YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 25

25
1 Mic Abrahàim le Cetùrah. 7 Aois Abrahàim agus a bhàs. 12 Ginealaich Ismaeil. 24 Rugadh do Isaac Esau agus Iàcob. 29 Reic Esau a chòir‐bhreithe.
1An sin ghabh Abrahàm bean a‑rìs, dom b’ainm Cetùrah#1 Each 1:32.
2Agus rug i dha Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian#Àir 22:4; 25:17; Bri 6, agus Isbac, agus Suah#Iob 2:11.
3Agus ghin Iocsan Sèba#1 Rìgh 10:1; Salm 72:10, agus Dedan#Ier 25:23. Agus b’iad mic Dhedain Asurim, agus Letusim, agus Leumim.
4Agus mic Mhidiain; Ephah#Isa 60:6, agus Epher, agus Hanoch, agus Abidah, agus Eldaah. B’iad sin uile mic Chetùrah.
5Agus thug Abrahàm gach nì a bha aige do Isaac.
6Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac#Salm 17:14, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear#Bri 6:3.
7Agus is iad seo làithean bliadhnachan beatha Abrahàim a bha e beò; ceud agus trì‐fichead, agus còig‐bliadhna‑deug.
8An sin thug Abrahàm suas an deò#Gen 15:15; 49:29; Iob 5:26, agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, na sheann duine, agus làn de bhliadhnachan; agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir#Gen 23:16.
9Agus dh’adhlaic a mhic Isaac agus Ismael e ann an uaimh Mhachpelah, ann an achadh Ephroin mhic Shòair an t‑Hiteach, a tha fa chomhair Mhamre;
10An t‑achadh a cheannaich Abrahàm o mhic Het#Gen 23:16: ann an sin dh’adhlaiceadh Abrahàm, agus Sàrah a bhean.
11Agus an dèidh bàs Abrahàim, bheannaich Dia Isaac a mhac; agus ghabh Isaac còmhnaidh làimh ri tobar Lahai‐roi.
12A‑nis is iad sin ginealaichean Ismaeil mhic Abrahàim a rug Hàgar a’ bhan‐Èiphiteach, banoglach Shàrah, do Abrahàm:
13Agus is iad sin ainmean mic Ismaeil, nan ainmean a rèir an ginealaichean: ciad‐ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam,
14Agus Misma, agus Dumah, agus Masa,
15Hadar#25:15 no, Hadar., agus Tema, Ietur, Naphis, agus Cedemah.
16Is iad sin mic Ismaeil, agus is iad sin an ainmean nam bailtean, agus nan daingnichean; dà‑cheannard‐dheug a rèir am fineachan#Gen 17:20.
17Agus is iad sin bliadhnachan beatha Ismaeil, ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead: agus thug e suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.
18Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah#1 Sam 15:7 gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Èiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs#25:18 thuit e..
19Agus is iad seo ginealaichean Isaaic mhic Abrahàim: Ghin Abrahàm Isaac.
20Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil#Gen 24:67, an Sirianach o Phadan‐àram#Gen 28:5, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.
21Agus ghuidh Isaac an Tighearna airson a mhnà#1 Sam 1:11; Lùc 1:13, a chionn gu robh i neo‐thorrach: agus dh’èisd an Tighearna ris#1 Each 5:20; 2 Each 33:13; Esra 8:23; Salm 145:19; Gnà 10:24; Ròm 9:10, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach.
22Agus bha a’ chlann a’ strì ri chèile an taobh a‑staigh dhith: agus thubhairt ise, Ma tha a’ chùis mar sin, carson a tha mi mar seo? Agus chaidh i a dh’fhiosrachadh den Tighearna#1 Sam 22:15; Esec 20:31; 36:37.
23Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige#Gen 27:29; Salm 60:8; Isa 63:1‐6; Obad 1:1‐16; Mal 1:2‐4; Ròm 9:10‐12.
24Agus nuair a choileanadh a làithean gu bhith air a h‑asaid, feuch, bha leth‐aona na bolg.
25Agus thàinig an ciad‐ghin a‑mach dearg, agus e uile mar fhallaing mholaich: agus thug iad Esau mar ainm air.
26Agus na dhèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, agus greim aig a làimh air sàil Esau#Hos 12:3; agus thugadh Iàcob mar ainm air: agus bha Isaac trì‐fichead bliadhna a dh’aois nuair a rugadh iad.
27Agus dh’fhàs na gillean; agus bha Esau na shealgair seòlta#Gen 27:3, na fhear machrach; agus bha Iàcob na dhuine coileanta, a’ gabhail còmhnaidh ann am bùthan#Eabh 11:9.
28Agus ghràdhaich Isaac Esau, a chionn gun d’ith e de a#25:28 gun robh sitheann na bheul. shidhinn#Gen 27:19; ach ghràdhaich Rebecah Iàcob.
29Agus bhruith Iàcob brochan; agus thàinig Esau on mhachair, agus e fann.
30Agus thubhairt Esau ri Iàcob, Leig dhomh ithe, guidheam ort, den bhrochan dhearg sin fhèin; oir tha mi fann: uime sin thugadh Edom#25:30 is e sin, dearg. mar ainm air.
31Agus thubhairt Iàcob, Reic rium an‑diugh do chòir‐bhreithe.
32Agus thubhairt Esau, Feuch, tha mi dlùth don bhàs#25:32 a’ dol a dh’fhaghail a’ bhàis.; agus ciod an tairbhe a tha anns a’ chòir‐bhreithe seo dhòmhsa#Iob 21:15; Mal 3:14?
33Agus thubhairt Iàcob, Mionnaich dhòmhsa an‑diugh; agus mhionnaich e dha: agus reic e a chòir‐bhreithe ri Iàcob#Gen 27:36; 36:6; Eabh 12:16.
34An sin thug Iàcob do Esau aran, agus brochan de ghall‐pheasair; agus dh’ith e#Isa 22:13; 1 Cor 15:32, agus dh’òl e, agus dh’èirich e, agus dh’fhalbh e roimhe: mar seo rinn Esau dìmeas air a chòir‐bhreithe#Salm 106:24; Mat 22:5; Gnìo 13:41.

Currently Selected:

Genesis 25: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in