N. Luc 24

24
XXIV. CAIB.
Aiseirigh Chriosta, agus a thaisbeanadh dha dheisciopuil.
1Agus ro-mhuch sa mhaduinn air a chiad latha de ʼn t-seachduin, thainig iad thun na h-uaighe, a toirt leo an spiosraidh a dheasaich iad.
2Us fhuair iad a chlach air a carachadh bho ʼn uaigh.
3ʼSa dol a stigh, cha dʼ fhuair iad corp an Tighearna Iosa.
4Us thachair, nuair bha iadsan fo ioghnadh ʼnan inntinn mu so, seall, sheas dithis dhaoine lamh riu an eideadh dealrach.
5ʼS nuair bha iad fo fhiamh, ʼsa cromadh an aghaidh gu làr, thuirt iad riu: Car-son tha sibh a sireadh a bheo am measg nam marbh?
6Cha n-eil e ʼn so, ach dhʼ eirich e: cuimhnichibh ciamar a thuirt e ribh, nuair a bha e fhathast ann an Galile,
7A g-radh: Feumaidh Mac an duine a bhith air a liubhairt do lamhan dhaoine peacach, agus air a cheusadh, agus eirigh a rithist air an treas latha.
8Agus chuimhnich iad a bhriathran.
9ʼS air tilleadh dhaibh bho ʼn uaigh, dhʼinnis iad so uile do na h-aon-diag, agus do chàch uile.
10Agus bʼ iad Mairi Magdalen, us Ioanna, us Mairi Sheumais, agus na boirionnaich eile, a bha comhla riu, a dhʼinnis na nichean so do na h-ostail.
11Ach mheasadh leosan mar bhreislich na briathran so; ʼs cha do chreid iad iad.
12Ach Peadar a g-eirigh, ruith e thun na h-uaighe; ʼsa cromadh sios chunnaic e na h-anartan air leth leo fhein, agus dhʼ fhalbh e, a gabhail ioghnaidh ann fhein as na nichean a thachair.
13Agus, fiach, bha dithis dhiu fhein a dol a cheart latha sin gu baile, dha ʼn ainm Emmaus, a bha tri fichead stàd bho Ierusalem.
14ʼS bha iad a comhradh ri cheile mu na nichean so uile a bha air tachairt.
15Agus thachair, nuair a bha iad a labhairt ʼsa reusonachadh ri cheile, gun do tharruinn Iosa fhein teann orra, ʼs gun do thriall e ʼnan cuideachda:
16Ach bha an suilean air an cumail air sheol ʼs nach dʼ aithnich iad e.
17Us thuirt e riu: Ciod an seanachas so a thʼ agaibh ri cheile, us sibh a triall agus dubhach?
18Agus fear dhiu, dha ʼm bʼ ainm Cleophas, ʼs e freagairt, thuirt e ris: An tusa a mhain a tha na dʼ choigreach ann an Ierusalem, ʼs nach aithne na nichean, a rinneadh anns na laithean so?
19Thuirt e riu: Ciod? Us thuirt iad: Mu Iosa bho Nasaret, a bha ʼna fhaidh, cumhachdach ann an gniomh ʼs am facal an lathair Dhe agus dhaoine uile;
20ʼS mar a liubhair ar n-ard-shagairt, ʼs ar n-uachdrain e gus a dhiteadh gu bàs, ʼs mar a cheus iad e.
21Ach bha sinne an earbsa gum bʼ e esan a bha gu Israel a shaoradh: agus a nis a thuilleadh air so uile, se an diugh an treas latha bho na rinneadh na nichean so.
22Seadh, agus chuir boirionnaich araid dhe ʼn chuideachda againne, a bha aig an uaigh romh shoillse an latha, fuathas oirnn,
23ʼS nuair nach dʼ fhuair iad a chorp, thainig iad a g-radh gum faca iad sealladh aingeal, a tha g-radh gum beil e beo.
24Us chaidh cuid de ʼn fheadhainn againne thun na h-uaighe, agus fhuair iad mar a thuirt na boirionnaich; ach cha dʼfhuair iad esan.
25ʼS an sin thuirt e riu: O amadana, us mall-chridheach gu creidsinn a h-uile ni a labhair na faidhean!
26Nach fheumadh Criosta iad so fhulang, agus mar so dol a stigh dha ghloir?
27ʼSa tòiseachadh aig Maois ʼs na faidhean uile, mhinich e dhaibh as na sgriobtuirean uile na bha mu dheidhinn fhein.
28Agus tharruinn iad teann air a bhaile gus an robh iad a dol, us ghabh esan air a bhith dol na bʼ fhaide.
29Ach cho-eignich iad e, a g-radh: Fan comhla ruinne, ʼs gum beil e teann air an fheasgar, agus deireadh an latha ann. Agus chaidh e stigh comhla riu.
30Us thachair, nuair a bha e aig bord maille riu, gun do ghlac e aran, agus bheannaich e, agus bhrist e, agus shìn e dhaibhse.
31Agus dhʼfhosgladh an suilean, us dhʼ aithnich iad e; agus chaidh esan as an sealladh.
32Us thuirt iad ri cheile: Nach robh ar cridhe a lasadh unnainn, am feadh a bha e labhairt san t-slighe, ʼsa; fosgladh dhuinn nan sgriobtur?
33ʼSa g-eirigh sa cheart uair, thill iad air an ais gu Ierusalem: agus fhuair iad cruinn na h-aon-diag, us iadsan a bha cuide riu,
34A g-radh: Dhʼeirich an Tighearna gu cinnteach, agus chunnacas le Simon e.
35Agus dhʼ aithris iadsan na rinneadh san t-slighe, ʼs mar a dhʼ aithnich iad e aig bristeadh an arain.
36ʼS air dhaibh bhith labhairt nan nichean so, sheas Iosa ʼnam miadhon, us thuirt e riu: Sith dhuibh: Is mise thʼann, na gabhaibh eagal.
37Ach shaoil iadsan, ʼs iad fo fhurban ʼs fo gheilt, gur spiorad a chunnaic iad.
38Us thuirt e riu: Car-son tha sibh fo fhurban, agus car-son tha smaointean a g-eirigh ʼnur cridheachan?
39Faicibh mo lamhan ʼs mo chasan, gur mi fhein a thʼ ann: laimhsichibh, agus fiachaibh: oir aig spiorad cha n-eil feoil us cnaimhean, mar a tha sibh a faicinn agamsa.
40Agus an deigh dha so radh, dhʼ fhiach e dhaibh a lamhan ʼsa chasan.
41Ach nuair nach robh iad fhathast a creidsinn, ʼsa bha iad fo ioghnadh le aighear, thuirt e: Am beil dad agaibh an so a dhʼ ithear?
42Us thairg iad dha mir de dhʼ iasg roiste, agus cir mheala.
43ʼS an deigh dha itheadh ʼnan lathair, a gabhail an fhuighlich thug e dhaibh e.
44Us thuirt e riu: ʼSiad so na briathran a labhair mi ribh, ʼs mi fhathast ʼnur cuideachda, gum feumar gach ni a choimhlionadh, a tha sgriobhte mu mʼ dheidhinn an lagh Mhaois, agus anns na faidhean, agus anns na sailm.
45An sin dhʼfhosgail e an tuigse, los gun tuigeadh iad na sgriobtuirean.
46Us thuirt e riu: Mar so tha e sgriobhte, ʼs mar so dhʼ fheumadh Criosta fulang, agus eirigh a rithist bho na mairbh air an treas latha;
47Agus peanas us mathanas pheacannan a bhith air an searmonachadh ʼna ainm, feadh a h-uile rioghachd, a tòiseachadh aig Ierusalem.
48ʼS tha sibhse ʼnur fianuisean air na nichean so.
49Agus cuiridh mi h-ugaibh gealladh mʼ Athar. Ach fuirichibhse sa bhaile, gus an comhdaichear sibh le neart bho neamh.
50Agus thug e a mach iad cho fad ri Bethania; ʼsa togail suas a lamhan, bheannaich e iad.
51Us thachair, ʼs e gam; beannachadh, gun a tharruinn e bhuapa, ʼs gun do thogadh suas do fhlathanas e.
52Agus thug iad aoradh dha, us thill iad gu Ierusalem le mor aoibhneas.
53Agus bha iad daonnan san teampull a moladh ʼsa beannachadh Dhe. Amen.

S'ha seleccionat:

N. Luc 24: MacETN

Subratllat

Comparteix

Copia

None

Vols que els teus subratllats es desin a tots els teus dispositius? Registra't o inicia sessió