Eòin 13
13
1 Nigh Crìosd casan nan deisciobal; 13 dh’earail e orra a bhith iriosal agus seirceil; 18 dh’innis e ro‑làimh, agus dh’fhoillsich e do Eòin le comharradh, gum b’e Iùdas a bhrathadh e.
1A‑nis ro fhèill na càisge#Mat 26:2, etc., air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd#Eòin 17:1, 11, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh#Ier 31:3; Eph 5:2; 1 Eòin 4:19; Tais 1:5, ghràdhaich e gu crìch iad#Ier 31:3; Ròm 8:37‐39.
2Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit#Eòin 6:70; Lùc 22:3, 53, mac Shìmoin, esan a bhrath),
3Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan#Mat 28:18; Eabh 2:8, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;
4Dh’èirich e on t‑suipeir, agus chuir e dheth a fhallaing, agus ghlac e làmh‐anart, agus cheangail e uime e.
5Na dhèidh sin, thaom e uisge ann an soitheach‐ionnlaid, agus thòisich e air casan nan deisciobal ionnlad, agus an tiormachadh leis an làmh‐anart a bha ceangailte uime.
6An sin thàinig e gu Sìmon Peadar: agus thubhairt esan ris, A Thighearna, a bheil thusa ag ionnlad mo chasan‐sa?
7Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, An nì seo a tha mi a’ dèanamh chan aithne dhutsa a‑nis; ach bidh fhios agad air an dèidh seo.
8Thubhairt Peadar ris, Cha nigh thu mo chasan‐sa gu bràth#Mat 3:14. Fhreagair Iosa e, Mura nigh mi thu, chan eil cuid agad maille rium#Eph 5:26; Tìt 3:5.
9Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, chan iad mo chasan a‑mhàin, ach mar an ceudna mo làmhan agus mo cheann.
10Thubhairt Iosa ris, An tì a tha air ionnlad, chan eil feum aige ach a chasan ionnlad, ach tha e gu h‑iomlan glan: agus tha sibhse glan, ach chan eil sibh uile glan.
11Oir bha fhios aige cò a bhrathadh e#Eòin 6:64; uime sin thubhairt e, Chan eil sibh uile glan.
12An sin, an dèidh dha an casan ionnlad, agus a fhallaing a ghabhail da ionnsaigh, shuidh e a‑rìs, agus thubhairt e riu, A bheil fhios agaibh ciod a rinn mi dhuibh?
13Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin.
14Uime sin ma dh’ionnlaid mise, ur Tighearna agus ur Maighistir, ur casan‐se#Gal 5:13; 1 Pead 5:5, is còir dhuibhse mar an ceudna casan a chèile ionnlad.
15Oir thug mi eisempleir dhuibh#1 Pead 2:21, a‑chum mar a rinn mise dhuibh, gun dèanadh sibhse mar an ceudna.
16Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, cha mhò an t‑òglach na a mhaighistir, agus cha mhò an teachdaire na an tì a chuir uaithe e.
17Mas aithne dhuibh na nithean seo, is beannaichte sibh ma nì sibh iad#Seum 1:25.
18Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh#Salm 41:9.
19A‑nis tha mi ag ràdh seo ribh mun tig e gu crìch#Eòin 14:29; 16:4, a‑chum nuair a thàrlas e, gun creid sibh gur mise e.
20Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a ghabhas ri neach sam bith a chuireas mise uam, gabhaidh e riumsa#Mat 10:40; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.
21Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad#Mat 26:21; Marc 14:18; Lùc 22:21, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.
22An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e.
23A‑nis bha aon de a dheisciobail na laighe ann an uchd Iosa, neach a b’ionmhainn le Iosa#Eòin 20:2; 21:7, 20.
24Air an adhbhar sin smèid Sìmon Peadar airsan, gum feòraicheadh e cò uime a labhair e.
25An sin air dhàsan aomadh ri uchd Iosa, thubhairt e ris, A Thighearna cò e?
26Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin.
27Agus an sin an dèidh a’ ghreama, chaidh Sàtan a‑steach annsan#Lùc 22:3. An sin thubhairt Iosa ris, An nì a tha thu a’ dèanamh, dèan gu grad e.
28A‑nis cha do thuig aon dhiubhsan a bha nan suidhe aig a’ bhòrd carson a thubhairt e seo ris.
29Oir shaoil cuid dhiubh, do bhrìgh gu robh an sporan aig Iùdas#Eòin 12:6, gun dubhairt Iosa ris, Ceannaich na nithean a tha a dh’uireasbhaidh oirnn a‑chum na fèille; no gun tugadh e nì‑eigin do na bochdan.
30An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann.
31Uime sin, nuair a chaidh esan a‑mach, thubhairt Iosa, A‑nis tha Mac an Duine air a ghlòrachadh#Eòin 12:23; 17:1‐6, agus tha Dia air a ghlòrachadh ann#Eòin 14:13; 1 Pead 4:11.
32Ma tha Dia air a ghlòrachadh ann, glòraichidh Dia esan mar an ceudna ann fhèin, agus air ball glòraichidh e e.
33A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich#Eòin 7:34; 8:21, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.
34Aithne nuadh tha mi a’ toirt dhuibh#Eòin 15:12, 17; Eph 5:2; 1 Tes 4:9; Seum 2:8; 1 Pead 1:22; 1 Eòin 2:7, 8; 3:11, 23; 4:20, 21, gun gràdhaich sibh a chèile; mar a ghràdhaich mise sibhse, gun gràdhaich sibh fhèin a chèile mar an ceudna.
35Le seo aithnichidh na h‑uile dhaoine gur sibh mo dheisciobail‐sa, ma bhios gràdh agaibh fhèin da chèile.
36Thubhairt Sìmon Peadar ris, A Thighearna, càit an tèid thu? Fhreagair Iosa e, Don àite don tèid mi, chan urrainn thusa a‑nis mo leantainn; gidheadh leanaidh tu mi na dhèidh seo#Eòin 21:18; 2 Pead 1:14.
37Thubhairt Peadar ris, a Thighearna, carson nach urrainn mi do leantainn a‑nis? Leigidh mi sìos m’anam#13:37 mo bheatha. air do shon#Mat 26:33, etc.; Marc 14:29, etc.; Lùc 22:33, etc..
38Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon‐sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.
Currently Selected:
Eòin 13: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: