N. Eoin 20
20
XX. CAIB.
Aiseirigh Chriosta, ʼsa thaisbeanadh dha dheisciopuil.
1Agus air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig Mairi Magdalen much sa mhaduinn, nuair bha e fhathast dorcha, thun na h-uaighe; us chunnaic i chlach air a toirt air falbh bho ʼn uaigh.
2Air an aobhar sin ruith i, us thainig i gu Simon Peadar, agus thun an deisciopuil eile bu toigh le Iosa, us thuirt i riu: Thug iad an Tighearna air falbh as an uaigh, ʼs cha n-eil fhios againn càite na chuir iad e.
3Uime sin dhʼ fhalbh Peadar agus an deisciopul eile, us thainig iad thun na h-uaighe.
4Agus ruith an dithis comhla, ʼs bu luaithe a ruith an deisciopul eile sin na Peadar, agus rainig e an uaigh air thoiseach.
5Us nuair a chrom e sios, chunnaic e na lion-anartan ʼnan laidhe, ach cha deach e stigh.
6An sin rainig Simon Peadar ga leantuinn, ʼs chaidh e stigh do ʼn uaigh, agus chunnaic e na lion-anartan, ʼnan laidhe,
7ʼS an neapaicin, a bha mu cheann, ʼna laidhe cha n-ann comhla ris na lion-anartan, ach air a filleadh leatha fhein an aon aite.
8An sin chaidh an deisciopul eile sin a stigh cuideachd, a rainig an uaigh air thoiseach; agus chunnaic e, agus chreid e.
9Oir cha do thuig iad fhathast an sgriobtur, gum feumadh e eirigh a rithist bho na mairbh.
10Uime sin chaidh na deisciopuil dhachaidh a rithist.
11Ach sheas Mairi muigh roimh an uaigh aʼ gal. A nis, nuair a bha i gal, chrom i sios, agus sheall i san uaigh;
12Agus chunnaic i dithis aingeal ann an geal-eideadh ʼnan suidhe, fear aig a cheann agus fear aig na casan, far na chuireadh corp Iosa ʼna laidhe.
13Thuirt iadsan rithe: A bhoirionnaich, car-son a tha thu gal? Thuirt i riu: A chionn gun tug iad air falbh mo Thighearna, ʼs cha n-eil fhios agam càite na chuir iad e.
14Us nuair thuirt i so, thionndaidh i air a h-ais, agus chunnaic i Iosa ʼna sheasamh; ʼs cha dʼ aithnich i gur e Iosa a bhʼ ann.
15Thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, car-son a tha thu gal? co tha thu sireadh? Ise ʼs i saoilsinn gur e an gairneilear a bhʼ ann, thuirt i ris: A mhaighistir, ma ʼs tu thug air falbh e, innis dhomh càite na chuir thu e; ʼs bheir mi air falbh e.
16Thuirt Iosa rithe: A Mhairi. Thuirt ise ris, ʼs i tionndadh: Rabboni (se sin ri radh a Mhaighistir).
17Thuirt Iosa rithe: Na bean dhomh, oir cha deachaidh mi fhathast suas gu mʼ Athair: ach falbh gu mo bhraithrean, agus abair riu: Tha mi dol suas gu mʼ Athair, us gu ʼr n-Athair-sa, gu mʼ Dhia ʼs ur Dia-sa.
18Thainig Mairi Magdalen, ʼs dhʼ innis i do na deisciopuil: Chunnaic mi an Tighearna, agus thuirt e na nichean so rium.
19ʼS air tighinn do ʼn anamuch an latha sin fhein, a chiad latha de ʼn t-seachduin, us na dorsan duinte, far an robh na deisciopuil cruinn, le eagal nan Iudhach, thainig Iosa, us sheas e sa mhiadhon, agus thuirt e riu: Sith dhuibh.#20.19 XX., 19. us na dorsan duinte, An aon chumhachd dha bu chomasach Corp Chriosta uile agus iomlan ʼs ʼna lan-mhiadachd a thoirt tromh na dorsan, is comasach dhi gun ag sam bith an corp ciadna dhianamh a rireadh a lathair anns an t-sacramaid; ged is neo-chomasach dhuinn aon chuid no chuid eile a thuigsinn.
20Us nuair thuirt e so, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa thaobh. Uime sin bha aoibhneas air na deisciopuil, nuair chunnaic iad an Tighearna.
21Uime sin thuirt e riu rithist: Sith dhuibh. Mar a chuir an t-Athair mise, tha mise guʼr cur-sa.
22Nuair a thuirt e so, sheid e orra; us thuirt e riu: Glacaibhs ʼan Spiorad Naomh:
23Ge bʼ iad dha ʼm math sibhse am peacannan, tha iad mathte dhaibh; agus ge bʼ iad dha ʼn ceangail sibhse am peacannan, tha iad air an ceangal.#20.23 XX., 23. Ge bʼ iad dha ʼm math, &c. Seall an so an t-ordugh air a thoirt seachad fo sheul glan reidh neamh, leis a bheil buachaillean eaglais Chriosta toirt mathanas pheacannan do na peacaich a ni aithreachas, air dhaibh eisdeachd a dhianamh.
24A nis cha robh Tomas, ris an abrar Didimus, a h-aon de na dhà-dhiag, comhla riu, nuair a thainig Iosa.
25Uime sin thuirt na deisciopuil eile ris: Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thuirt esan riu: Mur faic mi ʼna lamhan athailtean nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo mhiar ann an aite nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo lamh ʼna thaobh, cha chreid mi.
26ʼS an ceann ochd latha bha na deisciopuil rithist a stigh, us Tomas comhla riu. Thainig Iosa, ʼs na dorsan duinte, agus sheas e sa mhiadhon, us thuirt e: Sith dhuibh.
27An sin thuirt e ri Tomas: Cuir do mhiar an so, agus faic mo lamhan, us sìn do lamh, agus cuir na mʼ thaobh i; ʼs na bi mi-chreideach, ach na dʼ chreideach.
28Fhreagair Tomas, us thuirt e ris: Mo Thighearna, agus mo Dhia.
29Thuirt Iosa ris: A chionn gum fac thu mi, a Thomais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach fhaca ʼsa chreid.
30Rinn Iosa ioma miarailt eile an lathair a dheisciopul, nach eil sgriobhte anns an leabhar so.
31Ach tha iad so air an sgriobhadh, chum gun creid sibh gur e Iosa an Criosta, Mac Dhe; agus le creidsinn gum bi a bheatha agaibh ʼna ainm.
Currently Selected:
N. Eoin 20: MacETN
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017