Eòin 2

2
1 Rinn Crìosd fìon den uisge: 12 chaidh e do Chapernaum, agus do Ierusalem. 14 Far an do ghlan e an teampall o luchd‐reic agus luchd‐ceannaich: 19 ro‑innis e a bhàs agus aiseirigh. 23 Chreid mòran ann airson a mhìorbhailean, ach cha d’earb e e fhèin riu.
1Agus air an treas là bha pòsadh ann an Cana Ghalile#Eòin 4:46; Ios 19:28; agus bha màthair Iosa an sin.
2Agus fhuair Iosa mar an ceudna agus a dheisciobail cuireadh a‑chum a’ phòsaidh.
3Agus air teireachdainn don fhìon, thubhairt màthair Iosa ris, Chan eil fìon aca.
4Thubhairt Iosa rithe, Ciod e mo ghnothach‐sa riut, a bhean? Cha tàinig m’uair‐sa fhathast.
5Thubhairt a mhàthair ris an luchd‐frithealaidh, Ge bè nì a their e ribh, dèanaibh e#Lùc 5:5, 6.
6Agus bha sia soithichean‐uisge de chloich air an cur an sin, a rèir gnàth‐glanaidh nan Iùdhach, a ghabhadh dà fheircin no trì, gach aon dhiubh.
7Thubhairt Iosa riu, Lìonaibh na soithichean le uisge. Agus lìon iad iad gus am beul.
8Agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑nis, agus thugaibh a‑chum uachdaran na cuirme#Ròm 13:7. Agus thug iad ann e.
9Nuair a bhlais uachdaran na cuirme an t‑uisge a rinneadh na fhìon (agus cha robh fhios aige cia as a thàinig e; ach bha fhios aig an luchd‐frithealaidh a tharraing an t‑uisge), ghairm uachdaran na cuirme am fear nuadh‐pòsda,
10Agus thubhairt e ris, Cuiridh gach duine fìon math an làthair air tùs; agus nuair a dh’òlas daoine gu leòr, an sin am fìon as miosa: ach ghlèidh thusa am fìon math gus a‑nis.
11Seo toiseach nam mìorbhailean a rinn Iosa ann an Cana Ghalile, agus dh’fhoillsich e a ghlòir#Eòin 1:14; 11:40; agus chreid a dheisciobail ann.
12An dèidh seo chaidh e sìos do Chapernàum, e fhèin, agus a mhàthair, agus a bhràithrean#Mat 12:46; 13:55, 56, agus a dheisciobail; agus cha d’fhan iad ann mòran làithean.
13Agus bha càisg nan Iùdhach am fagas#Ecs 12:14; agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem#Eòin 5:1; 6:4; 11:55,
14Agus fhuair e nan suidhe anns an teampall luchd‐reic cruidh#Mat 21:12; Marc 11:15; Lùc 19:45, agus chaorach, agus chalaman, agus luchd‐malairt an airgid:
15Agus air dèanamh sgiùrsair dha de chùird chaola, dh’fhuadaich e a‑mach as an teampall iad uile, agus na caoraich agus an crodh; agus dhòirt e a‑mach airgead an luchd‐malairt, agus thilg e na bùird thairis;
16Agus thubhairt e riùsan a bha a’ reic chalaman, Togaibh iad sin à seo; na dèanaibh taigh m’Athar‐sa na thaigh‐marsantachd.
17Agus chuimhnich a dheisciobail gu robh e sgrìobhte, Dh’ith eud do thaighe suas mi#Salm 69:9.
18An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nochdas tu dhuinne#Eòin 6:30; Mat 12:38, etc., do bhrìgh gu bheil thu a’ dèanamh nan nithean sin?
19Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Leagaibh sìos an teampall seo#Mat 26:61; 27:40, agus ann an trì làithean cuiridh mise suas e.
20An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Sia bliadhna agus dà‑fhichead bha an teampall seo ga thogail, agus an cuir thusa suas ann an trì làithean e?
21Ach labhair esan mu theampall a chuirp#Eòin 1:14; Col 2:9; 1 Cor 6:19.
22Uime sin nuair a bha e air èirigh o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail gun dubhairt e seo#Lùc 24:8: agus chreid iad an sgriobtar, agus am facal a thubhairt Iosa.
23A‑nis nuair a bha e ann an Ierusalem aig a’ chàisg, air an fhèill, chreid mòran na ainm, nuair a chunnaic iad na mìorbhailean a rinn e.
24Ach cha d’earb Iosa e fhèin riu, do bhrìgh gum b’aithne dha na h‑uile dhaoine#Eòin 16:30; 21:17; Mat 9:4; Gnìo 1:24; Tais 2:23,
25Agus nach robh feum aige neach air bith a dhèanamh fianais air duine: oir bha fhios aige ciod a bha anns an duine.

S'ha seleccionat:

Eòin 2: ABIG

Subratllat

Comparteix

Copia

None

Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió