, Bi air t'fhosgladh.”
35Chaidh cluasan an duine fhosgladh agus fhuair a theanga saorsa, agus bhruidhinn e mar a bu chòir dha. 36Thug Iosa òrdugh dhaibh uile gun innse do neach sam bith. Ach mar a bu mhotha a mhaoidh e orra 'sann a bu mhotha a sgaoil iad an naidheachd. 37Chuir e ioghnadh anabarrach orra agus thuirt iad, “Nach math a rinn e a h‑uile nì, gu ruig claisneachd a thoirt dha na bodhair agus cainnt dha na balbhain.”
Currently Selected:
Marcus 7: GLD
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017

: