N. Eoin 5
5
V. CAIB.
Criosta leigheas air an t-sabaid an duine a bha euslan fad ochd bliadhnʼ-diag thar fhichead; a theagasg san àm chiadna.
1ʼNan deigh so bha là feill nan Iudhach ann, agus chaidh Iosa suas gu Ierusalem.
2A nis tha lochan aig Ierusalem, ris an abrar Probatica, ach se ainm san Eabhra Bethsaida, aig a bheil coig sgail-thighean.
3Bha ʼnan laidhe unnta sin cuideachda mhor de shluagh tinn, dall, bacach, seargte, a feitheamh ri gluasad an uisge.
4Oir air àman sonraichte theirinn aingeal an Tighearna do ʼn lochan; us ghluaiseadh an t-uisge. ʼSa chiad fhear a rachadh sios do ʼn lochan an deigh gluasad an uisge, leighiseadh e bho ghalar sam bith a bhiodh air.
5Agus bha duine araid an sin, a bha ochd bliadhnʼ-diag thar fhichead fo aiceid.
6Nuair chunnaic Iosa esan ʼna laidhe, us fios aige gun robh e nis fada dhʼ uine san staid sin, thuirt e ris: An aill leat a bhith air do leigheas?
7Fhreagair an duine euslainteach e: A Thighearna, cha n-eil duine agam, a chuireas san lochan mi, nuair a ghluaisear an t-uisge: oir nuair a tha mise a tighinn, tha neach eile a tearnadh romham.
8Thuirt Iosa ris: Eirich, tog do leaba, agus siubhail.
9Us ghrad-leighiseadh an duine; us thog e a leaba, agus shiubhail e. ʼS bʼ e latha na sàbaid a bhʼann.
10Uime sin bha na h-Iudhaich a g-radh ris-san a chaidh a leigheas: Se an t-sàbaid a thʼann, cha n-eil e ceadaichte dhut do leaba iomrachadh.
11Fhreagair e iad: Thuirt esan, a shlanaich mi, rium: Tog do leaba, agus siubhail.
12Uime sin dhʼfhaighnich iad ris: Co e an duine sin a thuirt riut: Tog do leaba, agus siubhail?
13Ach cha bʼaithne dhasan, a chaidh a leigheas, co bhʼ ann. Oir chaidh Iosa a lethtaobh bho ʼn t-sluagh a bha cruinn san aite.
14An deigh sin fhuair Iosa e san teampull, us thuirt e ris: Seall, tha thu air do leigheas: na peacaich á so suas, eagal rudeigin nas miosa eirigh dhut.
15Dhʼfhalbh an duine, us dhʼinnis e do na h-Iudhaich, gum bʼ e Iosa a shlanaich e.
16Air son so rinn na h-Iudhaich geur-leanmhuinn air Iosa: a chionn gun robh e dianamh nan nichean so air an t-sàbaid.
17Ach fhreagair Iosa iad: Tha mʼ Athair a g-oibreachadh gus a nis, ʼs tha mise g-oibreachadh.
18ʼSann as leth sin bu mhua deidh nan Iudhach air a mharbhadh: a chionn cha n-e mhain gun robh e bristeadh na sàbaid, ach cuideachd gun robh e cantuinn Dia ri ʼAthair, ga dhianamh fhein co-ionann ri Dia. An sin fhreagair Iosa, us thuirt e riu:
19Amen, amen tha mi g-radh ribh: cha n-urrainn do ʼn Mhac ni dhianamh bhuaithe fhein, ach na chi e an t-Athair a dianamh: oir ge bʼ iad na nichean a ni esan, iad sin ni am Mac mar an ciadna.
20Oir tha gaol aig an Athair air a Mhac, ʼs tha e fiachuinn dha gach ni a tha e fhein a dianamh; agus fiachaidh e gniomhran nas mua na iad so dha, air chor ʼs gun gabh sibh ioghnadh.
21Oir mar a tha an t-Athair a togail suas nam marbh, ʼsa toirt beatha dhaibh: mar an ciadna tha am Mac a toirt beatha dhaibh-san is aill leis.
22Cha mhua tha an t-Athair a toirt breth air neach air bith: ach thug e h-uile breitheanas do ʼn Mhac;
23Los gun tugadh daoine uile onair do ʼn Mhac, mar a tha iad a toirt onair do ʼn Athair. Esan nach eil toirt onair do ʼn Mhac, cha n-eil e toirt onair do ʼn Athair, a chuir e.
24Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gum beil a bheatha shiorruidh aige-san a dhʼeisdeas ri mʼ fhacalsa, ʼsa chreideas annsan a chuir mi, agus cha teid a dhiteadh, ach aisigear e bho bhàs gu beatha.
25Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh gum beil an uair a tighinn, ʼs gum beil i nis ann, anns an cluinn na mairbh guth Mhic Dhe: us bithidh iadsan a chluinneas beo.
26Oir mar a tha a bheatha aig an Athair ann fhein, mar sin thug e do ʼn Mhac a bheatha a bhith aige ann fhein;
27ʼS thug e cumhachd dha breitheanas a dhianamh: a chionn gur Mac an duine e.
28Na gabhaibh iongantas á so, oir tha an uair a tighinn, anns an cluinn iadsan uile, a tha sna h-uaighean, guth Mhic Dhe.
29Agus theid iadsan, a rinn nichean matha, gu aiseirigh na beatha: ach iadsan, a rinn olc, gu aiseirigh a bhreitheanais.
30Cha n-urrainn mise ni sa bith dhianamh bhuam fhein. Mar a tha mi cluinntinn, tha mi toirt breth; agus tha mo bhreth ceart: a chionn nach eil mi sireadh mo thoil fhein, ach a thoil-san a chuir mi.
31Ma tha mi ma ta toirt teisteanais orm fhein, cha n-eil mo theisteanas firinneach.
32Tha neach eile a toirt teisteanais orm; agus is aithne dhomh gum beil an teisteanas a tha e toirt orm firinneach.
33Chuir sibh gu Eoin; us thug e teisteanas air an fhirinn.
34Ach cha n-eil mise a gabhail teisteanais bho dhuine: ach tha mi g-radh nan nichean so gus sibhse a bhith sabhailte.
35Bʼ esan lochran lasrach agus dealrach. Us bha sibhse deonach car seal air toileachadh a ghabhail ʼna sholus.
36Ach tha teisteanas agamsa nas mua na teisteanas Eoin. Oir na gniomhran a thug an t-Athair dhomh gus an coimhlionadh, na gniomhran fhein a tha mi dianamh, tha iad a toirt teisteanais orm, guna chuir an t-Athair mi.
37Agus thug an t-Athair fhein, a chuir mi, teisteanas orm: cha chuala sibh riamh a ghuth, cha mhua chunnaic sibh a dhealbh.
38Agus cha n-eil fhacal a tamh unnaibh: a chionn esan a chuir e, cha n-eil sibh ga chreidsinn-sa.
39Rannsaichibh na sgriobtuirean, oir tha sibh an duil gum beil a bheatha mhairionnach agaibh unnta: agus ʼsiad sin a tha toirt teisteanais ormsa:#5.39 V. C. 39. No, tha sibh a rannsachadh nan sgriobtur. Scrutamini, ereunate. Cha n-e fainte a tha ʼn so do ʼn h-uile fear an sgriobtur a leughadh, ach cronachadh do na Phairisich, chionn iad a bhith am beachd, le rannsachadh nan sgriobtur, a bheatha mhairionnach fhaighinn unnta, agus nach gabhadh iad ris-san, air an tug an sgriobtur gu leir teisteanas, ʼs gur ann troimhse ʼna aonar a bʼ urrainn a bheatha fhirinneach sin a bhith aca.
40ʼS cha n-aill leibh tighinn h-ugamsa gus a bheatha a bhith agaibh.
41Cha n-eil mise a gabhail gloire bho dhaoine.
42Ach is aithne dhomh sibhse, nach eil gaol De agaibh unnaibh.
43Thainig mise an ainm mʼ Athar, ʼs cha n-eil sibh a gabhail rium: ma thig fear eile ʼna ainm fhein, gabhaidh sibh ris.
44Ciamar is urrainn sibh creidsinn, sibhse a tha gabhail gloire bho cheile, ʼsa ghloir a tha bho Dhia a mhain, cha n-eil sibh a sireadh?
45Na saoilibh gun dian mise casaid oirbh ris an Athair, Tha fear ann, a tha dianamh casaid oirbh, Maois, as a bheil sibhse a g-earbsa.
46Oir nan creideadh sibh Maois, theagamh gun creideadh sibh mise cuideachd: oir sgriobh e mu mʼ dheidhinn-sa.
47Ach mur creid sibh a sgriobhadh-sa, ciamar a chreideas sibh mo bhriathran-sa?
S'ha seleccionat:
N. Eoin 5: MacETN
Subratllat
Comparteix
Copia
Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017

: