1
Eòin 5:24
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal‐sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.
Compara
Explorar Eòin 5:24
2
Eòin 5:6
Nuair a chunnaic Iosa esan na laighe, agus fhios aige gu robh e a‑nis ùine fhada mar sin, thubhairt e ris, Am miann leat a bhith air do dhèanamh slàn?
Explorar Eòin 5:6
3
Eòin 5:39-40
Rannsaichibh na sgriobtairean, oir tha sibh a’ saoilsinn gu bheil a’ bheatha mhaireannach agaibh annta; agus is iad sin a tha a’ toirt fianais mum thimcheall‐sa. Gidheadh chan àill leibh teachd am ionnsaigh‐sa, a‑chum gum faigheadh sibh beatha.
Explorar Eòin 5:39-40
4
Eòin 5:8-9
Thubhairt Iosa ris, Eirich, tog do leabaidh, agus imich. Agus air ball rinneadh an duine slàn, agus thog e a leabaidh, agus dh’imich e: agus bha an t‑sàbaid ann air an là sin.
Explorar Eòin 5:8-9
5
Eòin 5:19
Air an adhbhar sin fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil am Mac comasach air nì sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach an nì a chì e an t‑Athair a’ dèanamh: oir ge bè nithean a nì esan, na nithean sin fhèin nì am Mac mar an ceudna.
Explorar Eòin 5:19
Inici
La Bíblia
Plans
Vídeos