YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 14

14
1 Cath nan ceithir rìgh ri còig. 12 Rinneadh Lot na phrìosanach; 14 ach shaoradh e le Abram. 18 Bheannaich Melchisedec Abram.
1Agus thàrladh ann an làithean Amrapheil rìgh Shinair, Arioich rìgh Elasair, Chedorlaòmeir rìgh Elaim, agus Thidail rìgh nan cinneach;
2Gun do rinn iad sin cogadh ri Bera rìgh Shòdoim, agus ri Birsa rìgh Ghomorrah, Sinab rìgh Admah#Deut 29:23; Hos 11:8, agus Semeber rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela, eadhon Shòair#Gen 19:22.
3Chaidh iad sin uile ann an co‑bhainn ri chèile ann an gleann Shidim, a tha a‑nis na fhairge shalainn#Deut 3:17; Ios 3:16.
4Dà‑bhliadhna‑dheug rinn iad seirbhis do Chedorlaòmer, agus anns an treas‐bliadhna‑deug rinn iad ceannairc.
5Agus anns a’ cheathramh‐bliadhna‑deug thàinig Cedorlaòmer agus na rìghrean a bha maille ris, agus bhuail#Gen 15:20 iad na Rephaimich ann an Asterot Carnaim#Ios 12:4; Deut 2:10, 20, agus na Sudsimich ann an Ham, agus na h‑Emimich ann an Sabheh#14:5 no, còmhnard Chiriataim. Ciriataim.
6Agus na Horich nan sliabh Seir, gu ruig#14:6 no, còmhnard Pharain. El‑paran#Gen 21:21; Àir 12:16, a tha làimh ris an fhàsach.
7Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar#2 Each 20:2.
8Agus chaidh rìgh Shòdoim a‑mach, agus rìgh Ghomorrah, agus rìgh Admah, agus rìgh Sheboim, agus rìgh Bhela (eadhon Shòair); agus chuir iad cath riu ann an gleann Shidim:
9Rìgh Cedorlaòmer rìgh Elaim, agus ri Tidal rìgh nan cinneach, agus ri Amraphel rìgh Shinair, agus ri Arioch rìgh Elasair; ceithir rìghrean ri còig.
10Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh#Gen 19:17, 30.
11Agus thug iad leo uile mhaoin Shòdoim agus Ghomorrah, agus am biadh uile, agus dh’imich iad.
12Agus thug iad leo Lot, mac bràthair Abraim, a bha a chòmhnaidh ann an Sòdom#Gen 13:12; Àir 16:26; 1 Tim 6:9, agus a mhaoin, agus dh’imich iad.
13Agus thàinig aon a chaidh as, agus dh’innis e do Abram an t‑Eabhraidheach, a bha a chòmhnaidh ann an còmhnard Mhamre#Gen 13:18 an t‑Amorach, bràthair Escoil, agus bràthair Aneir: agus bha iad sin ann an co‑bhainn ri Abram.
14Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich#14:14 no, threòraich e a‑mach. e a sheirbhisich ionnsaichte#14:14 fhòghlaimte., a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd‐deug, agus lean e iad gu Dan#Deut 34:1.
15Agus roinn e e fhèin nan aghaidh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich, agus bhuail e iad#Isa 41:2, 3, agus lean e iad gu Hobah, a tha air an làimh chlì de Dhamascas.
16Agus thug e air ais a’ mhaoin uile#1 Sam 30:8, 18, agus mar an ceudna thug e air ais a bhràthair Lot, agus a mhaoin, agus mar an ceudna na mnathan, agus an sluagh.
17Agus chaidh rìgh Shòdoim#1 Sam 18:6 a‑mach na choinneamh, an dèidh dha tilleadh o mharbhadh Chedorlaòmeir agus nan rìgh a bha maille ris, aig gleann Shabheh, eadhon gleann an rìgh#2 Sam 18:18.
18Agus thug Melchisedec#Eabh 7:1 rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart#Salm 110:4; Eabh 5:6; 7:3, 11 an Dè as ro‑àirde#Mic 6:6.
19Agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Abram on Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn#Gen 14:22; Salm 24:1; 50:10:
20Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì#Eabh 7:1‐10.
21Agus thubhairt rìgh Shòdoim ri Abram, Thoir dhòmhsa na daoine, agus gabh a’ mhaoin dhut fhèin.
22Agus thubhairt Abram ri rìgh Shòdoim#Ecs 6:8, Thog mi mo làmh suas ris an Tighearna, an Dia as ro‑àirde#Gen 14:19; Gen 21:33, sealbhadair nèimh agus na talmhainn,
23Nach gabh#Est 9:15, 16 mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:
24Saor a‑mhàin o na dh’ith na h‑òganaich, agus o chuibhreann nan daoine a chaidh maille rium, Aner, Escol, agus Mamre; gabhadh iadsan an cuibhreann#1 Tim 5:18.

Currently Selected:

Genesis 14: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in