YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 11

11
CAIB. XI.
1An sin chunnaic mi bruadar, agus, feuch, thàinig a nìos o ʼn chuan iolaire, aig an robh da sgiath dheug iteagach, agus trì cinn.
2Agus chunnaic mi, agus, feuch, sgaoil i a sgiathan thairis air an talamh air fad, agus shéid uile ghaothan na h‑iarmailte oirre, agus chruinnicheadh rʼ a chéile iad.
3Agus dhʼ amhairc mi, agus a mach as a h‑iteagaibh dhʼ fhàs iteagan eile ʼnan aghaidh; agus chinn iad ʼnan iteagaibh beaga agus faoine.
4Ach bha a cinn aig foise: bha ʼn ceann ʼsa mheadhon ni ʼs mò na càch, agus leig i e an taice na cuid eile.
5Os bàrr dhʼ amhairc mi, agus, feuch, dhʼ itealaich an iolaire le a h‑iteagaibh, agus rìoghaich i air an talamh, agus thairis orrasan a bha a chòmhnuidh ann.
6Agus chunnaic mi gu ʼn robh na h‑uile nithe fo nèamh ùmhal di, agus cha do labhair duine sam bith ʼna h‑aghaidh, ni h‑eadh, fiù aon chreutair air an talamh.
7Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, dhʼ éirich an iolaire air a spuir, agus labhair i ri a h‑iteagaibh, ag ràdh,
8Na dean faire uile còmhladh; coidleadh gach aon ʼna àite fein, agus deanadh iad faire, mu ʼn seach:
9Ach biodh na cinn air an gléidheadh gu deireadh.
10Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, cha deachaidh an fhuaim a mach as a cinn, ach á meadhon a cuirp.
11Agus dhʼ àireamh mi a h‑iteagan tarsuing, agus, feuch, bha ochd ann diubh.
12Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, air an taobh dheis dhʼ éirich aon iteag, agus rìoghaich i thar an talamh uile;
13Agus thachair e, an uair a rìoghaich i, gu ʼn dʼ thàinig aʼ chrìoch aige, agus cha ʼn fhacas ionadsan ni ʼs mò: mar sin sheas an ath té suas, agus rìoghaich i, agus bha aice ùine mhòir;
14Agus thachair e, an uair a rìoghaich i, gu ʼn dʼ thàinig a crìoch‑san mar an ceudna, mar aʼ cheud té, air chor is nach fhacas i ni ʼs mò.
15An sin thàinig guth dʼ a h‑ionnsuidh, agus thubhairt e,
16Eisd, thusa, aig an robh uachdaranachd co fada thar an talamh: so tha mi ag ràdh riut, mu ʼn tòisich thu air do nochdadh fein tuilleadh,
17Cha ruig neach idir ʼnadʼ dhéigh air an ùine agad‑sa, ni mò chum a dhàrna leth.
18An sin dhʼ éirich an treas té, agus rìoghaich i mar an aon eile a chaidh air thoiseach, agus cha do nochdadh ni ʼs mò i.
19Mar so thachair a thaobh an iomlain, aon an déigh a chéile, air chor is gun do rìoghaich gach aon, agus an sin cha ʼn fhacas i ni ʼs mò.
20An sin dhʼ amhairc mi, agus, feuch, ri h‑ùine sheas na h‑iteagan a lean suas air an taobh dheise, chum gu ʼn riaghladh iad mar an ceudna; agus riaghail cuid dhiubh, ach an ceann tacain#11.20 tacain ùine bheag ‑ short while, spell cha ʼn fhacas iad ni ʼs mò.
21Oir chuireadh cuid dhiubh suas, ach cha do riaghail iad.
22An déigh so sheall mi, agus, feuch, cha ʼn fhacas an dà iteag dheug tuilleadh, no ʼn dà iteag bheag;
23Agus cha robh tuilleadh air corp na h‑iolaire, ach na trì cinn a bha ri taice, agus sèa sgiathan beaga.
24An sin chunnaic mi mar an ceudna, gu ʼn do dhealaich dà iteag bheag iad fein o na sèa, agus dhʼ fhan iad fo ʼn cheann a bha air an taobh dheis: oir dhʼ fhan a cheithir ʼnan àite fein.
25Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, smuainich na h‑iteagan a bha fo ʼn sgéith air iad fein a chur suas, agus air an uachdaranachd a bhi aca.
26Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, chuireadh suas a h‑aon, ach an tiota cha ʼn fhacas ni ʼs mò i.
27Agus bha an dara té ni ʼs luaithe air falbh na cheud té.
28Agus dhʼ amhairc mi, agus, feuch, smuainich na dhà a dhʼ fhuirich, annta fein mar an ceudna air rìoghachadh:
29Agus an uair a smuainich iad mar so, feuch, dhùisg aon do na cinn a bha aig foise, ʼse sin, an t‑aon a bha ʼsa mheadhon; oir bha e sin ni ʼs mò a ʼm meud nʼ an dà cheann eile.
30Agus an sin chunnaic mi gu ʼn robh an dà cheann eile air an aonachadh ris.
31Agus, feuch, bha ʼn ceann air a thionndaidh maille riù‑san a bha cuid ris, agus dhʼ ith e suas an dà iteag le ʼm bu mhiann rìoghachadh.
32Ach chuir an ceann so an talamh uile fo eagal, agus le mòr‑shàruchadh riaghail e ann, os an ceann‑san uile a bha chòmhnuidh air an talamh; agus bha uachdaranachd an t‑saoghail aige ann an tomhas ni ʼs mò na aig na sgiathaibh a bhʼ ann air fad.
33Agus an déigh so dhʼ amhairc mi, agus, feuch, chaidh an ceann a bha ʼsa mheadhon gu grad as an t‑sealladh, mar a rinn na sgiathan.
34Ach dhʼ fhuirich dà cheann, a bha ʼriaghladh air an dòigh cheudna air an talamh, agus orra‑san a bha chòmhnuidh ann.
35Agus sheall mi, agus, feuch, dhʼ ith an ceann a bha air an taobh dheis suas an ceann a bha air an taobh chlì.
36An sin chual mi guth, a thubhairt rium, Seall romhad, agus beachd‑smuainich air an nì a ta thu aʼ faicinn.
37Agus dhʼ amhairc mi, agus feuch, bha e mar leòmhan beucach air a ruagadh a mach as aʼ choille: agus chunnaic mi gun do chuir e mach guth duine chum na h‑iolaire, agus thubhairt e,
38Eisd thusa, labhraidh mi riut, agus their an Tì a ʼs Airde riut,
39Nach tusa esan a ta làthair dheth na ceithir bheathaichibh, a rinn mi gu bhi ʼrìoghachadh ʼnamʼ shaoghal, chum gu ʼn tigeadh deireadh nan aimsir aca trompa‑san?
40Agus thàinig an ceathramh aon, agus thug e buaidh air na h‑uile bheathaichibh a chaidh thairis, agus aig an robh cumhachd thar an t‑saoghal, le mòr‑eagail, agus thairis air uile chuairt na talmhainn, le mòr‑shàruchadh aingidh; agus rè na h‑ùine so ghabh e còmhnuidh air an talamh le ceilg.
41Oir cha tug thu breitheanas air an t‑saoghal le fìrinn.
42Oir thug thu àmhghar air a mhacanta, chiùrr thu an sìochail, ghràdhaich thu na breugairean, agus mhill thu na h‑ionada‑còmhnuidh aca‑san a thug a mach toradh, agus thilg thu sìos na ballachan aca‑san nach dʼ rinn lochd idir ort.
43Uime sin tha do dheanadas eucorach air dol suas chum an Tì a ʼs Airde, agus tʼ uaill chum an Uile‑chumhachdaich.
44Sheall an Tì a ʼs Airde mar an ceudna air na h‑amannaibh uaibhreach, agus, feuch, tha iad air an crìochnachadh, agus a ghraneileachdan air an coimhlionadh.
45Agus uime sin, thusa a iolaire, na faicear tuilleadh thu, na do sgiathan oillteil, na tʼ iteagan aingidh, na do chinn ghamhlasach, na do spuir mhillteach, na do chorp shuarach uile;
46Chum gu ʼm bi an talamh gu léir air ath‑ùrachadh, agus gu ʼn tig e air ais, air da a bhi air a shaoradh o tʼ àinneart‑sa, agus gu ʼm feud dòchas a bhi aige ri breitheanas agus tròcair o ʼn tì a rinn e.

Currently Selected:

II. Esdras 11: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in