N. Eoin 4
4
IV. CAIB.
Criosta labhairt ris a bhan-Shamaritanaich; a leigheas mac an uachdrain.
1Nuair, a thuig Iosa ma ta, gun cuala na Phairisich gun robh Iosa a dianamh tuille dheisciopul, ʼsa baisteadh tuille na Eoin,
2(Ged nach bʼ e Iosa fhein a bha baisteadh, ach a dheisciopuil,)
3Dhʼfhag e Iudéa, agus chaidh e rithist do Ghalile.
4Us bʼ fheudar dha dol tromh Shamaria.
5Thainig e uime sin gu baile de Shamaria, ris an abrar Sichar, lamh ris an fhearann, a thug Iacob dha mhac Ioseph.
6A nis bha tobar Iacoib an sin. Shuidh Iosa ma ta, ʼs e sgith le thurus, mar so fos cionn an tobair. Bha e mun cuairt do ʼn t-siathamh uair.
7Thainig boirionnach á Samaria a tharruinn uisge. Thuirt Iosa rithe: Thoir dhomh deoch.
8(Oir bha a dheisciopuil air dol a stigh do ʼn bhaile a cheannach bìdh.)
9An sin thuirt a bhan-Shamaritanach sin ris: Cia-mar a tha thusa, ʼs gur Iudhach thu, a g-iarraidh deoch ormsa, ʼs mi namʼ bhan-Shamaritanaich? Oir cha n-eil comunn aig na h-Iudhaich ris na Samaritanaich.
10Fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: Nam bʼ aithne dhut gibht Dhe, agus co e a tha g-radh riut: Thoir dhomh deoch, theagamh gun iarradh tu air, ʼs bheireadh e dhut uisge beo.
11Thuirt am boirionnach ris: A Thighearna, cha n-eil saghach agad leis an tarruinn thu, ʼs tha an tobar domhain: co as ma ta a tha uisge beo agad?
12Am mua thusa na ar n-athair Iacob, a thug an tobar dhuinn, ʼsa dhʼ ol as e fhein, ʼsa chlann, ʼsa spreidh?
13Fhreagair Iosa, us thuirt e rithe: Co sa bith a dhʼolas dhe ʼn uisge so, bithidh pathadh air a rithisd: ach an neach a dhʼ olas dhe ʼn uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh air am feasd.
14Ach cinnidh an t-uisge, a bheir mise dha, ʼna thobar uisge ann, a struthadh gu beatha shiorruidh.
15Thuirt am boirionnach ris: A Thighearna, thoir dhomh an t-uisge so, gus nach bi pathadh orm, ʼs nach tig mi ʼn so a tharruinn.
16Thuirt Iosa rithe: Falbh, gairm an duine agad, ʼs thig an so.
17Fhreagair am boirionnach, us thuirt i: Cha n-eil fear agam. Thuirt Iosa rithe: Is math a labhair thu, cha n-eil fear agam:
18Oir bha coignear fhear agad, ʼs am fear a thʼ agad an drasda, cha n-e tʼ fhear e: is fior a thuirt thu so.
19Thuirt am boirionnach ris: A Thighearna, tha mi faicinn gur faidh thu.
20Bha ar n-aithrichean a toirt aoraidh air a bheinn so, ʼs tha sibhse a g-radh gur ann an Ierusalem tha an t-aite far an còir aoradh a thoirt.
21Thuirt Iosa rithe: A bhoirionnaich, creid mise gum beil an uair a tighinn anns nach toir sibh air a bheinn so, no ann an Ierusalem, aoradh do ʼn Athair.
22Tha sibhse toirt aoraidh do ʼn ni nach aithne dhuibh: tha sinne toirt aoraidh do ʼn ni is aithne dhuinn: oir ʼsann bho na h-Iudhaich a tha sabhaladh.
23Oir tha ʼn uair a tighinn, ʼs tha i nis ann, anns an toir am fior luchd-aoraidh aoradh do ʼn Athair ann an spiorad ʼs am firinn. Oir ʼsiad an leithidean sin, a tha an t-Athair a sireadh gu aoradh a thoirt da.
24Tha Dia ʼna spiorad; agus feumaidh iadsan, a tha toirt aoraidh dha, aoradh a thoirt da an spiorad ʼs am firinn.
25Thuirt am boirionnach ris: Tha fios agam gum beil am Messias a tighinn (ris an abrar Criosta): air an aobhar sin nuair a thig esan, innsidh e h-uile ni dhuinn.
26Thuirt Iosa rithe: Is mise e, a tha labhairt riut.
27Agus thainig a dheisciopuil sa cheart uair: ʼs bha iongantas orra gun robh e a bruidhinn ris a bhoirionnach. Ach cha tuirt duine: Ciod a tha thu sireadh, no, car-son a tha thu bruidhinn rithe?
28Uime sin dhʼfhag am boirionnach a saghach uisge, agus dhʼfhalbh i do ʼn bhaile, us thuirt i ris na daoine sin:
29Thigibh, agus faicibh duine a dhʼinnis dhomh gach uile ni a rinn mi: Nach esan an Criosta?
30Le sin chaidh iad a mach as a bhaile, agus thainig iad ga ionnsuidh.
31ʼS an àm sin ghuidh na deisciopuil air, a g-radh: A Rabbi, ith.
32Ach thuirt esan riu: Tha biadh agamsa ri itheadh nach aithne dhuibh.
33Uime so bha na deisciopuil a g-radh ri cheile: An tug duine air bith dad ga ionnsuidh gus ithe?
34Thuirt Iosa riu: Se mo bhiadhsa a thoil-san a dhianamh a chuir mi, gus mi obairsan a choimhlionadh.
35Nach eil sibhse a g-radh gum beil fhathast ceithir miosan ann, ʼs an sin gun tig am faghar? Seall, tha mi g-radh ribh: togaibh ur suilean, us faicibh na h-achannan, gum beil iad mar-tha geal air son an fhaghair.
36Agus am fear a bhuaineas, gheobh e tuarasdal, agus cuiridh e toradh cruinn air son na beatha siorruidh; los gun dian am fear-cuir agus am buanaiche aoibhneas le cheile.
37Agus le so tha am facal fior: gum beil aon fhear a cur, ʼs fear eile a buain.
38Chuir mise sibhse a bhuain an ni nach do threabh sibh: threabh feadhainn eile, agus chaidh sibhse a stigh ʼnan saothair.
39A nis chreid moran Shamaritanach dhe ʼn bhaile ud ann, air facal a bhoirionnaich, a togail fianuis: Gun dʼinnis e dhomh gach uile ni a rinn mi.
40Air chor ʼs, nuair thainig na Samaritanaich ga ionnsuidh, gun do ghrios iad air fuireach an sin. Us dhʼ fhuirich e an sin dà latha.
41Agus chreid moran tuille ann as leth fhacail fhein.
42Us thuirt iad ris a bhoirionnach: Tha sinn a creidsinn a nis cha n-ann as leth do chainntse: oir chuala sinn fhein e, agus is aithne dhuinn gu fior gur e so Slanair an t-saoghail.
43ʼS an deigh dà latha thriall e á sin; us chaidh e do Ghalile.
44Oir thug Iosa fhein teisteanas, nach eil onair aig faidh ʼna dhuthaich fhein.
45Agus an deigh dha tighinn do Ghalile, ghabh na Galiléanaich ris, a chionn gum faca iad na nichean uile a rinn e ann an Ierusalem air latha na feille: oir bha iad fhein air tighinn thun na feille.
46Thainig e ma ta rithist do Chana Ghalile, far na thionndaidh e uisge gu fion. Agus bha riaghladair araid ann aig an robh a mhac tinn an Capharnaum.
47Nuair chual esan gun robh Iosa air tighinn bho Iudéa do Ghalile, chaidh e ga ionnsuidh, agus ghuidh e air gun rachadh e sios agus a mhac a leigheas: oir bha e ri uchd bàis.
48Uime sin thuirt Iosa ris: Mur faic sibh comharran agus miarailtean, cha chreid sibh.
49Thuirt an riaghladair ris: A Thighearna, thig sios mu ʼm faigh mo mhac bàs.
50Thuirt Iosa ris: Bi falbh, tha do mhac beo. Chreid an duine am facal a thuirt Iosa ris, us dhʼfhalbh e.
51ʼS nuair a bha e tearnadh, choinnich a sheirbhisich e, ʼs thug iad brath dha a g-innse gun robh a mhac beo.
52An sin dhʼfharraid e dhiu an uair anns an deach e am feobhas. Us thuirt iad ris: Mu sheachd uairean an dé dhʼfhag an teasach e.
53Uime sin dhʼaithnich an t-athair, gum bʼ i sin a cheart uair anns an tuirt Iosa ris: Tha do mhac beo; us chreid e fhein, ʼsa thigh uile.
54Se so rithist an darna miarailt a rinn Iosa, an deigh dha tighinn bho Iudéa do Ghalile.
Currently Selected:
N. Eoin 4: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017