Marcus 15
15
1 Thugadh Iosa ceangailte an làthair Philait. 17 Chuireadh coron dhroighinn air, 20 agus chaidh fanaid a dhèanamh air. 21 Dh’fhannaich e le giùlan a’ chroinn‐cheusaidh; 27 chrochadh e eadar dà ghadaiche, etc.
1Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd‐shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle#Salm 2:2; Mat 27:1, etc.; Lùc 23:1, etc.; Eòin 18:28, etc.; Gnìo 3:13, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.
2Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.
3Agus chuir na h‑àrd‐shagartan mòran de nithean as a leth: ach cha do fhreagair esan aon nì.
4Agus chuir Pilat a‑rìs ceist air, ag ràdh, Nach freagair thu nì sam bith? Feuch cia lìon nì air a bheil iad sin a’ toirt fianais ad aghaidh.
5Ach cha do fhreagair Iosa nì sam bith tuilleadh; air chor is gun do ghabh Pilat iongantas.
6A‑nis air an fhèill bu ghnàth leis aon phrìosanach, ge bè air bith a dh’iarradh iad, a leigeadh as dhaibh#Mat 27:15; Lùc 23:17; Eòin 18:39.
7Agus bha neach àraidh, dom b’ainm Barabas, ceangailte maille ra chompanaich ann an ceannairc, muinntir a bha air dèanamh mort anns a’ cheannairc.
8Agus air glaodhaich gu h‑àrd don t‑sluagh, thòisich iad air iarraidh air a dhèanamh dhaibh mar a rinn e an còmhnaidh.
9Ach fhreagair Pilat iad, ag ràdh, An àill leibh gun cuir mi rìgh nan Iùdhach fa sgaoil dhuibh?
10(Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd‐shagartan thairis e#Gnà 27:4; Gnìo 13:45; Tìt 3:3.)
11Ach bhrosnaich na h‑àrd‐shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh.
12Agus fhreagair Pilat, agus thubhairt e riu a‑rìs, Ciod mas eadh as àill leibh mi a dhèanamh ris an duine sin, den goir sibh Rìgh nan Iùdhach?
13Agus ghlaodh iad a‑rìs, Ceus e.
14An sin thubhairt Pilat riu, Carson, ciod e an t‑olc a rinn e#Isa 53:9? Ach bu ro‑mhò a ghlaodh iadsan, Ceus e.
15Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.
16Agus thug na saighdearan leo e a‑steach don talla, eadhon cùirt an uachdarain: agus ghairm iad a’ chuideachd uile an ceann a chèile.
17Agus chuir iad uime aodach purpair, agus air dhaibh coron droighinn fhighe, chuir iad air e.
18Agus thòisich iad air beannachadh dha, ag ràdh, Fàilte dhut, a Rìgh nan Iùdhach!
19Agus bhuail iad anns a’ cheann e le slait chuilce, agus thilg iad smugaid air#Marc 14:65, agus a’ lùbadh an glùn, rinn iad adhradh dha.
20Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air#Marc 10:34; Mat 20:19; Lùc 22:63, thug iad dheth an t‑aodach purpair, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad a‑mach e a‑chum gun ceusadh iad e.
21Agus dh’èignich iad duine àraidh a bha a’ dol seachad, Sìmon o Chirène (athair Alecsandair agus Rùfais, a bha a’ teachd as a’ mhachair), a‑chum a chrann‐ceusaidh a ghiùlan.
22Agus thug iad e gu ionad dom b’ainm Golgota#Mat 27:33, etc.; Lùc 23:33, etc.; Eòin 19:17, etc., is e sin air eadar‐theangachadh, àite claiginn.
23Agus thug iad dha ri òl fìon air a mheasgadh le mirr: ach cha do ghabh esan e.
24Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan#Salm 22:18, a’ tilgeadh croinn air ciod a’ chuid a bhiodh aig gach duine dheth.
25Agus bha an treas uair ann; agus cheus iad e.
26Agus bha sgrìobhadh a chùise‐dìtidh air a sgrìobhadh os a chionn, RÌGH NAN IÙDHACH.
27Agus cheus iad maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear air a làimh chlì.
28An sin choileanadh an sgriobtar a thubhairt, Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach#Isa 53:12.
29Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana‐cainnt dha#Salm 22:7, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall#Eòin 2:19, agus a thogas e ann an trì làithean,
30Fòir ort fhèin, agus thig a‑nuas on chrann‐cheusaidh.
31Agus mar an ceudna thubhairt na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean ri chèile, a’ fanaid air, Shaor e daoine eile; chan eil e comasach air e fhèin a shaoradh.
32Thigeadh a‑nis Crìosd, Rìgh Israeil, a‑nuas on chrann‐cheusaidh, a‑chum gum faic agus gun creid sinn#Ròm 3:3; 2 Tim 2:13. Agus thug iadsan a chaidh a cheusadh maille ris ana‐cainnt dha.
33Agus nuair a thàinig an siathamh uair#Mat 27:45; Lùc 23:44, bha dorchadas air an talamh uile, gu ruig an naoidheamh uair.
34Agus air an naoidheamh uair, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eloi, Eloi, lama sabachtani? Is e sin, air eadar‐theangachadh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi#Salm 22:1?
35Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an làthair thubhairt iad, Feuch, tha e a’ gairm Eliais.
36Agus ruith fear dhiubh, agus air dha spong a lìonadh de fhìon‐geur, agus a cur air slait chuilce, thug e dha ri òl#Salm 69:21, ag ràdh, Leigibh leis; faiceamaid an tig Elias ga thoirt a‑nuas.
37Agus air do Iosa èigheach le guth àrd, thug e suas an deò#Mat 27:58; Lùc 23:46; Eòin 19:30.
38Agus bha brat‐roinn an teampaill air a reubadh na dhà chuid o mhullach gu ìochdar.
39Agus nuair a chunnaic an ceannard‐ceud, a bha na sheasamh fa chomhair, gun tug e suas an deò, a’ glaodhaich mar sin, thubhairt e, Gu fìrinneach b’e an duine seo Mac Dhè.
40Agus bha, mar an ceudna, mnathan am fad uapa ag amharc: nam measg sin bha Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais a bu lugha, agus Iòseis, agus Salòme;
41Muinntir a lean e mar an ceudna, nuair a bha e ann an Galile, agus a bha a’ frithealadh dha#Lùc 8:2, 3; agus mòran eile de mhnathan a chaidh suas maille ris gu Ierusalem.
42Agus a‑nis air teachd don fheasgar (do bhrìgh gum b’e là an ullachaidh e, eadhon an là ron t‑sàbaid),
43Thàinig Iòseph o Arimatèa, comhairleach urramach, aig an robh, mar an ceudna, sùil ri rìoghachd Dhè#Lùc 2:25, 38, agus chaidh e a‑steach gu dàn a dh’ionnsaigh Philait, agus dh’iarr e corp Iosa.
44Agus b’ioghnadh le Pilat ma bha e cheana marbh. Agus air dha an ceannard‐ceud a ghairm, dh’fhiosraich e dheth, an robh fad o fhuair e bàs.
45Agus air dha fios fhaotainn on cheannard‐ceud, thug e an corp do Iòseph.
46Agus cheannaich esan lìon‐aodach grinn, agus thug e a‑nuas e, agus phàisg e anns an lìon‐aodach e, agus chuir e e ann an uaigh a chladhaicheadh à carraig, agus charaich e clach gu doras na h‑uaighe#Marc 16:3, 4.
47Agus dh’amhairc Muire Magdalen, agus Muire màthair Iòseis, air an àit anns an do chuireadh e.
Currently Selected:
Marcus 15: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: