YouVersion Logo
Search Icon

I. Esdras 8

8
CAIB. VIII.
1Agus an déigh nan nithe sin, an uair a rìoghaich Artacsercses rìgh nam Persach, thàinig Esdras mac Sharaiais, mhic Eseriais, mhic Helchiaih, mhic Shaluim,
2Mhic Shadduic, mhic Achitoib, mhic Amariais, mhic Esiais, mhic Mheremoit, mhic Sharaiais, mhic Shabhiais, mhic Bhoccais, mhic Abisuim, mhic Phineeis, mhic Eliasair, mhic Aaroin an àrd‑shagairt.
3Chaidh an t‑Esdras so suas o Bhabilon mar sgrìobhaiche, air da a bhi ro dheas ann an lagh Mhaois, a thugadh seachad le Dia Israeil.
4Agus chuir an rìgh urram air, oir fhuair e deagh‑ghean ʼna shùilibh ʼna uile iarrtasaibh.
5Chaidh suas maille ris mar an ceudna do Ierusalem muinntir àraidh do chloinn Israeil, do na sagartaibh, do na Lebhithich, do ʼn luchd‑seinn naomha, do na dorsairibh, agus mhinisteiribh an teampuill,
6Anns an t‑seachdamh bliadhna do rìoghachadh Artacsercseis, anns aʼ chùigeamh mìosa, bʼ e so seachdamh bliadhna an rìgh; oir chaidh iad o Bhabilon air aʼ cheud là do ʼn cheud mhìosa, agus thàinig iad gu Ierusalem a réir an turais shoirbhisich a thug an Tighearna dhoibh.
7Oir bha ro mhòran tuigse aig Esdras, air chor is nach do dhìobair e nì sam bith a bhuineadh do lagh agus àitheantaibh an Tighearna, ach theagaisg e Israel uile a thaobh nan òrduighean agus nam breitheanas.
8A nis ʼse so mar a leanas dùblachadh an òrduigh a sgrìobhadh o Artacsercses an rìgh, agus a thàinig gu Esdras an sagart, agus fear‑leughaidh lagha an Tighearna;
9Rìgh Artacsercses chum Esdras an sagart, agus fear‑leughaidh lagha an Tighearna, le beatha agus slàinte:
10Air domh rùnachadh buntainn gu toirbheartach, thug mi àithne gun rachadh aʼ mheud do chinneach nan Iudhach, agus do na sagartaibh, agus na Lebhithich, ʼsa ta air an taobh a stigh do ʼn rìoghachd, a ta toileach agus deònach, suas maille riut gu Ierusalem.
11A mheud uime sin leis am miann, falbhadh iad maille riut, do bhrìgh gum bheil sin taitneach araon dòmhsa, agus do mo sheachd càirdean na comhairlichean;
12Chum gun seall iad air gnothuchaibh Iudea agus Ierusaleim, a réir mar a ta e ann an lagh an Tighearna;
13Agus gu ʼn giùlan iad na tiodhlaca chum Thighearna Israeil do Ierusalem, a bhòidich mise agus mo chàirdean, agus an t‑òr agus an t‑airgiod uile a ghabhas faotuinn ann an tìr Bhabiloin, do ʼn Tighearn ann an Ierusalem.
14Maille ri sin mar an ceudna na bheirear leis an t‑sluagh air son teampuill an Tighearna an Dia fein ann an Ierusalem: agus gun tionalar airgiod agus òr air son tharbh, reitheachan, agus gach nì eile a bhuineas dhoibh so;
15Chum na crìche gun tabhair iad suas ìobairtean do ʼn Tighearn air altair an Tighearna an Dia, a ta ann an Ierusalem.
16Agus ciod air bith a nì thusa agus do bhràithre leis an airgiod agus an òr, dean sin a réir toil do Dhé.
17Agus soithichean naomha an Tighearna, a ta air an tabhairt duit chum feum teampuill do Dhé, a ta ann an Ierusalem, cuiridh tu iad an làthair do Dhé ann an Ierusalem.
18Agus ge bʼ e nì eile air an cuimhnich thu chum feum teampuill do Dhé, bheir thu a mach e á ionmhas an rìgh.
19Agus mise fein rìgh Artacsercses dhʼ àithn mi mar an ceudna do luchd‑coimhead nan ionmhas ann an Siria agus Phenice, ge bʼ e nì air an cuireadh Esdras an sagart fios, agus fear‑leughaidh lagha an Dé a ʼs ro àirde, gun tugadh iad dha e air ball,
20Gu ruig ceud tàlann airgid, agus uime sin mar an ceudna gu ruig ceud tomhas cruithneachd, agus ceud mìr fìona, agus nithe eile a ʼm pailteas.
21Deanar na h‑uile nithe a réir lagha Dhé, gu curamach do ʼn Dia a ʼs àirde, air eagal gun tig fearg air rìoghachd an rìgh agus a chuid mhac.
22Tha mi aʼ toirt òrduigh dhuibh mar an ceudna nach iarr sibh cìs, no càin sam bith eile, air aon air bith do na sagartaibh, no do na Lebhithich, no do ʼn luchd‑seinn naomha, no do na dorsairibh, no do sheirbhisich an teampuill, no do neach sam bith aig am bheil gnothuch anns an teampull so, agus nach bi ùghdarras aig duine sam bith chum nì sam bith a leagadh orra.
23Agus suidhich thusa, Esdrais, a réir gliocais Dé, breitheamhna agus uachdarain, chum gun toir iad breith ann an Siria uile agus Phenice, orrasan uile dʼ an aithne lagh do Dhé: agus teagaisgidh tu iadsan do nach aithne e.
24Agus gach neach a bhriseas lagh do Dhé, agus an rìgh, deanar peanas air ball air, ma ʼs ann a chum bàis, no le peanas eile, le h‑ùbhladh#8.24 ùbhladh peanas ‑ fine, penalty, forfeiture airgid, no le prìosain.
25An sin thubhairt Esdras an sgrìobhaiche, Beannaichte gu robh an t‑aon Tighearna Dia mʼ aithriche, a chuir na nithe so ann an cridhe an rìgh, a dheanamh a thighe a ta ann an Ierusalem, maiseach;
26Agus a thug urram dhomhsa ann an sealladh an rìgh, agus a choimhairleach, agus a chàirdean uile, agus a dhaoine mòra.
27Uime sin neartaicheadh mi le cuideachadh an Tighearna mo Dhé, agus chruinnich mi cuideachd daoine Israeil, gu dol suas maille rium.
28Agus is iad so cinn nan aithriche, a réir an teaghlaiche, agus an urraman eugsamhla, a chaidh suas maille rium o Bhabilon, ri lìnn Artacsercseis an rìgh:
29Do mhacaibh Phineeis, Gerson: do mhacaibh Itamair, Gamael: do mhacaibh Dhaibhidh, Lettus mac Shecheniais:
30Do mhacaibh Phareis, Sacharias: agus maille ris‑san chaidh ceud gu leth firionnach àireamh:
31Do mhacaibh Phahat‑mhoaib, Eliaonias mac Sharaiais, agus maille ris dà cheud firionnach:
32Do mhacaibh Shatoe, Sechenias mac Ieseluis, agus maille ris trì cheud firionnach: do mhacaibh Adin, Obet mac Ionatain, agus maille ris dà cheud gu leth firionnach:
33Do mhacaibh Elaim, Iosias mac Ghotoliais, agus maille ris trì fichead agus deich firionnach:
34Do mhacaibh Shaphatiais, Saraias mac Mhicaeil, agus maille ris trì fichead agus deich firionnach:
35Do mhacaibh Ioaib, Abadias mac Ieseluis, agus maille ris dà cheud agus dà fhirionnach deug:
36Do mhacaibh Bhanid, Assalimot mac Iosaphiais, agus maille ris ochd fichead firionnach:
37Do mhacaibh Bhabi, Sacharias mac Bhebai, agus maille ris fichead agus ochd firionnaich:
38Do mhacaibh Astait, Iohannes mac Acatain, agus maille ris cùig fichead agus deich firionnaich:
39Do mhacaibh deireannach Adonicaim, agus is iad so an ainmean, Eliphalet, Ieuel, agus Samaias, agus maille riù trì fichead agus deich firionnaich:
40Do mhacaibh Bhago, Uti mac Istalcuruis, agus maille ris trì fichead agus deich firionnaich:
41Agus chruinnich mi iad so chum na h‑aibhne dʼ an goirear mar ainm Teras, far an dʼ fhan sinn ann am bùthaibh trì làithean, agus an sin ghabh mi beachd orra.
42Ach an uair nach dʼ fhuair mi an sin aon do na sagartaibh agus na Lebthithich,
43An sin chuir mi fios air Eleasar, agus Iduel, agus Masman,
44Agus Alnatan, agus Mamaias, agus Ioribas, agus Natan, Eunatan, Sacharias, agus Mosollamon, prìomh dhaoine agus foghluimte:
45Agus dhʼ àithn mi dhoibh gu ʼn rachadh iad gu Addeus an ceannard, a bha aig ionad an ionmhais;
46Agus dhʼ òrduich mi dhoibh gun labhradh iad ri Addeus, agus rʼ a bhràithribh, agus ri luchd‑coimhead an ionmhais ʼsan àite sin, gu ʼn cuireadh iad dʼ ar n‑ionnsuidh aʼ leithid do dhaoine ʼsa chuireadh dreuchd nan sagart an gnìomh ann an tigh an Tighearna.
47Agus le làimh chumhachdaich ar Tighearna thug iad dʼ ar n‑ionnsuidh daoine tuigseach do mhacaibh Mholi mhic Lebhi, mhic Israeil, Asebebia, agus a chuid mhac, agus a bhràithrean, ochd fir dheug:
48Agus Asebia, agus Anunus, agus Osaias a bhrathair, do mhacaibh Channuneuis, agus an cuid mhac, fichead fear.
49Agus do sheirbhisich an teampuill a dhʼ òrduicheadh le Daibhidh, agus na prìomh dhaoine air son seirbhis nan Lebhitheach, ʼse sin, seirbhisich an teampuill, dà cheud agus fichead, mar a nochdadh iad ann an ainm‑chlàr.
50Agus an sin ghairm mi trasgadh do na daoinibh òga an làthair ar Tighearna, a dhʼ iarraidh turais thaitnich air, araon air ar son fein, agus air an sonsan a bha maille ruinn, air son ar cloinn bhig, agus air son an spréidh:
51Oir bu nàir leam buidheann shaighdearan agus mharc‑shluagh iarraidh air an rìgh, agus cuideachd chum tèaruinteachd an aghaidh ar nàimhdean.
52Oir thubhairt sinn ris an rìgh, gum biodh cumhachd an Tighearna ar Dia maille riù‑san a dhʼ iarras e, ʼgan cumail air gach seòl suas.
53Agus a rìs ghuidh sinn air an Tighearna a thaobh nan nithe sin, agus fhuair sinn caoimhneil e dʼ ar taobh.
54An sin chuir mi air leth dà fhear dheug dhiubh‑san a bʼ àirde do na sagartaibh, Esebrias, agus Assanias, agus deichnear dʼ am bràithribh maille riù:
55Agus thomhais mi dhoibh an t‑òr agus an t‑airgiod, agus soithichean naomha tighe ar Tighearna, a thug an rìgh, agus a chomhairle, agus na prionnsan, agus Israel uile seachad.
56Agus an uair a thomhais mi e, thug mi dhoibh sèa ceud agus leth‑cheud tàlann airgid, agus do shoithichibh airgid ceud tàlann, agus ceud tàlann òir,
57Agus fichead soitheach òir, agus dà shoitheach dheug do umha, eadhon do umha fìor‑ghlan, soilleir mar òr.
58Agus thubhairt mi riù, Tha sibhse maraon naomha do ʼn Tighearna, agus tha na soithichean naomha, agus tha ʼn t‑airgiod agus an t‑òr ʼnam bòid do ʼn Tighearna, Tighearn ar n‑aithriche.
59Deanaibh faire, agus gléidhibh iad gus an tabhair sibh suas iad do uachdaran nan sagart, agus nan Lebhitheach, agus do phrìomh‑dhaoinibh theaghlach Israeil, ann an Ierusalem, ann an seòmraichibh tighe ar Dé.
60Uime sin na sagairt agus na Lebhithich a fhuair an t‑airgiod, agus an t‑òr, agus na soithichean, thug siad iad gu Ierusalem, dhʼ ionnsuidh teampuill an Tighearna.
61Agus dhʼ imich sinn o ʼn abhainn Theras air an dara là deug do ʼn cheud mhìos, agus thàinig sinn gu Ierusalem le làimh chumhachdaich ar Tighearna, a bha maille ruinn: agus o thoiseach ar turais shaor an Tighearna sinn o gach nàmhaid, agus mar sin thàinig sinn gu Ierusalem.
62Agus air duinn a bhi ann an sin trì làithean, thugadh seachad air aʼ cheathramh là, ann an tigh ar Tighearna, an t‑òr agus an t‑airgiod a thomhaiseadh do Mharmot an sagart, mac Iri.
63Agus maille ris bha Eleasar mac Phineeis, agus maille riù‑san bha Iosabad mac Iesu, agus Moet mac Shabbain, Lebhithich: thugadh na h‑uile suas dhoibh a réir àireimh agus tomhais.
64Agus sgrìobhadh an tomhas aca uile ʼsan uair sin.
65Os bàrr, thug iadsan a thàinig o ʼn bhràighdeanas seachad ìobairt do Thighearna Dia Israeil, eadhon dà tharbh dheug òga, air son Israeil uile, ceithir fichead agus sèa reithe deug,
66Trì fichead agus dà uan dheug, gabhair air son ìobairt‑pheacaidh, a dhà dheug; iadsan uile ʼnan ìobairt do ʼn Tighearna.
67Agus thug iad seachad òrduighean an rìgh do stiùbhairtibh an rìgh, agus do dhʼ uachdaranaibh Chelosiria agus Phenice; agus chuir iad urram air an t‑sluagh, agus air teampull Dé.
68A nis, an uair a rinneadh na nithe sin, thàinig na h‑uachdarain amʼ ionnsuidh, agus thubhairt iad,
69Cha do chuir sluagh Israeil, na prionnsa, na sagarta, agus na Lebhithich air falbh uatha sluagh coimheach na tìre, no gràneileachdan nan cinneach, eadhon nan Canaanach, nan Hiteach, nam Peridseach, nan Iebusach, agus nam Moabach, nan Eiphiteach, agus nan Edomach:
70Oir ghabh iad dʼ an nigheanaibh dhoibh fein, agus dʼ am macaibh, agus thaʼ n t‑sliochd naomh air am measgadh le coigrich na tìre: agus o ʼn toiseach bha làmh aig na riaghlairibh, agus aig na daoinibh mòra anns aʼ chionta so.
71Agus co luath ʼsa chual mi na nithe so, reub mi mʼ eudach, agus an fhalluinn naomha, agus spìon mi gruag mo chinn agus mʼ fheusaig, agus shuidh mi sìos gu brònach, trom.
72An sin chruinnicheadh amʼ ionnsuidh iadsan uile a bha an sin air an gluasad le focal Thighearna Dhé Israeil, an uair a bha mi ri caoidh air son na h‑aingidheachd: ach shuidh mi sìos làn uamhainn gu ruig na h‑ìobairt‑fheasgair.
73An sin, ag éiridh dhomh o ʼn trasgadh, le ʼm eudach agus an fhalluinn naomha reubta; agus aʼ lùbadh mo ghlùin, agus aʼ sgaoileadh a mach mo làmhan do ʼn Tighearna,
74Thubhairt mi, O Thighearna, tha amhluadh agus nàir orm roimh do ghnùis‑sa;
75Oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar ceann, agus tha ar n‑aineolasan air éiridh suas gu nèamh.
76Oir o làithibh ar n‑aithriche, bha sinn agus tha sinn ann an cionta mòr, eadhon gu ruig an là an diugh.
77Agus air son ar n‑eucearta fein agus ar n‑aithriche, thugadh thairis sinn, maille rʼ ar bràithribh, agus ar rìghribh, agus ar sagartaibh, do rìghribh na tìre, do ʼn chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, le nàire gu ruig an là an diugh.
78Agus a nis ann an tomhas beag nochdadh tròcair dhuinn leatsa, O Thighearn, a dhʼ fhàgail duinn freumh agus ainm ann an àite do naomh‑ionad;
79Agus a leigeadh ris soluis duinn ann an tigh an Tighearna ar Dé, agus a thabhairt beathachaidh dhuinn ʼnar daorsa.
80Seadh, an uair a bha sinn ann an daorsa, cha do thréig ar Tighearna sinn; ach fhuair e tròcair dhuinn ann an sùilibh rìghrean Phersia, air chor is gun tug iad dhuinn beathachadh;
81Seadh, agus chuir iad urram air teampull ar Tighearna, agus thog iad suas Sion a dhʼ fhàsaicheadh, agus thug iad dhuinn àite‑còmhnuidh cinnteach ann an Iudea agus Ierusalem.
82Agus a nis, O Thighearna, ciod a their sinn, an déigh nan nithe sin? Oir thréig sinn tʼ àitheanta, a thug thu le làimh do sheirbhiseach ʼnam fàidh, ag ràdh,
83Gu ʼm bheil an talamh, da ʼm bheil sibh aʼ dol ʼga shealbhachadh mar oighreachd, ʼna thalamh air a thruailleadh le truaillidheachdaibh choigreach na tìre, agus lìon iad e le ʼn neo‑ghloine.
84Uime sin a nis na tugaibh bhur nigheana dʼ am macaibh, ni mò a ghabhas sibh an nigheana‑san do bhur macaibh‑se.
85Os bàrr, cha ʼn iarr sibh gu bràth sìth a bhi agaibh maille riù, chum gu ʼm bi sibh làidir, agus gun ith sibh nithe maith an fhearainn, agus gu ʼm fàg sibh am fearann mar oighreachd dʼ ur cloinn gu bràth.
86Agus thugadh oirnn gach nì a thachair air son an gnìomharan aingidh, agus ar peacanna mòra; oir rinn thusa, a Thighearna, ar n‑euceartan eutrom,
87Agus thug thu dhuinn aʼ leithid do stéidh: ach phill sinn a rìs chum do lagh a bhriseadh, agus chum cleamhnas a dheanamh ri neo‑ghloine chinneach na tìre.
88Nach feudadh tusa fearg a bhi ort ruinn chum gun cuireadh tu as duinn, gus nach fàgadh tu againn aon chuid freumh, no sìol, no ainm?
89O a Thighearna Israeil, is ceart thusa; oir dhʼ fhàgadh dhuinn an diugh freumh.
90Feuch, tha sinn a nis aʼ dʼ fhianuis ʼnar n‑euceartaibh; oir cha ʼn urrainn sinn seasamh ni ʼs faide aʼ dʼ fhianuis air son nan nithe sin,
91Agus an uair a rinn Esdras ʼna ùrnuigh aideachadh, aʼ gul, agus ʼga thilgeadh fein sìos fa chomhair an teampuill, chruinnich da ionnsuidh á Ierusalem comh‑chruinneachadh, ro mhòr do fhearaibh, agus do mhnàibh, agus do chloinn, oir ghuil an sluagh gu mòr.
92An sin labhair Iechonias mac Ieeluis, aon do mhacaibh Israeil, agus thubhairt e, O Esdrais, pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna Dé, agus ghabh sinn dʼ ar n‑ionnsuidh mnaoi choimheach do chinneachaibh na tìre, agus a nis tha Israel uile air àrdachadh.
93Deanamaid bòid do ʼn Tighearna, gun cuir sinn uainn ar mnaoi uile a ghabh sinn dʼ ar ʼn‑ionnsuidh o na cinneachaibh maille rʼ an cloinn,
94A réir mar a chomhairlich thu, agus a mheud ʼsa bhios ùmhal do lagh an Tighearna.
95Eirich, agus cuir an céill; oir dhuitse buinidh an nì so, agus bithidh sinn maille riut: dean gu treun.
96Mar so dhʼ éirich Esdras, agus thug e air na h‑àrd‑shagartaibh, agus na Lebhithich, agus air Israel uile mionnachadh gun deanadh iad a réir nan nithe sin, agus mar so mhionnaich iad.

Currently Selected:

I. Esdras 8: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in