N. Eoin 6
6
VI. CAIB.
Criosta riarachadh choig mile le coig builionnan; a coiseachd air a mhuir: ʼsa labhairt mu aran na beatha.
1ʼNan deigh so chaidh Iosa thairis air muir Ghalile, si sin muir Thiberiais;
2Agus lean moran sluaigh e, a chionn ʼs gum faca iad na miarailtean a rinn e orrasan a bha tinn.
3Uime sin chaidh Iosa suas air beinn: agus shuidh e an sin maille ri dheisciopuil.
4A nis bha chàisg, là feill nan Iudhach, aig laimh.
5Nuair ma ta a thog Iosa suas a shuilean, ʼsa chunnaic e anabarr sluaigh air tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ri Philip: Co as a cheannaicheas sinn aran, los gun ith iad so?
6Ach thuirt e so gu diachuinn a chur air: oir bʼ aithne dha fhein ciod a bha e dol a dhianamh.
7Fhreagair Philip e: Cha n-fhoghainn luach dà chiad peighinn de dhʼ aran dhaibh, gus gach aon a dhʼ fhaighinn beagain.
8Thuirt a h-aon dhe dheisciopuil, Aindris, brathair Shimoin Pheadair, ris:
9Tha giullan an so aig a bheil coig builionnan eorna, ʼs dà iasg: ach ciod iad sin am measg na h-uibhir?
10An sin thuirt Iosa: Thugaibh air na daoine suidhe sios. A nis bha moran feoir san aite. Shuidh ma ta na daoine, an aireamh mu thimchioll choig mile.
11Agus ghlac Iosa na builionnan; ʼs an deigh dha taing a thoirt, riaraich e orrasan a bha ʼnan suidhe; mar an ciadna de ʼn iasg, a mhiad ʼsa bʼ aill leo.
12Us nuair bha iad riaraichte, thuirt e ri dheisciopuil: Tionailibh na fuighlichean, a dhʼfhagadh, los nach teid iad a dholaidh.
13Thrus iad uime sin, agus lion iad dà chliabh dhiag de spruileach nan coig builionnan eorna, a dhʼfhagadh leo-san a dhʼith.
14Le sin nuair chunnaic na daoine sin a mhiarailt a rinn Iosa, thuirt iad: Gu firinneach se so am faidh a tha gu tighinn thun an t-saoghail.
15Uime sin nuair a thuig Iosa gun robh iad dol a thighinn gus a spionadh leo gu righ a dhianamh dheth, theich e rithist ʼna aonar do ʼn bheinn.
16ʼS nuair a thainig an t-anamuch, chaidh a dheisciopuil sios thun na mara.
17ʼSa dol air bord saghach, chaidh iad thar a mhuir do Chapharnaum; agus bha e nis dorcha; ʼs cha robh Iosa air tighinn gan ionnsuidh.
18Us dhʼ at a mhuir suas le gaoith mhoir a sheid.
19Nuair ma ta bha iad air iomradh mun cuairt de choig stàdan fichead, no deich thar fhichead, chunnaic iad Iosa a coiseachd air a mhuir, ʼsa tarruinn teann air an t-saghach, agus ghabh iad eagal.
20Us thuirt e riu: Is mise a thʼann, na gabhaibh eagal.
21Le sin bha toil aca a ghabhail a stigh do ʼn t-saghach; ʼs air ball bha an saghach aig an tir gus an robh iad a dol.
22Air an là ʼr na mhaireach chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara, nach robh saghach sam bith eile an sin ach an t-aon fhear, ʼs nach robh Iosa air dol air bord comhla ri dheisciopuil, ach gun deachaidh a dheisciopuil air falbh leo fhein:
23Ach thainig saghaichean eile bho Thiberias, teann air an aite anns na dhʼith iad aran, an deigh do ʼn Tighearna taing a thoirt.
24Nuair ma ta chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no dheisciopuil, ghabh iad saghaichean, ʼs thainig iad gu Capharnaum, a sireadh Iosa.
25ʼS nuair a fhuair iad e air taobh eile na mara, thuirt iad ris: A Rabbi, cuin a thainig thu an so?
26Fhreagair Iosa, us thuirt e: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: tha sibh gam shireadh, cha n-ann air son gum faca sibh na miarailtean, ach air son gun dʼ ith sibh de na builionnan, ʼs gun dʼ fhuair sibh ur sàsachadh.
27Na saothraichibh air son an tiochd-an-tir a theid a dhith, ach air son an tiochd-an-tir a mhaireas gus a bheatha shiorruidh, a bheir Mac an duine dhuibh. Oir esan sheul Dia an t-Athair.
28Uime sin thuirt iad ris: Ciod a ni sinn, los gun oibrich sinn obair Dhe?
29Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Si so obair Dhe, sibh a chreidsinn annsan a chuir e.
30Air an aobhar sin thuirt iad ris: Ciod an comharradh ma ta a ni thu, chum gum faic sinn, ʼs gun creid sinn thu? Ciod a tha thu g-oibreachadh?
31Dhʼith ar n-aithrichean manna anns an fhasach, mar a tha sgriobhte: Thug e aran dhaibh bho neamh gus ithe.
32An sin thuirt Iosa riu: Gu fior fior tha mi g-radh ribh: Cha tug Maois dhuibh aran bho neamh, ach tha mʼ Athair toirt dhuibh an fhior arain bho neamh.
33Oir se sin aran De a tha tighinn a nuas bho neamh, ʼsa tha toirt beatha do ʼn t-saoghal.
34Uime sin thuirt iad ris: A Thighearna, thoir an t-aran so dhuinn an comhnuidh.
35Us thuirt Iosa riu: Is mise aran na beatha: an neach a thig gam ionnsuidhse, cha bhi acras air; ʼsan neach a chreideas unnamsa, cha bhi pathadh air a chaoidh.
36Ach thuirt mi ribh, gum faca sibhse cuideachd mi, ʼs cha n-eil sibh a creidsinn.
37Thig gach aon a bheir an t-Athair dhomh gam ionnsuidh; ʼs an neach a thig gam ionnsuidh, cha thilg mi mach:
38Oir thainig mi nuas bho neamh, cha n-ann gus mo thoil fhein a dhianamh, ach a thoil-san a chuir mi.
39A nis si so toil an Athar a chuir mi, nach caillinn gin dhiusan uile, a thug e dhomh, ach gun togainn suas e rithist air an latha dheireannach.
40Ach si so toil mʼAthar a chuir mi, gum bi a bheatha shiorruidh aig gach aon a chi am Mac, ʼsa chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.
41Uime sin rinn na h-Iudhaich monmhur uime, chionn gun tuirt e: Is mise an t-aran beo a thainig a nuas bho neamh.
42Agus thuirt iad: Nach e so Iosa mac Ioseiph, aig a bheil athair agus mathair a ʼs aithne dhuinn? Ciamar ma ta their esan: Thainig mi nuas bho neamh?
43Uime sin fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Na bithibh ri monmhur ʼnur measg fhein.
44Cha n-urrainn do dhuine sam bith tighinn gam ionnsuidhse, mur tarruinn an t-Athair, a chuir mi, e; agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.
45Tha e sgriobhte sna faidhean: Bithidh iad uile air an teagasg le Dia. Tha gach aon, a chuala bho ʼn Athair, ʼsa dhʼfhaghluim, a tighinn h-ugamsa.
46Cha n-e gum faca neach: air bith an t-Athair, ach esan a tha bho Dhia, chunnaic esan an t-Athair.
47Gu firinneach firinneach tha mi a g-radh ribh: Esan a tha creidsinn unnamsa, tha bheatha shiorruidh aige.
48Is mise aran na beatha.
49Dhʼith ur n-aithrichean manna san fhasach, agus fhuair iad bàs.
50Se so an t-aran a tha tighinn a nuas bho neamh; los, ma dhʼitheas neach air bith dheth, nach fhaigh e bàs.
51Is mise an t-aran beo, a thainig a nuas bho neamh.
52Ma dhʼitheas neach air bith dhe ʼn aran so, bithidh e beo gu siorruidh; ʼs an t-aran a bheir mise seachad, se mʼ fheoil e air son beatha an t-saoghail.
53Air son so bha na h-Iudhaich a consachadh ri cheile, a g-radh: Ciamar is urrainn do ʼn duine so fheoil a thoirt dhuinn gus a h-ithe?
54An sin thuirt Iosa riu: Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: mur ith sibh feoil Mhic an duine, ʼs mur ol sibh fhuil, cha bhi bheatha agaibh unnaibh.#6.54 VI. CAIB. 54. mur ith sibh... ʼs mur ol sibh, &c. Is fàinte dhiadhaidh, air a teagasg leis na briathran so, fuil us feoil Chriosta ghabhail, a tha na creidich a coimhlionadh le fuil agus feoil Chriosta ghabhail fo ʼn aon riochd: chionn fo ʼn aon riochd tha iad faighinn an dà chuid, fhuil agus fheoil, nach gabh dealachadh bho cheile. Oir tha bheatha shiorruidh air a gealltuinn dhasan a ghabhas gu h-iomchuidh fo ʼn aon riochd. Ma dhʼ itheas neach air bith dhe ʼn aran so, bithidh e beo gu siorruidh; ʼs an t-aran a bheir mise seachad, se mʼ fheoil e air son bcatha an t-saoghail. Faic na rainn 58 agus 59 cuideachd.
55An neach a dhʼitheas mʼ fheoil, ʼsa dhʼolas mʼ fhuil, tha bheatha shiorruidh aige; us togaidh mi suas e air an latha dheireannach.
56Oir is biadh firinneach mʼ fheoil; agus is deoch fhirinneach mʼ fhuil.
57An neach a dhʼitheas mʼ fheoil, ʼsa dhʼolas mʼ fhuil, gabhaidh e comhnuidh unnamsa, agus mise annsan.
58Mar a chuir an t-Athair beo mise, ʼsa tha mise beo tromh mʼ Athair: mar sin an neach a dhʼitheas mise, bithidh e beo tromham-sa.
59Se so an t-aran a thainig a nuas bho neamh. Cha n-ann mar a dhʼith ur n-aithrichean manna, ʼsa fhuair iad bàs. An neach a dhʼitheas an t-aran so, bithidh e beo gu siorruidh.
60Iad so labhair e, ʼs e teagasg anns an t-sinagog an Capharnaum.
61Uime sin thuirt moran dhe dheisciopuil, ʼs iad a cluinntinn so: Is cruaidh am facal so, co is urrainn eisdeachd ris?
62Ach Iosa a tuigsinn ann fhein, gun robh a dheisciopuil ri monmhur mu so, thuirt e riu: Am beil sibh a gabhail sgainneil á so?
63Ciod ma ta ma chi sibh Mac an duine a dol suas far an robh e roimhe?#6.63 R. 63. Ciod ma ta ma chi sibh &c. Bu mhiann le Criosta, le bruidhinn air ʼaiseirigh, a thaobh mar dhʼ fhiach e an sin a chumhachd agus a dhiadhachd, a steidheachadh mar fhirinn na chuir e an ceill cheana dhaibh, ʼs an cur ceart far an robh iadsan ga thuigsinn gu cearr, le bhith smaoineachadh gur h-ann san doigh chumanta ʼs mar fheoil eile, a dhʼ icheadh iad fheoil-sa agus a dhʼ oladh iad fhuil, le fios thoirt daibh gun tugadh e leis a chorp uile beo do fhlathanas; agus a reir sin nach biodh i, mar a shaoil iadsan, air a roinn, air a riabadh, ʼs air a h-icheadh air talamh.
64Se an Spiorad a tha beothachadh: cha n-eil buannachd sam bith san fheoil. Na briathran a labhair mi ribh, is spiorad agus beatha iad.#6.64 64. cha n-eil buannachd sam bith san fheoil.Cha bhiodh buannachd am feoil mhairbh air a sgaradh bho ʼn spiorad, anns an doigh dheisinnich a shaoil iadsan a bha fheoil ri h-icheadh. Cha mhua bhiodh tairbhe am feoil an duine, se sin ann an inntinn nad-urra an duine, a tha diultadh bhith umhailt do spiorad ʼs do bhriathran Chriosta. Ach is dearbh bhlaisbheum a bhith g-radh nach eil buannachd ann am feoil bheo Chriosta, a tha sinn gabhail san t-sacramaid maille ri ʼspiorad, se sin, ʼanam agus dhiadhachd. Oir mur dianadh feoil Chriosta buannachd sam bith dhuinn, cha bhiodh e riamh air a gabhail, no air fulang san fheoil as ar leth. Ibid. Is spiorad agus beatha iad. Le cur an ceill dhuibh sacramaid bho neamh, leis am faigh sibh, anns an doigh mhiarailtich so, spiorad, grasan, agus beatha. ʼnam fior thubair.
65Ach tha cuid dhibh nach eil a creidsinn. Oir bha fios aig Iosa bho thoiseach co bʼ iad nach robh a creidsinn, agus co am fear a bhrathadh e.
66Us thuirt e: ʼSann as leth sin a thuirt mi ribh nach urrainn do neach air bith tighinn h-ugamsa, mur toirear dha e le mʼ Athair.
67An deigh so chaidh moran dhe dheisciopuil air an ais; ʼs cha dʼimich iad tuille comhla ris.
68An sin thuirt Iosa ris na dhà-dhiag: An aill leibhse falbh cuideachd?
69Agus fhreagair Simon Peadar e: A Thighearna, co dhʼionnsuidh an teid sinn? Tha briathran na beatha siorruidh agad.
70Agus chreid sinne, agus ʼs aithne dhuinn gur tu Criosta Mac Dhe.
71Fhreagair Iosa iad: Nach do thagh mise sibh a dhà-dhiag? agus tha h-aon agaibh ʼna dheomhan.
72Ach labhair e mu Iudas Iscariot, mac Shimoin: oir bʼesan a bha gus a bhrath, ʼs gum bu h-aon de na dhà-dhiag e.
Currently Selected:
N. Eoin 6: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

: