YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 13

13
1 Thill Abram as an Èiphit. 7 Dhealaich e ri Lot. 14 Dh’ath‐nuadhaich Dia a ghealladh do Abram, agus da shliochd.
1Agus chaidh Abram suas as an Èiphit, e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige, agus Lot maille ris, don taobh mu dheas#Gen 12:9.
2Agus bha Abram ro‑shaoibhir#Gen 24:35; 1 Sam 2:7; Iob 1:10; Salm 112:3; Gnà 3:9, 10; 10:22; Mat 6:23 ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr.
3Agus dh’imich e air a thurasan on taobh mu dheas eadhon gu Betel, gu ruig an t‑àit anns an robh a bhùth an toiseach, eadar Betel agus Hai;
4Gu àite na h‑altarach a rinn e an sin air tùs#Gen 12:7, 8; Salm 42:1, 2; 84:10: agus ghairm Abram an sin air ainm an Tighearna#Salm 116:17; 145:18.
5Agus bha mar an ceudna aig Lot, a dh’imich maille ri Abram, caoraich, agus crodh, agus bùthan.
6Agus cha robh am fearann comasach air an giùlan#Gen 36:7, gu còmhnaidh a ghabhail cuideachd: oir bha am maoin mòr, agus cha b’urrainn iad còmhnaidh a ghabhail cuideachd.
7Agus bha còmhstri eadar buachaillean sprèidh Abraim agus buachaillean sprèidh Lot: agus bha an Canàanach agus am Peridseach anns an àm sin a chòmhnaidh anns an tìr#Gen 34:30.
8Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort#Philip 2:14, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean‐sa#13:8 daoine, bràithrean. agus do bhuachaillean‐sa; oir is bràithrean sinn#Gen 11:27.
9Nach eil an tìr uile romhad#Gen 20:15? Dealaich, guidheam ort, riumsa: ma ghabhas tusa a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe, an sin thèid mise a dh’ionnsaigh na làimhe deise; agus ma thèid thusa a dh’ionnsaigh na làimhe deise, an sin gabhaidh mise a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe#1 Pead 3:8‐12.
10Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom#Gen 19:25; 1 Eòin 2:15 agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna#Gen 2:10; Isa 51:3; Ioel 2:3, cosmhail ri talamh na h‑Èiphit, mar a thig thu gu Sòar#Gen 14:2.
11Agus thagh Lot dha fhèin còmhnard Iòrdain uile; agus ghabh Lot a thuras don àird an ear: agus dhealaich na càirdean ri chèile#Gnà 27:10.
12Ghabh Abram còmhnaidh ann an tìr Chanàain, agus ghabh Lot còmhnaidh ann am bailtean a’ chòmhnaird, agus shuidhich e a bhùth aig Sòdom.
13Ach bha daoine Shòdoim aingidh agus nam peacaich am fianais an Tighearna gu ro‑mhòr#Gen 18:20; Esec 16:49; 2 Pead 2:7, 8.
14Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, an dèidh do Lot dealachadh ris, Tog a‑nis suas do shùilean, agus amhairc on àit anns a bheil thu, gu tuath, agus gu deas, agus gus an àird an ear, agus an iar:
15Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu bràth#Gen 12:7.
16Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd‐sa mar an ceudna.
17Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e.
18Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an#13:18 còmhnardan. còmhnard Mhamre#Gen 35:27, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.

Currently Selected:

Genesis 13: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in