YouVersion Logo
Search Icon

N. Luc 9

9
IX. CAIB.
Criosta cur ʼostal air an adhart: a riarachadh choig mile le coig builionnan: a caochladh cruth: ʼsa cur a mach deomhain.
1An sin a gairm ri cheile an dà ostal dhiag, thug e cumhachd agus ughdaras dhaibh thairis air na deomhain gu leir, us air easlaintean a leigheas.
2Agus chuir e iad a theagasg rioghachd Dhe, ʼsa leigheas dhaoine tinne.
3Us thuirt e riu: Na tugaibh dad leibh air an t-slighe, no bata, no màla, no aran, no airgiod, ʼs na biodh dà chota agaibh.
4Agus tigh air bith san teid sibh a stigh, fanaibh an sin ʼs na rachaibh as.
5Agus co sa bith nach gabh ribh, air dhuibh dol a mach as a bhaile sin, crathaibh dhibh duslach ur casan, mar theisteanas ʼnan aghaidh.
6Agus air dol a mach dhaibh, thug iad cuairt feadh nam bailtean a searmonachadh an t-soisgeil, ʼsa leigheas anns gach aite.
7A nis chuala Herod an tetrarc mu na nichean sin uile a rinneadh leis, agus bha e ann an teagamh, a chionn ʼs gun deach a radh le cuid:
8Gun dʼeirich Eoin bho na mairbh; ach le cuid eile: Gun tainig Elias; ʼs le cuid eile: Gun dʼ eirich fear de na seann fhaidhean a rithist.
9Us thuirt Herod: Thug mise an ceann dhe Eoin: ach co e so mu bheil mi cluinntinn leithid de nichean? Agus bha e an geall air fhaicinn.
10ʼS nuair a thill na h-ostail, dhʼinnis iad dha gach uile ni a rinn iad; agus gan toirt leis chaidh e lethtaobh gu aite fàs, a tha faisg do Bhethsaida.
11Nuair thuig an sluagh so, lean iad e; agus ghabh e riu, us labhair e riu mu rioghachd Dhe, agus leighis e iadsan, a bha am feum leighis.
12Ach thòisich an latha air tarruinn gu deireadh. Agus thainig na dhà-dhiag, us thuirt iad ris: Cuir an sluagh air falbh, los, a siubhal do na bailtean agus do ʼn duthaich mun cuairt, gum faigh iad fardach agus biadh: oir tha sinn an so an aite fàs.
13Us thuirt e riu: Thugaibh fhein biadh dhaibh. Ach fhreagair iadsan: Cha n-eil againn tuilleadh na coig builionnan, agus dà iasg: nas lugha na theid sinn ma dhʼ fhaoidte us biadh a cheannach do ʼn t-sluagh so uile.
14Oir bha iad mun cuairt do choig mile fear. Us thuirt e ri dheisciopuil: Thugaibh orra suidhe sios lethchiad ʼs gach buidhinn.
15Agus rinn iad mar sin. Agus thug iad orra uile suidhe sios.
16Agus ghlac e na coig builionnan ʼs an dà iasg, ʼsa sealltuinn suas gu neamh bheannaich e iad: agus bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad, gus an cur air bialaobh an t-sluaigh.
17Us dhʼith iad uile, agus riaraicheadh iad. Agus thogadh dà chliabh dhiag de na pronnagan, a bha dhʼfhuighleach aca.
18Us thachair, nuair a bha e ri urnaigh leis fhein, gun robh a dheisciopuil cuideachd maille ris; agus dhʼfharraid e dhiu, a g-radh: Co a tha an sluagh a cantuinn is mi?
19Ach fhreagair iad, agus thuirt iad: Eoin Baiste; ach cuid, Elias; us cuid eile, gun dʼeirich a rithist fear de na faidhean a bha ann bho shean.
20Us thuirt esan riu: Ach co tha sibhse g-radh is mi? Fhreagair Simon Peadar, a g-radh: Criosta Dhe.
21Ach dhʼorduich e dhaibh le sparradh cruaidh, gun iad a dhʼinnse so do neach air bith:
22Oir feumaidh, os esan, Mac an duine moran fhulang, ʼsa bhith air a dhiultadh leis na seanairean, agus leis na h-ard-shagairt, agus leis na Sgriobhaich, ʼsa bhith air a chur gu bàs, agus eirigh a rithist an treas latha.
23Us thuirt e riu uile: Ma ʼs aill le neach sam bith tighinn am dheighse, aicheadh e e fhein, agus togadh e a chrois a h-uile latha, agus leanadh e mi.
24Oir an neach leis an aill a bheatha thiarnadh, caillidh e i: oir an neach a chailleas a bheatha air mo shonsa, tiarnaidh e i.
25Oir dé ʼs fheairde duine an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e e fhein, no ma bheir e sgrios air fhein?
26Oir an neach a ghabhas naire asamsa us á mo bhriathran, gabhaidh Mac an duine naire as-san, nuair a thig e ʼna mhoralachd, ʼs am moralachd Athar, ʼs nan ainglean naomh.
27Agus tha mi g-innse dhuibh le firinn: Tha cuid ʼnan seasamh an so, nach blais bàs, gus am faic iad rioghachd Dhe.
28Us thachair, mu thimchioll ochd latha an deigh nam briathran so, gun tug e leis Peadar, us Seumas, us Eoin, ʼs gun deach e suas gu beinn a dhianamh urnaigh.
29ʼS nuair a bha e ri urnaigh dhʼ atharraicheadh snuadh a ghnuis; us dhʼfhàs eideadh geal us dealrach.
30Agus, seall, bha dithis dhaoine a labhairt ris. Us bʼiad Maois agus Elias,
31A chunnacas ann am mor-ghloir; ʼs bha iad a labhairt mu bhàs, a bha e dol a choimhlionadh ann an Ierusalem.
32Ach bha Peadar us iadsan, a bha cuide ris, ʼnan trom-shuain. ʼSa dusgadh chunnaic iad a ghloir, ʼs an dithis dhaoine a bha an taice ris.
33Agus thachair, nuair bha iad a dealachadh ris, gun tuirt Peadar ri Iosa: A Mhaighistir, is math dhuinn a bhith an so; us dianamaid tri paillionan, a h-aon dhutsa, ʼsa h-aon do Mhaois, ʼsa h-aon do Elias: gun fhios aige ciod a bha e g-radh.
34Bha e fhathast a bruidhinn, nuair thainig nial, a chuir sgàile orra; us ghabh iad eagal, nuair chaidh iad a stigh san nial.
35Agus thainig guth as an nial, a g-radh: Se so mo Mhac ionmhuinn; eisdibh ris.
36ʼS nuair a labhradh an guth, fhuaras Iosa leis fhein. Us dhʼfhan iadsan samhach, agus cha dʼinnis iad sna lài sin do dhuine aon ni dhe na chunnaic iad.
37Agus thachair an ath latha, ʼs iad a tearnadh bho ʼn bheinn, gun do choinnich moran sluaigh e.
38Agus, seall, dhʼeigh fear am measg an t-sluaigh, a g-radh: A mhaighistir, guidheam ort, seall air mo mhac, ʼs gur e mʼ aon mhac e.
39Agus, seall, tha spiorad ga ghlacadh, ʼs tha esan san uair a toirt ràin as, ʼs ga thilgeil ri talamh tha e ga stroiceadh us cop mu bhial; agus is gann a sguireas e ga riasladh:
40Agus dhʼiarr mi air do dheisciopuil a thilgeadh a mach, ʼs cha bʼurrainn daibh.
41Agus thuirt Iosa, ʼs e freagairt: O ghinealaich ana-chreidich agus choirbte, cia fhad a bhios mi maille ribh, ʼsa chuireas mi suas ribh? Thoir an so do mhac.
42ʼS nuair a bha e tighinn ga ionnsuidh, thilg an deomhan sios e, agus riab e e.
43Agus chronaich Iosa an spiorad neoghlan, agus leighis e an gille, agus thug e dha athair e.
44Us ghabh iad uile iongantas á moralachd Dhe; ach nuair a bha iad uile lan ioghnaidh as na nichean uile, a rinn e, thuirt e ri dheisciopuil: Gleidhibh na briathran so ʼnur cridheachan: oir tachraidh, gun liubhrar Mac an duine do lamhan dhaoine.
45Ach cha do thuig iad am facal so, agus bha e am falach orra, ann an rathad ʼs nach do ghlac iad a bhrigh; agus bha sgàth orra fharraid dheth mu ʼn fhacal so.
46Agus chinn an smaointe unnta, co dhiu bu mhua bhiodh.
47Ach Iosa a faicinn smaointean an cridhe, rug e air leanabh, agus chuir e lamh ris e,
48Us thuirt e riu: Co sam bith a ghabhas ris an leanabh so na mʼainmse, tha e gabhail riumsa; agus co sam bith a ghabhas riumsa, tha e gabhail ris-san a chuir mi. Oir esan is lugha ʼnur measg uile, se is mua.
49Agus thuirt Eoin, ʼs e freagairt: A Mhaighistir, chunnaic sinn feareigin a tilgeadh a mach dheomhan na tʼ ainmse, agus bhac sinn e: chionn nach eil e ga ʼr leanailt-ne.
50Us thuirt Iosa ris: Na bacaibh e: oir an neach nach eile ʼnur n-aghaidh, tha e leibh.
51Agus thachair, nuair bha laithean a dheasghabhail gan coimhlionadh, gun do shuidhich e aghaidh gu dian gu dol gu Ierusalem.
52Agus chuir e teachdairean roimh ghnuis; agus air an siubhal chaidh iad a stigh do bhaile leis na Samaritanaich, a dheasachadh air a shon.
53Us cha do ghabh iad ris; oir bha e coltach ri fear am beachd dol gu Ierusalem.
54ʼS nuair chunnaic a dheisciopuil, Seumas agus Eoin, so, thuirt iad: A Thighearna, an e do thoil gun iarr sinn teine a thighinn a nuas bho neamh, agus an sgrios?
55ʼSa tionndadh chronaich e iad, a g-radh: Cha leir dhuibh co an spiorad dha ʼm buin sibh.
56Cha n-ann gu anmannan a sgrios a thainig Mac an duine, ach gus an sabhaladh. Agus thriall iad gu baile eile.
57Agus thachair, ʼs iad a g-imeachd air an t-slighe, gun tuirt cuideigin ris: Leanaidh mi thu ge bʼe aite an teid thu.
58Thuirt Iosa ris: Tha tuill aig na sionnaich, agus nid aig eoin an athair: Ach aig Mac an duine cha n-eil aite far an leag e cheann.
59Us thuirt e ri fear eile: Lean mise. Ach thuirt esan: A Thighearna, leig leam an toiseach dol a thiodhlaiceadh mʼ athar.
60Us thuirt Iosa ris: Leig leis na mairbh am mairbh fhein a thiodlaiceadh: ach theirig thusa, agus searmonaich rioghachd Dhe.
61Us thuirt fear eile: Leanaidh mi thu, a Thighearna, ach leig leam an toiseach mo chead a ghabhail dhiu-san a thʼaig an tigh.
62Thuirt Iosa ris: Cha n-eil duine air bith, a chuireas a lamh ris a chrann, ʼsa sheallas air ais, ʼna airidh air rioghachd Dhe.

Currently Selected:

N. Luc 9: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in