YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 8

8
1 Thraogh na h‑uisgeachan. 4 Stad an àirc air beanntan Ararait. 15 A rèir àithne Dhè chaidh Nòah a‑mach as an àirc; 20 thog e altair, agus dh’ìobair e ìobairtean‐loisgte.
1Agus chuimhnich Dia air Nòah#Gen 19:29; Ecs 2:24; Salm 106:4, agus gach nì beò, agus gach uile#Salm 36:6 sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh#Ecs 14:21, agus thraogh na h‑uisgeachan;
2Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne#Gnà 8:28 agus tuil‐dhorsan nan nèamh#Iob 38:37; Mat 8:27, agus chaisgeadh an t‑uisge o na nèamhan;
3Agus thill na h‑uisgeachan a‑ghnàth#8:3 ann an dol agus ann an tilleadh. bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h‑uisgeachan an dèidh ceud agus leth‐cheud là.
4Agus stad an àirc anns an t‑seachdamh mìos, air an t‑seachdamh‐là‑deug den mhìos, air beanntan Ararait#Ier 51:27.
5Agus thraogh na h‑uisgeachan a‑ghnàth gus an deicheamh mìos: anns an deicheamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, chunnacas mullaichean nam beann.
6Agus an ceann dà‑fhichead là, dh’fhosgail Nòah uinneag na h‑àirc a rinn e#Gen 6:16:
7Agus chuir e a‑mach fitheach, a chaidh a‑mach a’ dol air ais agus air aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.
8Mar an ceudna chuir e a‑mach calaman uaithe, a dh’fhaicinn an do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn;
9Ach cha d’fhuair an calaman fois do bhonn a choise, agus thill e da ionnsaigh don àirc, do bhrìgh gu robh na h‑uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile: an sin chuir e a‑mach a làmh, agus rug e air, agus thug e a‑steach e da ionnsaigh don àirc.
10Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;
11Agus thàinig an calaman da ionnsaigh anns an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh‐ola, a spìonadh leis, aige na ghob: agus dh’aithnich Nòah gun do thraogh na h‑uisgeachan bhàrr na talmhainn.
12Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.
13Agus anns an t‑siathamh ceud bliadhna agus a h‑aon, anns a’ chiad mhìos, anns a’ chiad là den mhìos, thiormaicheadh na h‑uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Nòah air falbh còmhdach na h‑àirc, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.
14Agus anns an dara mìos, anns an t‑seachdamh là ar fhichead den mhìos, bha an talamh air tiormachadh.
15Agus labhair Dia ri Nòah, ag ràdh,
16Rach a‑mach as an àirc, thu fhèin, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.
17Thoir a‑mach leat gach nì beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de sprèidh, agus de gach uile nì a shnàigeas a tha a’ snàigeadh air an talamh; a‑chum is gun sìolaich iad air an talamh, agus gum bi iad torrach#Gen 1:22, agus gum fàs iad lìonmhor air an talamh.
18Agus chaidh Nòah a‑mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille ris:
19Chaidh gach uile bheathach, gach nì a shnàigeas, agus gach eun, gach nì a ghluaiseas air an talamh, a rèir an cineil#8:19 teaghlaichean., a‑mach as an àirc.
20Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan#Lebh 11, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan‐loisgte air an altair.
21Agus dh’fhairich an Tighearna#Lebh 1:9; Isa 65:5; Esec 20:41; 2 Cor 2:15 fàile cùbhraidh#8:21 fàile foise, no suaimhneis., agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine#Gen 3:17; 6:17; oir#8:21 no, ged. tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige#Gen 6:5; Iob 15:14; Ier 17:9; Ròm 1:21; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh#Gen 9:11, 15 gach nì beò, mar a rinn mi.
22Am feadh a mhaireas an talamh#8:22 fhathast uile làithean na talmhainn., cha sguir#Isa 54:9; Ier 33:20, 25 àm an t‑sìl‐chur agus foghar, agus fuachd agus teas, agus samhradh agus geamhradh, agus là agus oidhche.

Currently Selected:

Genesis 8: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in