N. Eoin 3

3
III. CAIB.
Comhradh Chriosta ri Nicodemus: teisteanas Eoin.
1Agus bha duine ann dhe na Phairisich, dha ʼm bʼ ainm Nicodemus, a bha ʼna riaghladair air na h-Iudhaich.
2Thainig an duine so gu Iosa san oidhche, us thuirt e ris: A Rabbi, is aithne dhuinn gun tainig thu na dʼ fhear-teagaisg bho Dhia: oir cha n-eil e an comas duine air bith na miarailtean sin a dhianamh, a tha thusa dianamh, mur biodh Dia maille ris.
3Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: Amen, amen, tha mi g-radh riut: mur bi duine air a bhreith a rithist, cha n-urrainn e rioghachd Dhe fhaicinn.
4Thuirt Nicodemus ris: Ciamar is urrainn do dhuine a bhith air a bhreith, nuair a tha e sean? an urrainn e dol a stigh a rithist am broinn a mhathar, ʼsa bhith air ath-bhreith?
5Fhreagair Iosa: Amen, amen, tha mi g-radh riut: mur bi duine air a bhreith a rithist le uisge ʼs leis an Spiorad Naomh, cha n-urrainn e dol a stigh do rioghachd Dhe.#3.5 III. 5. mur bi duine air a bhreith a rithist. Dhʼinnis ar Slanair le so nach bithear sabhailte gun bhaisteadh, agus leis an fhacal uisge tha e soilleir gum feumar uisge a chleachdadh comhla ris na briathran, Matu 28.19.
6Is feoil na rugadh bho fheoil; agus is spiorad na rugadh bho spiorad.
7Na gabh iongantas, gun tuirt mi riut: Feumaidh sibh a bhith air ur breith as ùr.
8Tha an spiorad a seideadh far an aill leis; ʼs tha thu a cluinntinn a ghuth, ach cha n-aithne dhut co as a tha e tighinn, no ceana tha e dol: is amhuil a tha h-uile h-aon a rugadh leis an spiorad.
9Fhreagair Nicodemus, us thuirt e ris: Ciamar a dhʼ fhaodas iad sin a bhith?
10Fhreagair Iosa, us thuirt e ris: A bheil thusa na dʼ mhaighistir ann an Israel, ʼs tu aineolach air na nichean so?
11Gu firinneach firinneach tha mi g-radh riut gum beil sinn a labhairt an ni is aithne dhuinn, ʼsa toirt fianuis air an ni a chunnaic sinn, ʼs cha n-eil sibhse gabhail ri ar fianuis.
12Ma labhair mi nichean talmhaidh ribh, ʼs nach eil sibh a creidsinn: ciamar a chreideas sibh, ma their mi ribh nichean neamhaidh?
13Agus cha deach duine air bith suas do fhlathanas, ach esan a thainig a nuas bho neamh, Mac an duine a tha air neamh.
14Agus mar a thog Maois an nathair suas san fhasach, is amhuil a dhʼfheumas Mac an duine a bhith air a thogail suas;
15Los nach teid neach sam bith, a tha creidsinn ann, a dhith, ach gum bi a bheatha shiorruidh aige.
16Oir thug Dia leithid de ghaol do ʼn t-saoghal, gun tug e ʼaonaghin Mic seachad; chum nach teid a h-aon air bith, a tha creidsinn ann, a dhith, ach gum bi a bheatha shiorruidh aige.
17Oir cha do chuir Dia a Mhac thun an t-saoghail gus an saoghal a dhiteadh, ach gus an saoghal a bhith air a shabhaladh leis.
18Esan a chreideas ann, cha dhitear e: ach esan nach creid, tha e cheana air a dhiteadh: a chionn nach eil e creidsinn ann an ainm aonghin Mhic Dhe.
19Agus se so an diteadh: a chionn gun tainig an solus thun an t-saoghail, ʼs gum bu docha le daoine an dorchadas na ʼn solus: oir bha an gniomhran olc.
20Oir tha grain aig gach neach, a tha dianamh an uilc, air an t-solus, ʼs cha n-eil e tighinn a dhʼionnsuidh an t-soluis, gus nach cronaichear ʼoibrichean:
21Ach am fear a ni an fhirinn, thig e thun an t-soluis, gus oibrichean a bhith air am foillseachadh: a chionn gur h-ann an Dia a rinneadh iad.
22ʼNan deigh sin thainig Iosa agus a dheisciopuil gu talamh Iudéa; us rinn e comhnuidh an sin maille riu, agus bha e a baisteadh.
23ʼS bha Eoin cuideachd a baisteadh ann an Ennon lamh ri Salim: a chionn ʼs gun robh moran uisge an sin, us thainig iad, agus bhaisteadh iad.
24Oir cha do thilgeadh Eoin fhathast am priosan.
25ʼS dhʼeirich ceisd eadar cuid de dheisciopuil Eoin agus na h-Iudhaich mu dheidhinn glanaidh.
26Agus thainig iad gu Eoin, us thuirt iad ris: A Rabbi, seall, tha esan, a bha comhla riut air taobh thall Iordain, ʼs air an tug thu fianuis, a baisteadh, agus tha daoine uile a tighinn ga ionnsuidh.
27Fhreagair Eoin, us thuirt e: Cha n-urrainn do dhuine ni air bith ghlacadh, mur toirear dha e bho neamh.
28Tha sibhse fhein a togail fianuis dhomh, gun tuirt mi: Cha mhi Criosta, ach gun deach mo chur roimhe.
29Is esan fear na bainnse aig a bheil bean na bainnse: ach tha caraid fear na bainnse, a tha ʼna sheasamh ʼs ga eisdeachd, a gabhail toil-inntinn le aighear á guth fear na bainnse. Mar sin tha mo thoil-inntinn-sa air a coimhlionadh.
30Is fheudar dhasan miadachadh, agus dhomhsa laghdachadh.
31Tha esan, a thʼ air tighinn as na h-ardaibh, fos cionn gach uile. Esan a tha bho ʼn talamh, tha e dhe ʼn talamh, ʼs dhe ʼn talamh tha a labhairt. Esan a tha bho neamh, tha e fos cionn nan uile.
32ʼS air an ni, a chunnaic ʼsa chual e, tha e toirt fianuis: ʼs cha n-eil duine a gabhail ri fhianuis.
33Esan a ghabh fhianuis, chuir e sheul ris gum beil Dia firinneach.
34Oir tha esan, a chuir Dia, a labhairt briathran Dhe: oir cha tug Dia seachad a spiorad le tomhas.
35Tha gaol aig an Athair air a Mhac; agus chuir e a h-uile ni ʼna laimh.
36Tha bheatha shiorruidh aige-san, a tha creidsinn sa Mhac: ach esan nach eil a creidsinn sa Mhac, cha n-fhaic e beatha, ach tha fearg Dhe a laidhe air.

S'ha seleccionat:

N. Eoin 3: MacETN

Subratllat

Comparteix

Copia

None

Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió