YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 53:1-12

Isaiah 53:1-12 LSN1987

Cia tearc an dream, le creideimh beò a ghabhas eòlas uainn; No mhothaicheas om fiosrach fhèin, mòr‑chumhachd Dhè nan sluagh? 2 Tha Ìosa teachd, gun ghreadhnachas, a dh'fhoillseachadh cia dlùth; Oir àille thalmhaidh air cha bhi, no bheag de iongnadh shùl. 3 Mar chinneas ann am fàsach fhaoin luibh mhaoth, gun chùram sluaigh, Mar sin, san t‑saoghal aingidh seo, dh'fhàs Crìosd fo ainneart suas. 4 Fo dhìmeas is fo tharcais dhaoin', feuch fear an àmhghair thruaigh! Is bròn a' leantainn ris gun chlos, an taobh a bhos don uaigh. 5 Ach cha b' e fhèin, ach sinne thoill gach cràdh a rinn a leòn; Oir, neochiontach sheas e nar riochd 's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn. 6 Gidheadh mar dhroch dhuin mheasadh e, 's mar fhògarach o ghràs: Tràth dhòirt e fhuil airson an t‑sluaigh, fo osnaidh chruaidh a' bhàis. 7 Le naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan, ar truaillidheachd 's ar lochd; Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs gu bràth ar n‑anman bochd. 8 Chaidh daoine dall is ceannairceach air seachran truagh, mar threud; Ach ghiùlain Crìosd ar n‑eusaontas, is dhìol ar n‑uile bheud. 9 Fo bhuillean trom ar smachdachaidh, feuch giùlan caomh Mhic Dhè! Mar uan a' chasgraidh, 's amhlaidh sin, cha d' dh'fhosgail e a bheul. 10 A neochionta cò dh'fhoillsicheas! 's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs? Feuch dhìteadh e le samhladh reachd, is thugadh seach gu bàs. 11 Le peacaich laigh e sìos san dus, na beartaich thug dha uaigh; Mar chaith e bheatha, chrìochnaich e, gun chiont, air meud a thruaigh, 12 Mar seo ged bhruthadh e le Dia, dh'èirich ar Triath a‑rithist. Oir ìobairt iomlan aoin Mhic fhèin dhìol ceartas Dhè gu sìor: 13 Oir, arsa Dia, làn‑shoirbhichidh mo thlachd na làimh gun cheist; Bidh ghineal lìonmhor feadh gach linn, 's bidh inbhe mòr am feast. 14 Bidh anam ait tràth dhearcas e air toradh pailt a phèin; Is bheir na slòigh a shlànaich e, cliù sìor dhan Slàn'ear treun. 15 Roinnidh e chreach le laochraidh treun; 's don eug bheir gach aon nàmh; Le ciontaich ged laigh e san uaigh, dh'èirich le buaidh an‑àird. 16 Dh'fhuiling e dhìolaidh cionta dhaoin' a dh'fhaotainn sìth dha shluagh; 'S mar charaid sìor‑bheò nis air nèamh, tagraidh e 'n cùis gach uair.

Verse Images for Isaiah 53:1-12

Isaiah 53:1-12 - Cia tearc an dream, le creideimh beò
a ghabhas eòlas uainn;
No mhothaicheas om fiosrach fhèin,
mòr‑chumhachd Dhè nan sluagh?
2 Tha Ìosa teachd, gun ghreadhnachas,
a dh'fhoillseachadh cia dlùth;
Oir àille thalmhaidh air cha bhi,
no bheag de iongnadh shùl.
3 Mar chinneas ann am fàsach fhaoin
luibh mhaoth, gun chùram sluaigh,
Mar sin, san t‑saoghal aingidh seo,
dh'fhàs Crìosd fo ainneart suas.
4 Fo dhìmeas is fo tharcais dhaoin',
feuch fear an àmhghair thruaigh!
Is bròn a' leantainn ris gun chlos,
an taobh a bhos don uaigh.
5 Ach cha b' e fhèin, ach sinne thoill
gach cràdh a rinn a leòn;
Oir, neochiontach sheas e nar riochd
's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn.
6 Gidheadh mar dhroch dhuin mheasadh e,
's mar fhògarach o ghràs:
Tràth dhòirt e fhuil airson an t‑sluaigh,
fo osnaidh chruaidh a' bhàis.
7 Le naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan,
ar truaillidheachd 's ar lochd;
Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs
gu bràth ar n‑anman bochd.
8 Chaidh daoine dall is ceannairceach
air seachran truagh, mar threud;
Ach ghiùlain Crìosd ar n‑eusaontas,
is dhìol ar n‑uile bheud.
9 Fo bhuillean trom ar smachdachaidh,
feuch giùlan caomh Mhic Dhè!
Mar uan a' chasgraidh, 's amhlaidh sin,
cha d' dh'fhosgail e a bheul.
10 A neochionta cò dh'fhoillsicheas!
's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs?
Feuch dhìteadh e le samhladh reachd,
is thugadh seach gu bàs.
11 Le peacaich laigh e sìos san dus,
na beartaich thug dha uaigh;
Mar chaith e bheatha, chrìochnaich e,
gun chiont, air meud a thruaigh,
12 Mar seo ged bhruthadh e le Dia,
dh'èirich ar Triath a‑rithist.
Oir ìobairt iomlan aoin Mhic fhèin
dhìol ceartas Dhè gu sìor:
13 Oir, arsa Dia, làn‑shoirbhichidh
mo thlachd na làimh gun cheist;
Bidh ghineal lìonmhor feadh gach linn,
's bidh inbhe mòr am feast.
14 Bidh anam ait tràth dhearcas e
air toradh pailt a phèin;
Is bheir na slòigh a shlànaich e,
cliù sìor dhan Slàn'ear treun.
15 Roinnidh e chreach le laochraidh treun;
's don eug bheir gach aon nàmh;
Le ciontaich ged laigh e san uaigh,
dh'èirich le buaidh an‑àird.
16 Dh'fhuiling e dhìolaidh cionta dhaoin'
a dh'fhaotainn sìth dha shluagh;
'S mar charaid sìor‑bheò nis air nèamh,
tagraidh e 'n cùis gach uair.Isaiah 53:1-12 - Cia tearc an dream, le creideimh beò
a ghabhas eòlas uainn;
No mhothaicheas om fiosrach fhèin,
mòr‑chumhachd Dhè nan sluagh?
2 Tha Ìosa teachd, gun ghreadhnachas,
a dh'fhoillseachadh cia dlùth;
Oir àille thalmhaidh air cha bhi,
no bheag de iongnadh shùl.
3 Mar chinneas ann am fàsach fhaoin
luibh mhaoth, gun chùram sluaigh,
Mar sin, san t‑saoghal aingidh seo,
dh'fhàs Crìosd fo ainneart suas.
4 Fo dhìmeas is fo tharcais dhaoin',
feuch fear an àmhghair thruaigh!
Is bròn a' leantainn ris gun chlos,
an taobh a bhos don uaigh.
5 Ach cha b' e fhèin, ach sinne thoill
gach cràdh a rinn a leòn;
Oir, neochiontach sheas e nar riochd
's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn.
6 Gidheadh mar dhroch dhuin mheasadh e,
's mar fhògarach o ghràs:
Tràth dhòirt e fhuil airson an t‑sluaigh,
fo osnaidh chruaidh a' bhàis.
7 Le naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan,
ar truaillidheachd 's ar lochd;
Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs
gu bràth ar n‑anman bochd.
8 Chaidh daoine dall is ceannairceach
air seachran truagh, mar threud;
Ach ghiùlain Crìosd ar n‑eusaontas,
is dhìol ar n‑uile bheud.
9 Fo bhuillean trom ar smachdachaidh,
feuch giùlan caomh Mhic Dhè!
Mar uan a' chasgraidh, 's amhlaidh sin,
cha d' dh'fhosgail e a bheul.
10 A neochionta cò dh'fhoillsicheas!
's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs?
Feuch dhìteadh e le samhladh reachd,
is thugadh seach gu bàs.
11 Le peacaich laigh e sìos san dus,
na beartaich thug dha uaigh;
Mar chaith e bheatha, chrìochnaich e,
gun chiont, air meud a thruaigh,
12 Mar seo ged bhruthadh e le Dia,
dh'èirich ar Triath a‑rithist.
Oir ìobairt iomlan aoin Mhic fhèin
dhìol ceartas Dhè gu sìor:
13 Oir, arsa Dia, làn‑shoirbhichidh
mo thlachd na làimh gun cheist;
Bidh ghineal lìonmhor feadh gach linn,
's bidh inbhe mòr am feast.
14 Bidh anam ait tràth dhearcas e
air toradh pailt a phèin;
Is bheir na slòigh a shlànaich e,
cliù sìor dhan Slàn'ear treun.
15 Roinnidh e chreach le laochraidh treun;
's don eug bheir gach aon nàmh;
Le ciontaich ged laigh e san uaigh,
dh'èirich le buaidh an‑àird.
16 Dh'fhuiling e dhìolaidh cionta dhaoin'
a dh'fhaotainn sìth dha shluagh;
'S mar charaid sìor‑bheò nis air nèamh,
tagraidh e 'n cùis gach uair.Isaiah 53:1-12 - Cia tearc an dream, le creideimh beò
a ghabhas eòlas uainn;
No mhothaicheas om fiosrach fhèin,
mòr‑chumhachd Dhè nan sluagh?
2 Tha Ìosa teachd, gun ghreadhnachas,
a dh'fhoillseachadh cia dlùth;
Oir àille thalmhaidh air cha bhi,
no bheag de iongnadh shùl.
3 Mar chinneas ann am fàsach fhaoin
luibh mhaoth, gun chùram sluaigh,
Mar sin, san t‑saoghal aingidh seo,
dh'fhàs Crìosd fo ainneart suas.
4 Fo dhìmeas is fo tharcais dhaoin',
feuch fear an àmhghair thruaigh!
Is bròn a' leantainn ris gun chlos,
an taobh a bhos don uaigh.
5 Ach cha b' e fhèin, ach sinne thoill
gach cràdh a rinn a leòn;
Oir, neochiontach sheas e nar riochd
's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn.
6 Gidheadh mar dhroch dhuin mheasadh e,
's mar fhògarach o ghràs:
Tràth dhòirt e fhuil airson an t‑sluaigh,
fo osnaidh chruaidh a' bhàis.
7 Le naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan,
ar truaillidheachd 's ar lochd;
Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs
gu bràth ar n‑anman bochd.
8 Chaidh daoine dall is ceannairceach
air seachran truagh, mar threud;
Ach ghiùlain Crìosd ar n‑eusaontas,
is dhìol ar n‑uile bheud.
9 Fo bhuillean trom ar smachdachaidh,
feuch giùlan caomh Mhic Dhè!
Mar uan a' chasgraidh, 's amhlaidh sin,
cha d' dh'fhosgail e a bheul.
10 A neochionta cò dh'fhoillsicheas!
's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs?
Feuch dhìteadh e le samhladh reachd,
is thugadh seach gu bàs.
11 Le peacaich laigh e sìos san dus,
na beartaich thug dha uaigh;
Mar chaith e bheatha, chrìochnaich e,
gun chiont, air meud a thruaigh,
12 Mar seo ged bhruthadh e le Dia,
dh'èirich ar Triath a‑rithist.
Oir ìobairt iomlan aoin Mhic fhèin
dhìol ceartas Dhè gu sìor:
13 Oir, arsa Dia, làn‑shoirbhichidh
mo thlachd na làimh gun cheist;
Bidh ghineal lìonmhor feadh gach linn,
's bidh inbhe mòr am feast.
14 Bidh anam ait tràth dhearcas e
air toradh pailt a phèin;
Is bheir na slòigh a shlànaich e,
cliù sìor dhan Slàn'ear treun.
15 Roinnidh e chreach le laochraidh treun;
's don eug bheir gach aon nàmh;
Le ciontaich ged laigh e san uaigh,
dh'èirich le buaidh an‑àird.
16 Dh'fhuiling e dhìolaidh cionta dhaoin'
a dh'fhaotainn sìth dha shluagh;
'S mar charaid sìor‑bheò nis air nèamh,
tagraidh e 'n cùis gach uair.