YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 1

1
1 Ro‑ràdh Lùcais da shoisgeul gu h‑iomlan. 5 Ghabhadh Eòin Baistidh ann am broinn a mhàthar, 26 agus Crìosd ann am broinn na h‑òighe Muire. 39 Fàidheadaireachd Elisabeit, agus Mhuire mu thimcheall Chrìosd. 57 Breith Eòin Baistidh.
1Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg‐ne;
2A rèir mar a dh’aithris na daoine sin dhuinne iad, a chunnaic iad o thùs len sùilean#Eòin 15:27; Eabh 2:3; 2 Pead 1:16; 1 Eòin 1:1, agus a bha nan luchd‐frithealaidh an fhacail:
3Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc#Gnìo 1:1, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh‐sa ann an òrdagh,
4A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg#Eòin 20:31.
5Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa#Mat 2:1, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia#1 Each 24:10; Neh 12:4, 17: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet.
6Agus bha iad le chèile ionraic ann am fianais Dhè#Gen 7:1; 1 Rìgh 9:4; Iob 1:1, ag imeachd ann an uile àitheantan agus òrdaighean an Tighearna gu neo‐lochdach.
7Agus cha robh duine cloinne aca, do bhrìgh gu robh Elisabet neo‐thorrach, agus bha iad le chèile aosmhor.
8Agus thàrladh, am feadh a bha esan a’ frithealadh mar shagart an làthair Dhè ann an òrdagh a chùrsa,
9A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh#1 Each 23:15; 2 Each 29:11, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.
10Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh#Lebh 16:17; Tais 8:3, 4 ri àm na tùise.
11Agus chunnacas leis‐san aingeal an Tighearna na sheasamh air taobh deas altair na tùise#Ecs 30:1; Tais 8:3, 4.
12Agus nuair a chunnaic Sacharias e, bha e fo thrioblaid, agus thuit eagal air#Bri 13:22.
13Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air#Lùc 1:60, 63.
14Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith#Lùc 1:58.
15Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna#Lùc 7:28, agus chan òl e fìon no deoch làidir#Àir 6:3; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh#Ier 1:5, eadhon o bhroinn a mhàthar.
16Agus tillidh e mòran de chloinn Israeil a‑chum an Tighearna an Dia#Mat 3:5, 6.
17Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais#Mal 4:5, 6; Mat 11:14, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas‐umhail gu gliocas nam fìrean#Salm 111:10, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna.
18Agus thubhairt Sacharias ris an aingeal, Cionnas a bhios a fhios seo agam? Oir is seann duine mise, agus tha mo bhean aosmhor.
19Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel#Daniel 8:16 a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa#Eabh 1:14, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.
20Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran‐sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin#Gen 18:10.
21Agus bha am poball a’ feitheamh ri Sacharias, agus b’iongantach leo a’ mhoille a rinn e anns an teampall.
22Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.
23Agus thàrladh, nuair a choileanadh làithean a fhrithealaidh, gun deachaidh e da thaigh fhèin.
24Agus an dèidh nan làithean sin dh’fhàs a bhean Elisabet torrach, agus dh’fhalaich i i fhèin rè còig mìosan, ag ràdh,
25Is ann mar seo a rinn an Tighearna dhomh anns na làithean air an d’amhairc e orm, a thogail dhìom mo mhaslaidh am measg dhaoine#Gen 30:23; 1 Sam 1:6; Isa 54:1, 4.
26Agus anns an t‑siathamh mìos, chuireadh an t‑aingeal Gabriel o Dhia, gu baile de Ghalile, dom b’ainm Nàsaret;
27A dh’ionnsaigh òighe#Mat 1:18 a bha fo cheangal‐pòsaidh aig fear dom b’ainm Iòseph, de thaigh Dhaibhidh; agus b’e ainm na h‑òighe Muire.
28Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh‐ghean#Daniel 9:23 tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.
29Agus nuair a chunnaic i e, bha i fo thrioblaid inntinn airson a chainnte, agus a’ reusonachadh ciod a’ ghnè fhàilte a dh’fhaodadh a bhith an seo.
30Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh‐ghean o Dhia.
31Agus, feuch, gabhaidh tu ad bhroinn#Isa 7:14; Mat 1:21, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air#Lùc 2:21.
32Bidh e mòr#Mat 12:42; Philip 2:9‐11, agus goirear Mac an Tì as ro‑àirde dheth#Eòin 6:69; Eabh 1:2‐8; agus bheir an Tighearna Dia dha rìgh‐chathair a athar fhèin Daibhidh#2 Sam 7:11, 12; Isa 9:6, 7.
33Agus bidh e na Rìgh air taigh Iàcoib gu bràth#Daniel 7:14, 27; Eabh 1:8, agus cha bhi crìoch air a rìoghachd.
34Agus thubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhios seo, do bhrìgh nach eile aithne agamsa air fear?
35Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth#Marc 1:1; Eòin 1:34; Ròm 1:4.
36Agus, feuch, do bhana‐charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo‐thorrach;
37Oir chan eil nì sam bith do‑dhèante do Dhia#Mat 19:26; Ròm 4:21.
38Agus thubhairt Muire, Feuch banoglach an Tighearna; biodh e dhòmhsa a rèir d’fhacail. Agus dh’fhalbh an t‑aingeal uaipe.
39Agus air èirigh do Mhuire anns na làithean sin, chaidh i le cabhaig do dhùthaich nam beann, gu baile de Iùdah,
40Agus chaidh i a‑steach do thaigh Shachariais, agus chuir i fàilte air Elisabet.
41Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.
42Agus ghlaodh i a‑mach le guth àrd, agus thubhairt i, Is beannaichte thu am measg bhan#Bri 5:24, agus is beannaichte toradh do bhronn.
43Agus cionnas a dh’èirich seo dhòmhsa gun tigeadh màthair mo Thighearna am ionnsaigh?
44Oir feuch, cho luath is a thàinig fuaim do bheannachaidh am chluasan, bhriosg an naoidhean le aoibhneas ann am bhroinn.
45Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.
46Agus thubhairt Muire, Tha m’anam ag àrd‐mholadh an Tighearna#1 Sam 2:1; Salm 34:2, 3;
47Agus tha mo spiorad a’ dèanamh gàirdeachais ann an Dia mo Shlànaighear#Hab 3:18:
48Do bhrìgh gun d’amhairc e air staid ìosail a bhanoglaich#Salm 136:23: oir feuch, o seo suas goiridh gach linn beannaichte mi#Lùc 11:27; Mal 3:12.
49Do bhrìgh gun do rinn an Tì a tha cumhachdach nithean mòra dhomh#Salm 126:2, 3; Eph 3:20; agus is naomh a ainm.
50Agus tha a thròcair‐san o linn gu linn#Gen 17:7; Ecs 20:6; Salm 103:17, don dream don eagal e.
51Nochd e neart le a ghàirdean#Salm 98:1; Isa 51:9; 63:5, sgap e na h‑uaibhrich ann an smaointean an cridhe fhèin#1 Sam 2:9; Daniel 4:37.
52Thug e a‑nuas na daoine cumhachdach on cathraichean rìoghail#Iob 5:11; Salm 107:40, 41, agus dh’àrdaich e iadsan a bha ìosal.
53Lìon e an dream a bha acrach le nithean matha#1 Sam 2:5; Salm 107:9; agus chuir e uaithe na daoine saoibhir falamh#Lùc 18:11‐14.
54Rinn e còmhnadh ri Israel, a òglach fhèin#Salm 89:3, ann an cuimhneachadh a thròcair,
55Mar a labhair e ri ar n‑athraichean#Gen 17:19; Salm 132:11, do Abrahàm agus da shliochd gu bràth.
56Agus dh’fhan Muire maille rithe mu thimcheall trì mìosan, agus thill i da taigh fhèin.
57A‑nis thàinig làn inbhe Elisabeit, gum biodh i air a h‑aisead; agus rug i mac.
58Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr‐thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.
59Agus thàrladh air an ochdamh là gun tàinig iad a thimcheall‐ghearradh an naoidhein; agus ghairm iad Sacharias dheth a rèir ainm a athar.
60Agus fhreagair a mhàthair, agus thubhairt i, Chan eadh; ach goirear Eòin dheth.
61Agus thubhairt iad rithe, Chan eil aon neach ded chàirdean den gairmear an t‑ainm seo.
62Agus smèid iad air a athair, ciod an t‑ainm a b’àill leis a thoirt air.
63Agus air iarraidh clàir‐sgrìobhaidh dhàsan, sgrìobh e, ag ràdh, Is e Eòin as ainm dha. Agus ghabh iad iongantas uile.
64Agus air ball dh’fhosgladh a bheul, agus dh’fhuasgladh a theanga, agus labhair e, a’ moladh Dhè.
65Agus thàinig eagal air an coimhearsnaich uile: agus dh’aithriseadh na nithean sin gu lèir air feadh dùthaich àrd Iudèa uile.
66Agus iadsan uile a chuala na nithean sin, thaisg iad nan cridhe iad#Lùc 2:19, 51, ag ràdh, Ciod a’ ghnè leinibh a bhios an seo? Agus bha làmh an Tighearna maille ris#Salm 80:17; Gnìo 11:21.
67Agus bha Sacharias, a athair, air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, agus rinn e fàidheadaireachd, ag ràdh,
68Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e#Salm 72:18 agus gun tug e saorsa da phoball,
69Agus gun do thog e suas dhuinne adharc slàinte#Salm 111:9 ann an taigh Dhaibhidh, a òglach fhèin;
70A rèir mar a labhair e le beul a fhàidhean naomha fhèin#Ier 23:5, 6; Daniel 9:24, a bha ann o thoiseach an t‑saoghail;
71A thoirt saorsa dhuinn o ar naimhdean, agus o làimh na muinntir sin uile lem fuathach sinn:
72A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin#Lebh 26:42; Salm 105:8‐10; Esec 16:60:
73Na mionnan a mhionnaich e dar n‑athair Abrahàm#Gen 22:16, 17,
74Gun tugadh e dhuinn, air dhuinn a bhith air ar saoradh o làimh ar naimhdean, gun dèanamaid seirbhis dha as eugmhais eagail#Seph 3:15, 17,
75Ann an naomhachd agus ann am fìreantachd na làthair fhèin#Tìt 2:11, 12; 1 Pead 1:14, 15 uile làithean ar beatha.
76Agus thusa, a leinibh, goirear dhìot Fàidh an Tì as àirde: oir thèid thu ro aghaidh an Tighearna#Mal 3:1, a dh’ullachadh a shlighe;
77A thoirt eòlas na slàinte da phoball, ann am maitheanas am peacaidhean#Gnìo 5:31.
78Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn#Isa 9:2; Mal 4:2,
79A thoirt solais dhaibhsan a tha nan suidhe ann an dorchadas agus ann an sgàil a’ bhàis#Isa 42:7, a threòrachadh ar cas air slighe na sìthe.
80Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, agus bha e anns an fhàsach gu là a fhoillseachaidh do Israel#Mat 3:1; 11:7.

Currently Selected:

Lùcas 1: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in