YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 3

3
1 Searmonachadh Eòin Baistidh. 15 Fhianais‐san mu thimcheall Chrìosd. 20 Chuir Herod Eòin dhan phrìosan. 21 Bhaisteadh Crìosd, agus fhuair e fianais o nèamh. 23 Aois agus sinnsireachd Chrìosd.
1A‑nis anns a’ chòigeamh‐bliadhna‐deug de ìmpireachd Thiberiuis Chèasair, air bhith do Phontias Pilat na uachdaran air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air Iturèa agus dùthaich Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene,
2Nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‐shagartan#Eòin 11:49, 51; 18:13; Gnìo 4:6, thàinig facal Dhè a‑chum Eòin, mac Shachariais, anns an fhàsach.
3Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain#Mat 3:1; Marc 1:4, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais#Lùc 1:77, a‑chum maitheanas pheacaidhean;
4Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar briathran an fhàidh Esaiais, ag ràdh#Isa 40:3, Guth an tì a dh’èigheas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna, dèanaibh a cheuman dìreach.
5Bidh gach gleann air a lìonadh, agus gach beinn agus cnoc air an ìsleachadh; agus bidh na nithean cama air an dèanamh dìreach, agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh;
6Agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.
7Uime sin thubhairt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach a‑chum a bhith air am baisteadh leis, A shìol nan nathraichean nimhe#Mat 3:7, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on fheirg a tha ri teachd#1 Tes 1:10?
8Air an adhbhar sin thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais#Gnìo 26:20, agus na tòisichibh air a ràdh annaibh fhèin, Tha Abrahàm na athair againn#Eòin 8:33, 39; Ròm 9:7, 8: oir tha mi ag ràdh ribh gur comasach Dia air clann a thogail suas do Abrahàm de na clachan seo.
9Agus a‑nis fhèin tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh: air an adhbhar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos i#Lùc 13:7, 9; Mat 7:19, agus tilgear anns an teine i.
10Agus dh’fhiosraich an sluagh dheth, ag ràdh, Ciod uime sin a nì sinne?
11Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil dà chòta, roinneadh e ris an tì aig nach eil#Isa 58:7‐11; 1 Eòin 3:17; agus an tì aig a bheil biadh, dèanadh e mar an ceudna.
12Agus thàinig mar an ceudna cìs‐mhaoir#Lùc 7:29; Mat 21:32 gu bhith air am baisteadh, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ciod a nì sinne?
13Agus thubhairt esan riu, Na dèanaibh#3:13 na tagraibh. nì air bith os cionn na dh’òrdaicheadh dhuibh#Lùc 19:8; 1 Cor 6:10.
14Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid‐bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.
15Agus air a bhith don phoball a’ feitheamh, agus na h‑uile dhaoine a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin mu thimcheall Eòin, am b’e Crìosd a bha ann;
16Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge#Mat 3:11, 12; Gnìo 1:5; 2:2, 3; 11:15, 16; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr‐iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;
17Aig a bheil a ghuit na làimh#Ier 15:7, 19, agus ro‑ghlanaidh e a ùrlar, agus cruinnichidh e an cruithneachd da thaigh‐tasgaidh#Mic 4:12; Mat 13:30: ach loisgidh e am moll le teine nach fhaodar a mhùchadh#Salm 1:4; Salm 21:9; Marc 9:44, 48.
18Agus ag earalachadh mòran de nithean eile, shearmonaich e don t‑sluagh.
19Ach air do Herod an tetrarc a bhith air a chronachadh leis#Mat 14:3; Marc 6:17 airson Heròdiais, bean a bhràthar Philip, agus airson gach olc a rinn Herod,
20Chuir e seo ris gach olc eile, gun do dhruid e Eòin ann am prìosan.
21Agus thàrladh, nuair a bha an sluagh uile air am baisteadh, air do Iosa mar an ceudna a bhith air a bhaisteadh#Mat 3:13, etc.; Eòin 1:32, etc., agus e ri ùrnaigh, gun d’fhosgladh nèamh,
22Agus gun tàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an coslas corporra mar chalaman, agus gun tàinig guth o nèamh, ag ràdh, Is tusa mo Mhac gràdhach#Salm 2:7‐11, anns a bheil mo mhòr‐thlachd#Isa 42:1.
23Agus thòisich Iosa fhèin air a bhith mu thimcheall deich‐bliadhna‐fichead a dh’aois#Àir 4:3, air dha a bhith (a rèir barail dhaoine#Mat 13:55; Eòin 6:42) na mhac do Iòseph, mac Heli,
24Mhic Mhatait, mhic Lèbhi, mhic Mhelchì, mhic Ianna, mhic Iòseiph,
25Mhic Mhatatiais, mhic Amois, mhic Nauim, mhic Esli, mhic Nage,
26Mhic Mhaait, mhic Mhatatiais, mhic Shemei, mhic Iòseiph, mhic Iùdah,
27Mhic Ioanna, mhic Rhesa, mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil, mhic Neri,
28Mhic Mhelchì, mhic Adi, mhic Chosaim, mhic Elmodaim, mhic Eir,
29Mhic Iose, mhic Elieseir, mhic Ioreim, mhic Mhatait, mhic Lèbhi,
30Mhic Shimeoin, mhic Iùdah, mhic Iòseiph, mhic Ionain, mhic Eliacim,
31Mhic Mhelea, mhic Mhainain, mhic Mhatata, mhic Nàtain#2 Sam 5:14; Sech 12:12, mhic Dhaibhidh,
32Mhic Iese#Rut 4:18, 22, mhic Obeid, mhic Bhoos, mhic Shalmoin, mhic Naasoin,
33Mhic Aminadaib, mhic Araim, mhic Esroim, mhic Phareis, mhic Iùdah,
34Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim#Gen 11:24‐26, mhic Thara, mhic Nachoir,
35Mhic Sharuich, mhic Ragau, mhic Phaleic, mhic Ebeir, mhic Shala,
36Mhic Chainain, mhic Arphacsaid#Gen 11:12, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich#Gen 5:25,
37Mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhahelil, mhic Chainain,
38Mhic Enois, mhic Shet, mhic Adhaimh, mhic Dhè#Gen 1:26, 27.

Currently Selected:

Lùcas 3: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in