Agus bithidh comharran anns a ghrein, agus anns a ghealaich, agus anns na reultan; ʼs air an talamh airc nan cinneach as leth uamhunn nuallan na mara ʼs nan tonn:
Daoine a seargadh as le eagal, ʼs le suil ri ciod a dhʼ eireas do ʼn t-saoghal gu leir: oir bithidh cumhachdan nan neamh air an gluasad;
ʼS an sin chi iad Mac an duine a tighinn air neul, le cumhachd mhoir ʼs le gloir.