YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 2

2
1 Leighis Crìosd neach air an robh am pairilis: 14 ghairm e Mata o àite‐togail na cìse: 16 dh’ith e maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich: 18 ghabh e leith‐sgeul a dheisciobail airson nach robh iad a’ trasgadh.
1Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.
2Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu#Salm 40:9.
3Agus thàinig iad, a’ toirt da ionnsaigh neach air an robh a’ phairilis#Mat 9:1, etc.; Lùc 5:18, etc., air a ghiùlan le ceathrar.
4Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe.
5Nuair a chunnaic Iosa an creideamh‐san#Gnìo 14:9; Eph 2:8, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
6Ach bha dream àraidh de na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, agus iad a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin,
7Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin#Isa 43:25; Daniel 9:9?
8Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan?
9Cia aca as fhasa a ràdh ris an neach air a bheil a’ phairilis, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich?
10Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh#Gnìo 5:31 (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis),
11Tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
12Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr‐iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo#Eòin 7:31; 9:32.
13Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara#2:13 is e sin, Loch Ghenesareit; ris an abrar mar an ceudna, Muir Ghalile, no, Thiberiais.; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.
14Agus a’ dol seachad dha#Mat 9:9; Lùc 5:27, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite‐togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.
15Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh‐san#Mat 9:10, etc., gun do shuidh mòran chìs‐mhaor agus pheacach maille ri Iosa#Lùc 15:1‐5 agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e.
16Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs‐mhaoir agus ri peacaich?
17Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh#Mat 9:12, 13; Lùc 5:31, 32, ach acasan a tha tinn: cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais#Isa 55:7; Mat 18:11; Lùc 19:10; 1 Cor 6:9‐11.
18Agus bu ghnàth le deisciobail Eòin agus nam Pharasach a bhith a’ trasgadh: agus thàinig iad, agus thubhairt iad ris, Carson a tha deisciobail Eòin agus nam Pharasach ri trasgadh, agus nach eil do dheisciobail‐sa a’ trasgadh?
19Agus thubhairt Iosa riu, A bheil clann seòmar an fhir nuadh‐phòsda#2:19 is e sin, companaich, no, fleasgaich, fhir‐na‑bainnse; faic, Bri 14:10, 11. comasach air trasgadh a dhèanamh, am feadh a bhios am fear nuadh‐pòsda maille riu#Mat 25:1? Am feadh tha am fear nuadh‐pòsda aca maille riu, chan fhaod iad trasg a dhèanamh.
20Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh‐pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin.
21Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.
22Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha.
23Agus thàrladh gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair air là na sàbaid#Mat 12:1, etc.; Lùc 6:1, etc.; agus thòisich a dheisciobail, ag imeachd dhaibh, ris na diasan arbhair a spìonadh#Deut 23:25.
24Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid?
25Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air#1 Sam 21:6, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris?
26Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd‐shagart, agus a dh’ith e aran na fianais#Ecs 29:32, 33; Lebh 24:9, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?
27Agus thubhairt e riu, Dh’òrdaicheadh an t‑sàbaid airson an duine#Neh 9:14; Isa 58:13; Esec 20:19, 20, chan e an duine airson na sàbaid:
28Air an adhbhar sin, is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin#Eòin 9:14; Eph 1:22; Tais 1:10.

Currently Selected:

Marcus 2: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in