YouVersion Logo
Search Icon

N. Eoin 7

7
VII. CAIB.
Criosta dol gu feill nam paillionan ʼsa teagasg san teampull.
1Agus ʼnan deigh so bha Iosa a g-imeachd feadh Ghalile: oir cha robh toil aige imeachd feadh Iudéa: a thaobh gun robh na h-Iudhaich a g-iarraidh a mharbhadh.
2A nis bha là feill-paillion nan Iudhach aig laimh.
3Us thuirt a bhraithrean ris: Falbh á so, agus rach gu Iudéa, los gum faic do dheisciopuil cuideachd do ghniomhran a tha thu dianamh.
4Oir cha dian neach air bith ni an uaigneas, us deidh aig fhein a bhith am follais: ma tha thu dianamh nan nichean so, nochd thu fhein do ʼn t-saoghal.
5Oir cha robh a bhraithrean fhein a creidsinn ann.
6An sin thuirt Iosa riu: Cha tainig an t-àm agam-sa fhathast: ach tha an t-àm agaibhse daonnan deas.
7Cha n-urrainn do ʼn t-saoghal fuath a thoirt dhuibhse: ach tha fuath aig ormsa: chionn gum beil mi togail fianuis air, gum beil a dhianadas olc.
8Gabhaibhse suas a dhʼ ionnsuidh na feille so, ach cha teid mise suas thun na feille so: chionn nach do choimhlionadh mʼ àmsa fhathast.
9An deigh dha iad so radh, dhʼ fhan e fhein ann an Galile.
10Ach an deigh dha bhraithrean dol suas, chaidh e fhein an sin suas thun na feille, cha n-ann gu follaiseach, ach mar gum bʼ ann gu h-uaigneach.
11Uime sin bha na h-Iudhaich ga shireadh latha na feille, ʼsa g-radh: Càite am beil e?
12ʼS bha monmhur mor am measg an t-sluaigh mu dheidhinn. Oir bha cuid a g-radh: Tha e ʼna dhuine math. ʼS bha cuid eile g-radh: Cha n-eil, ach tha e a mealladh an t-sluaigh.
13Ach cha robh duine air bith a labhairt gu follaiseach uime, air eagal nan Iudhach.
14A nis mu mhiadhon na feille, chaidh Iosa suas doʼn teampull, agus theagaisg e.
15Agus ghabh na h-Iudhaich ioghnadh, a g-radh: Ciamar is aithne do ʼn duine so litrichean, agus nach dʼ ionnsuich e?
16Fhreagair Iosa iad, us thuirt e: Cha leam fhein mo theagasg, ach leis-san a chuir mi.
17Ma ʼs math le duine air bith a thoil-sa dhianamh, bithidh fios aige mu ʼn teagasg, co-dhiu ʼsann bho Dhia a tha e, no gur h-ann bhuam fhein a tha mise labhairt.
18Esan a labhras bhuaithe fhein, tha e sireadh a ghloire fhein: ach esan a shireas a ghloir-san, a chuir e, tha e firinneach, ʼs cha n-eil eucoir sa bith ann.
19Nach tug Maois dhuibh an lagh? ʼs cha n-eil a h-aon agaibh a cumail an lagha.
20Car-son tha sibh a sireadh mise mharbhadh? Fhreagair an sluagh, us thuirt iad: Tha deomhan agad: co tha sireadh do mharbhadh?
21Fhreagair Iosa, us thuirt e riu: Aon obair rinn mi, agus tha sibh uile a gabhail iongantais.
22A rithist thug Maois dhuibh an timchioll-ghearradh (cha n-ann chionn gum beil e bho Mhaois, ach bho na h-aithrichean); us air an t-sàbaid timchioll-ghearraidh sibh duine.
23Ma tha duine a gabhail an timchioll-ghearraidh air latha na sàbaid, gus nach bristear lagh Mhaois: am beil fearg agaibh riumsa, a chionn gun do leighis mi duine gu h-iomlan air latha na sàbaid?
24Na tugaibh breth a reir coltais, ach thugaibh breth cheart.
25Uime sin bha cuid de mhuinntir Ierusalem a g-radh: Nach e so esan a tha iad a g-iarraidh a mharbhadh?
26Us, fiach, tha e labhairt gu follaiseach, ʼs cha n-eil iad a g-radh ni ris. Am beil na riaghladairean air gabhail ris a cheart rireadh gur e so an Criosta?
27Ach ʼs aithne dhuinn an duine so, co as a tha e: ach nuair thig Criosta, cha bhith fios aig duine air bith co as a tha e.
28Air an aobhar sin ghlaodh Iosa anns an teampull, a teagasg ʼsa g-radh: Is aithne dhuibh mi, agus is aithne dhuibh co as a tha mi; ʼs cha tainig mi bhuam fhein, ach tha esan fior, a chuir mi, neach nach aithne dhuibhse.
29Is aithne dhomhsa e: chionn tha mi bhuaithe, agus is esan a chuir mi.
30Uime sin dhʼiarr iad a ghlacadh: ʼs cha do chuir duine lamh air: a chionn nach robh uair-sa air tighinn fhathast.
31Ach chreid moran de ʼn t-sluagh ann, us bha iad a g-radh: Nuair a thig Criosta, an dian e tuille mhiarailtean na iad so, a tha an duine so dianamh?
32Chuala na Phairisich an sluagh a talach mu na nichean so ga thaobh; agus chuir na riaghladairean ʼs na Phairisich maoir gus a ghlacadh.
33Uime sin thuirt Iosa riu: Tacan beag fhathast tha mi cuide ribh; an sin tha mi dol ga ionnsuidhse, a chuir mi.
34Iarraidh sibh mi, ʼs cha n-fhaigh sibh mi: agus far am bi mise, cha n-urrainn duibhse tighinn.
35Uime sin thuirt na h-Iudhaich ʼnam measg fhein: Càite bheil e gu dol, far nach fhaigh sinn e? Bheil e gu dol thun nan daoine sgapte measg nan cinneach, ʼs na cinnich a theagasg?
36Ciod e am facal so, a thuirt e: Iarraidh sibh mi, ʼs cha n-fhaigh sibh mi; us far a bheil mise, cha n-urrainn duibhse tighinn?
37Agus air an latha mhor mu dheireadh de ʼn fheill, sheas Iosa, us dhʼeigh e, a g-radh: Ma tha pathadh air neach sam bith, thigeadh e h-ugamsa, agus oladh e.
38Esan a chreideas unnamsa, mar tha an sgriobtur a g-radh, as a bhroinn-sa struthaidh aibhnichean de dhʼ uisge beo.
39A nis thuirt e so mu ʼn spiorad a gheobhadh iadsan, a chreideadh ann: oir cha tugadh an spiorad seachad fhathast: a bhrigh nach robh Iosa fhathast air a ghlorachadh.
40Uime sin nuair chuala cuid am measg an t-sluaigh sin na briathran so, thuirt iad: Se so a rireadh am faidh.
41Thuirt cuid eile: Se so Criosta. Ach thuirt roinn eile: An tig Criosta á Galile?
42Nach eil an sgriobtur a g-radh: Gur ann bho shiol Dhài, ʼs bho bhaile Bhethlehem far an robh Dài, a thig Criosta?
43Mar sin dhʼeirich easaontas am measg an t-sluaigh as a leth.
44Agus bha toil aig cuid diubh a ghlacadh: ach cha do chuir duine sa bith lamh air.
45An sin thainig na maoir thun nan ard-shagart ʼs nam Phairiseach. Agus thuirt iadsan riu: Car-son nach tug sibh leibh e?
46Fhreagair na maoir: Cha do labhair duine riamh mar an duine so.
47Fhreagair ma ta na Phairisich iad: A bheil sibhse cuideachd air ur mealladh?
48Na chreid aon fhear de na riaghladairean ann, no de na Phairisich?
49Ach an sluagh so dha nach aithne an lagh, tha iad mollaichte.
50Thuirt Nicodemus riu, esan a thainig ga ionnsuidh trath oidhche, ʼs e fhein ʼna fhear dhiubh:
51Am beil an lagh againne a toirt breth air duine gun chluinntinn bhuaithe fhein an toiseach, ʼs mu ʼm bi fios ciod a tha e dianamh?
52Fhreagair iadsan, us thuirt iad ris: An Galiléanach thusa cuideachd? Rannsaich na sgriobtuirean, agus faic nach eirich faidh á Galile.
53Us thill gach duine gu thigh fhein.

Currently Selected:

N. Eoin 7: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in