Marcus 10
10
1 Tha Crìosd a’ reusonachadh ris na Pharasaich mu thimcheall dealachaidh fir agus mnatha pòsda; 13 bheannaich e clann a thugadh da ionnsaigh. 32 Ro‑innis e a bhàs agus aiseirigh fhèin. 46 Dh’aisig e a radharc do Bhartimeus.
1Agus air èirigh dha as a sin#Mat 19:1, etc.; Eòin 10:40, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.
2Agus thàinig na Pharasaich da ionnsaigh, agus dh’fheòraich iad dheth ga dhearbhadh, A bheil e ceadaichte do dhuine a bhean a chur air falbh?
3Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Ciod a dh’àithn Maois dhuibh?
4Agus thubhairt iadsan, Thug Maois cead dhuinn litir‐dhealachaidh#Deut 24:1 a sgrìobhadh, agus a cur air falbh.
5Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Airson cruas ur cridhe, sgrìobh e an àithne seo dhuibh.
6Gidheadh o thoiseach na cruitheachd, rinn Dia iad fear agus bean#Gen 1:27.
7Air an adhbhar seo, fàgaidh duine a athair agus a mhàthair#Gen 2:24, agus dlùth‐leanaidh e ra mhnaoi‐phòsda;
8Agus bidh iad araon nan aon fheòil: ionnas nach dithis iad o sin suas, ach aon fheòil.
9Air an adhbhar sin, an nì a chuir Dia cuideachd, na cuireadh duine o chèile.
10Agus anns an taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth a‑rìs mu thimcheall an nì cheudna.
11Agus thubhairt e riu, Ge bè neach a chuireas air falbh a bhean fhèin#Mat 5:32; Lùc 16:18, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais na h‑aghaidh.
12Agus ma chuireas bean air falbh a fear fhèin, agus ma bhios i air a pòsadh ri fear eile, tha i a’ dèanamh adhaltranais.
13Agus thug iad leanaban da ionnsaigh, a‑chum gum beanadh e riu#Mat 19:13; Lùc 18:15; agus chronaich a dheisciobail a’ mhuinntir a thug leo iad.
14Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè#Mat 18:10; 1 Cor 14:20; 1 Pead 2:2; Tais 14:5.
15Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè neach nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag, nach tèid e gu bràth a‑steach innte#Mat 18:3.
16Agus ghlac e na uchd iad, agus chuir e a làmhan orra, agus bheannaich e iad.
17Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe#Mat 19:16, etc.; Lùc 18:18, etc., thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
18Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon#Salm 86:5; 119:68, is e sin Dia.
19Is aithne dhut na h‑àitheantan#Ecs 20, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.
20Ach fhreagair esan agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, choimhead mi iad sin uile om òige#Isa 58:2; Mal 3:8; Ròm 7:9; Philip 3:6.
21Agus air amharc do Iosa air, ghràdhaich e e, agus thubhairt e ris, Tha aon nì a dh’uireasbhaidh ort: imich, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh#Mat 6:19, 20; Lùc 12:33; 16:9; agus thig, tog an crann‐ceusaidh, agus lean mise.
22Agus bha doilgheas airsan airson nam briathran sin, agus dh’fhalbh e gu tùirseach; oir bha mòran saoibhreis aige.
23Agus air amharc do Iosa mun cuairt, thubhairt e ra dheisciobail, Cia deacair don mhuinntir sin aig a bheil mòr‐shaoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè!
24Agus bha mòr‐uamhas air na deisciobail airson a bhriathran. Ach fhreagair Iosa a‑rìs, agus thubhairt e riu, A chlann, cia deacair dhaibhsan a chuireas an dòigh#Iob 31:24; Salm 52:7; 62:10; 1 Tim 6:17 ann an saoibhreas, dol a‑steach do rìoghachd Dhè!
25Is fhasa do chàmhal dol tro chrò na snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
26Ach bha uamhas orrasan thar tomhas, ag ràdh eatorra fhèin, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?
27Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach#Gen 18:14; Iob 42:2; Ier 32:17; Lùc 1:37.
28Agus thòisich Peadar air a ràdh ris, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa.
29Ach fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh’fhàg taigh, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean‐phòsda, no clann, no fearann, air mo shon‐sa agus airson an t‑soisgeil,
30Nach faigh a cheud uiread anns an aimsir seo fhèin#Gnìo 14:22; 2 Tim 3:11, taighean, agus bràithrean, agus peathraichean, agus màthraichean, agus clann, agus fearann, maille ri geur‐leanmhainn; agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach.
31Ach tha mòran air thoiseach a bhios air dheireadh#Mat 20:16; Lùc 13:30; agus air dheireadh a bhios air thoiseach.
32Agus bha iad air an t‑slighe a’ dol suas gu Ierusalem#Mat 20:17, etc.; 18:31, etc.: agus bha Iosa ag imeachd romhpa, agus ghlac uamhas iad, agus nuair a bha iad ga leantainn, bha eagal orra. Agus thug e an dà‑fhear‐dheug air leth a‑rìs, agus thòisich e air na nithean a bha gu tachairt dha innse dhaibh;
33Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd‐shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich;
34Agus nì iad fanaid air#Salm 22:6, 7, 13, agus sgiùrsaidh iad e, agus tilgidh iad smugaid air, agus cuiridh iad gu bàs e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.
35Agus thàinig da ionnsaigh Seumas agus Eòin, mic Shebede#Mat 20:20‐28, ag ràdh, A Mhaighistir, is àill leinn gun dèan thu dhuinne ge bè nì a dh’iarras sinn.
36Agus thubhairt esan riu, Ciod as àill leibh mise a dhèanamh dhuibh?
37Agus thubhairt iadsan ris, Deònaich dhuinne gun suidheamaid, a h‑aon air do làimh dheis, agus am fear eile air do làimh chlì, ann ad ghlòir.
38Agus thubhairt Iosa riu, Chan aithne dhuibh ciod a tha sibh ag iarraidh#Seum 4:3: a bheil sibh comasach air a’ chupan òl a dh’òlas mise? Agus a bhith air ur baisteadh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise#Lùc 12:50?
39Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise:
40Ach suidhe air mo làimh dheis, agus air mo làimh chlì, cha leamsa sin ra thabhairt, ach dhaibhsan don d’ullaicheadh e#Mat 25:34; Eòin 17:14.
41Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr‐chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin.
42Ach ghairm Iosa iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Tha fhios agaibh gu bheil acasan a tha air am meas mar uachdarain air na Cinnich àrd‐thighearnas orra#Lùc 22:25; agus gu bheil aig an daoine mòra làn‐ùghdarras orra.
43Ach cha bhi e mar sin nur measg‐se: ach ge bè neach len àill a bhith mòr nur measg#Marc 9:35; Mat 20:26, 28; Lùc 9:48, bidh e na òglach agaibh:
44Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile.
45Oir cha tàinig eadhon Mac an Duine a‑chum gun dèante frithealadh dha#Eòin 13:14; Philip 2:7, ach a dhèanamh frithealaidh, agus a thoirt a anama fhèin mar èirig airson mhòran#Isa 53:11, 12; Daniel 9:26; 2 Cor 5:21; Gal 3:13; 1 Tim 2:6.
46Agus thàinig iad gu Iericho#Mat 20:29, etc.; Lùc 18:35, etc.: agus air imeachd dhàsan agus da dheisciobail, agus do shluagh mòr, a‑mach à Iericho, bha Bartimèus an dall, mac Thimèuis, na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce.
47Agus nuair a chuala e gum b’e Iosa o Nàsaret a bha ann, thòisich e ri glaodhaich agus a ràdh, Iosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
48Agus chronaich mòran e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu ro‑mhò a ghlaodh esan#Ier 29:13, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
49Agus sheas Iosa, agus dh’àithn e esan a ghairm da ionnsaigh: agus ghairm iad an dall, ag ràdh ris, Biodh misneach agad, èirich; tha e gad ghairm#Eòin 11:28.
50Agus air dhàsan a fhallaing a thilgeadh uaithe, dh’èirich e, agus thàinig e gu Iosa.
51Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e ris, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Thubhairt an dall ris, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.
52Agus thubhairt Iosa ris, Imich; shlànaich do chreideamh thu#Marc 5:34; Mat 9:22. Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e Iosa anns an t‑slighe.
Currently Selected:
Marcus 10: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: