YouVersion Logo
Search Icon

II. Esdras 12

12
CAIB. XII.
1Agus thàinig e gu crìch, an uair a labhair an leòmhan na briathra sin ris an iolaire, chunnaic mi,
2Agus, feuch, cha ʼn fhacas ni ʼs mò an ceann a dh ʼfhuirich, no na ceithir sgiathan, agus chaidh an dithis dʼ a ionnsuidh, agus chuir iad suas iad fein a rìoghachadh, agus bha an rìoghachd‑san beag, agus làn buaireis.
3Agus chunnaic mi, agus, feuch, cha ʼn fhacas ni ʼs mò iad, agus loisgeadh corp na h‑iolaire air fad, air chor is gu ʼn robh an talamh fo eagal mòr: an sin dhùisg mi á trioblaid agus neul mʼ inntinn, agus á eagal mòr, agus thubhairt mi rimʼ spiorad,
4Feuch, rinn thu so orm‑sa, ʼn àm duit a bhi rannsachadh a mach shlighean an Tì a ʼs Airde.
5Feuch, tha mi fathast airsneileach a ʼm inntinn, agus ro lag a ʼm spiorad; agus cha ʼn ʼeil ach beag neart annam, a thaobh an eagail mhòir leis an do chuireadh geilt orm an nochd.
6Air an aobhar sin guidhidh mi a nis air an Tì a ʼs Airde, chum comhfhurtachd a thoirt domh chum na crìche.
7Agus thubhairt mi, A Thighearna, aig am bheil uachdaranachd, ma fhuair mi deagh‑ghean aʼ dʼ làthair, agus ma tha mi air mʼ fhìreanachadh leat‑sa air thoiseach air mhòran eile, agus ma tha mʼ ùrnuigh gun teagamh air dol suas a ʼm fianuis do ghnùis‑sa;
8Tabhair uime sin comhfhurtachd dhomh, agus nochd dhomhsa do sheirbhiseach am mìneachach, agus an t‑atharrachadh so‑thuigsinn aig an t‑sealladh eagallach so, chum gu ʼn toir thu comhfhurtachd iomlan do mʼ anam.
9Oir mheas thu airidh mi air na h‑amanna deireannach a nochdadh dhomh.
10Agus thubhairt e rium, ʼSe so mìneachadh an t‑seallaidh:
11ʼSi an iolair, a chunnaic thu aʼ teachd a nìos o ʼn chuan, an rìoghachd a chunncas ann an sealladh do bhràthar Dhanieil.
12Ach cha do mhìnicheadh dhàsan e, uime sin a nis leigam ris e dhuit‑sa.
13Feuch, thig na làithean, anns an éirich rìoghachd suas air an talamh, agus bithidh eagal ann roipe os ceann gach uile rìoghachd a bha air thoiseach oirre.
14Agus rìoghaichidh a dhà dheug rìghrean innte, gach aon an déigh a chéile:
15Agus dhiubh so tòisichidh an dara h‑aon air rìoghachadh, agus bithidh barrachd aimsire aige na aig a h‑aon do ʼn dhà dheug.
16Agus ʼse so tha ʼn dà sgiath dheug aʼ ciallachadh, a chunnaic thu.
17Agus a thaobh aʼ ghutha a chual thu labhairt, agus nach faca tu aʼ dol a mach as na cinn, ach o mheadhon aʼ chuirp, ʼse so am mìneachadh;
18Gu ʼn éirich còmhstrithean mòra, an déigh ama na rìoghachd sin, agus bithidh i ann an cunnart tuiteam: gidheadh cha tuit i an sin, ach aisigear i a rìs chum a toiseach.
19Agus do bhrìgh gu ʼm fac thu na h‑ochd iteagan beaga ìochdarach an sàs ri a sgiathaibh, ʼse so am mìneachadh;
20Gu ʼn éirich annsan ochd rìghrean, aig nach bi ach amanna beaga, agus am bliadhnaichean siùbhlach.
21Agus théid dithis aca a dhìth, an uair a thig an ùine mheadhonach am fagus: gléidhear ceathrar gus am bi an crìoch aʼ teachd am fagus; ach gléidhear dithis chum na crìche.
22Agus do bhrìgh gu ʼm fac thu trì cinn an taice, ʼse so am mìneachadh;
23ʼNa làithibh deireannach togaidh an Tì a ʼs Airde suas trì rìoghachdan, agus ath‑nuadhaichidh e iomadh nì annta, agus bithidh uachdaranachd na talmhainn aca,
24Agus na muinntir sin a ta chòmhnuidh ann, le mòr‑shàruchadh, os an ceann‑san uile a bha rompa: uime sin goirear cinn na h‑iolaire riù.
25Oir is sin iadsan a choimhlionas an aingidheachd aige, agus a chrìochnaicheas an deireadh aige.
26Agus do bhrìgh gu ʼm fac thu nach do nochd an ceann mòr e fein tuilleadh, tha sin aʼ ciallachadh gu ʼm bàsaich a h‑aon diubh air a leabaidh, agus sin le péin.
27Oir an dithis a ta thairis marbhar leis aʼ chlaidheamh iad.
28Oir ithidh claidheamh an aoin, suas an t‑aon eile, ach mu dheireadh tuitidh e fein leis aʼ chlaidheamh.
29Agus do bhrìgh gu ʼm faca tu dà iteag fo nan sgiathan, a ta dol thairis air aʼ cheann, a ta air an taobh dheis,
30Tha e aʼ ciallachadh, gur sin iadsan a ghléidh an Tì a ʼs Airde chum an crìche: ʼsi so an rìoghachd bheag, agus làn trioblaid, mar a chunnaic thu.
31Agus an leòmhan a chunnaic thu ag éiridh suas as aʼ choille, agus aʼ beucaich, agus aʼ labhairt ris an iolaire, agus aʼ toirt achmhasain dhi air son a neo‑fhìreantachd, leis na briathraidh sin uile a chual thu;
32Is e so an t‑aon‑ungta, a ghléidh an Tì a ʼs Airde air an son, agus air son an aingidheachd, chum na crìche: bheir esan achmhasan dhoibh, agus cronaichidh se iad air son an cruadhais‑cridhe.
33Oir suidhichidh se iad air a bheulaobh beò anns a bhreitheanas, agus bheir e achmhasan doibh, agus ceartaichidh e iad.
34Oir saoraidh e aʼ chuid eile do ʼm shluagh‑sa le tròcair, iadsan a ghléidheadh air mo chrìochaibh, agus nì e aoibhneach iad gus an tig là aʼ bhreitheanais, mu ʼn do labhair mi riut o ʼn toiseach.
35Is e so am bruadar a chunnaic thu, agus ʼsiad so na ciallan aige.
36Is tusa ʼnad aonar a bha freagarrach chum fios fhaotuinn air dìomhaireachd so an Tì a ʼs Airde.
37Uime sin sgrìobh ann an leabhar na nithe sin uile a chunnaic thu, agus foluich iad:
38Agus teagaisg iad dhoibh‑san a ta glic do ʼn t‑sluagh, aig am bheil cridheachan, mar a ta fios agad, a dhʼ fheudas na dìomharachda sin a thuigsinn agus a ghléidheadh.
39Ach fuirich thusa fein an so fathast seachd làithean tuilleadh, chum gu ʼn nochdar duit ge bʼ e nì a dheònaicheas an Tì a ʼs Airde a chur an céill duit. Agus le sin dhʼ fhalbh e.
40Agus thàinig e gu crìch, an uair a chunnaic an sluagh uile gu ʼn deachaidh na seachd làithean thairis, agus nach tàinig mise a rìs do ʼn bhaile, chruinnich iad uile cuideachd, o ʼn neach a ʼs lugha chum an neach a ʼs mò, agus thàinig iad a ʼm ionnsuidh, agus thubhairt iad,
41Ciamar a chuir sinn oilbheum ort? agus ciod an t‑olc a rinn sinn ʼnadʼ aghaidh, gu ʼn do thréig thu sinn, agus gu ʼm bheil thu ʼnadʼ shuidh ʼsan ionad so?
42Oir dhʼ fhàgadh thusa ʼnad aonar do na fàidhibh uile maille ruinn, mar bhagaid an fhìon‑fhogharaidh, agus mar choinnleir ann an ionad dòrch, agus mar chaladh no long air an teasairginn o ʼn doinionn.
43Nach leòir na truaighean a thàinig oirnn a cheana?
44Ma thréigeas tu sinn, nach mòr ni ʼs fearr a bhiodh e dhuinn, nʼ am biomaid mar an ceudna air ar losgadh ann am meadhon Shioin?
45Oir cha ʼn ʼeil sinne ni ʼs fearr na iadsan a bhàsaich an sin. Agus ghuil iad le guth àrd. An sin fhreagair mi iad, agus thubhairt mi,
46Biodh deagh mhisneach agad, O Israeil; agus na bi fo thruime, thusa a thigh Iacoib:
47Oir tha thu aig an Tì a ʼs Airde air chuimhne, agus cha do dhì‑chuimhnich an t‑Uile‑chumhachdach thu ann am buaireadh.
48Air mo shonsa dheth, cha do thréig mi thu, ni mò an deachaidh mi air falbh uait; ach tha mi air teachd chum an àite so, a dheanamh ùrnuigh air son fàsachaidh Shioin, agus a dhʼ iarraidh tròcaire air son staide ìosail bhur n‑ionaid naoimh.
49Agus a nis thugadh gach aon agaibh bhur dachaidh oirbh, agus an déigh nan làithean sin thig mi dʼ ur n‑ionnsuidh.
50Mar sin thug an sluagh am baile orra, mar a dhʼ àithn mi dhoibh:
51Ach dhʼ fhuirich mise fathast anns na h‑achaibh seachd làithean, mar a dhʼ àithn an t‑aingeal dhomh; agus anns na làithibh sin cha dʼ ith mi ach a mhàin do bhlàthaibh na macharach, agus bha na luibheanna ʼnan lòn domh.

Currently Selected:

II. Esdras 12: MacGAP

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in