Genesis 16
16
1 Tha Sàrai a’ toirt Hàgair a banoglaich a dh’Abram mar mhnaoi. 4 Nuair a rinn i tàir air a bana‑mhaighstir, bhuin ise gu cruaidh rithe, agus theich i air falbh. 9 Thug aingeal an Tighearna air a h‑ais i, etc.
1A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach#Gen 21:9 Èiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar#Gal 4:24.
2Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Feuch a‑nis, chùm an Tighearna mi o chlann a bhreith#Gen 30:3, 9: rach a‑steach, guidheam ort, a dh’ionnsaigh mo bhanoglaich; theagamh gum faigh mi clann leatha‐se#16:2 gum bi mi air mo thogail leatha‐se.. Agus dh’èisd Abram ri guth Shàrai.
3Agus ghabh Sàrai, bean Abraim, Hàgar a’ bhan‐Èiphiteach, a banoglach fhèin, an dèidh do Abram còmhnaidh a ghabhail deich bliadhna ann an tìr Chanàain, agus thug i i da fear Abram gu bhith aige mar mhnaoi.
4Agus chaidh esan a‑steach gu Hàgar, agus dh’fhàs i torrach: agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha a bana‑mhaighistir tàireil na sùilean#1 Sam 1:6, 8; Gnà 30:23.
5Agus thubhairt Sàrai ri Abram, Biodh m’eucoir ortsa: thug mi mo bhanoglach dod uchd; agus nuair a chunnaic i gun d’fhàs i torrach, bha mise tàireil na sùilean: gun tugadh an Tighearna breith eadar mise agus thusa#Gen 31:53; 1 Sam 24:15; 2 Each 24:22.
6Ach thubhairt Abram ri Sàrai#1 Pead 3:7, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.
7Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur#Gen 25:18.
8Agus thubhairt e, A Hàgar, a bhanoglach Shàrai, cia as a thàinig thu, agus càit a bheil thu a’ dol? Agus thubhairt ise, Tha mi a’ teicheadh o ghnùis Shàrai mo bhana‑mhaighistir.
9Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Till a dh’ionnsaigh do bhana‑mhaighistir, agus ùmhlaich thu fhèin fo a làimh#1 Pead 2:18.
10Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Meudaichidh mise gu mòr do shliochd, agus chan àirmhear e a‑thaobh lìonmhorachd.
11Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu#16:11 is e sin, èisdidh Dia. Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.
12Agus bidh e na dhuine fiadhaich#Gen 21:20; bidh a làmh an aghaidh gach duine, agus làmh gach duine na aghaidh‐san; agus am fianais a bhràithrean uile gabhaidh e còmhnaidh#Gen 25:18.
13Agus ghoir i ainm an Tighearna a labhair rithe, Thusa Dhè a tha gam fhaicinn#Gnà 5:21; oir thubhairt i, An e gu robh agamsa ann an seo mar an ceudna sùil ris an Tì sin a tha gam fhaicinn?
14Uime sin ghoir i den tobar, Beerlahai‐roi#16:14 is e sin, tobar an tì a tha beò, agus a tha gam fhaicinn.; feuch, tha e eadar Cadeis agus Bered.
15Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar aimn air a mhac, a rug Hàgar.
16Agus bha Abram ceithir‐fichead agus sia bliadhna a dh’aois, nuair a rug Hàgar Ismael do Abram.
Currently Selected:
Genesis 16: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: